Bha radain Fhùideigh coltach ri sithichean

THA iris a' tighinn a-staigh thugainn bho àm gu àm a bhios 'na thoileachas daonnan o thoiseach gu deireadh agus se sin Tocher.

Tha Tocher 59 (Sgoil Elais na h-Alba, 6) air a thoirt seachad do thoradh na h-obair aig Emily Lyle, a th' air a bhith aig an Sgoil faisg air 40 bliadhna. Mar sin tha deagh chuid ann far Ghalldachd (geamaichean buill, sgeulachdan mun sgoilear ainmeil Dersa Bochanan) 's Astrailia (a' chiad luchd-iteachaidh, plighean de locusts 's de choin fhiadhaich), ach cuideachd Barraigh (rain, cleachdaidhean trraidh, bleoghann chaorach) 's Bernaraigh na Hearadh (calanas).

Bidh a rogha fhin aig gach duine, ach bha mi fhn air mo bhe-ghlacadh le ran ibhinn a rinn Calum Dhmhnaill Barraigh do na radain. Se an rud morbhaileach gur ann aig Kate Hope (Ceit Bheag NicFhionghain) Bruairnis a chlr Emily e ann an 1976. Fhuair Ceit an t-ran bho Chalum fhin nuair bha i g. Bha i seachad air 90 a-nist 's a' fuireach ann an Gloucestershire!

Hide Ad

A rir Ceit, rinn Calum an t-ran nuair bha e aig iasgach nan giomach. Bhiodh sgioba dha na fir a' dol do dh'eilean air choreigin far an robh iad air an srachadh leis na radain. Thug mi sil air Deoch-Slinte nan Gillean, a cheannaich mi sa phost-oifis am Bgh a' Chaisteil ann an 1970, agus lorg mi an t-ran - seachd rannan seach na ceithir ann an Tocher, cmhla ri fiosrachadh. B'e Fideigh an t-eilean.

Mar sin, ann an digh se mealladh-dil a bh' ann, ach ann an digh chan e idir, oir ged a bha Deoch-Slinte 'na chuideachadh gu rudan ann an Tocher a thuigsinn, bha Tocher 'na chuideachadh gu rudan ann an Deoch-Slinte a thuigsinn. Agus an n a bhuail orm cho lidir sna ceithir rannan bha e cuideachd for sna seachd: chan eil am facal "radain" san ran. Chan eil aig Calum orra ach "am bannal", "Stan buidhe", "an comann", "bodach", "grunnd aca", "fear dhiubh", "iad". Neo ireamhan: "tr", "sia", "ciad aca"!

Tha e cur nan sithichean 'nam chuimhne (dream eile nach ainmicheadh tu). Seo ma-t, gu crochnachadh, toiseach agus deireadh aon rainn mar bha i aig Ceit:

'S rug mi air strabach do dharach is toil agam sgal thoirt do thr...

'S bha grunnd aca 'n glutadh a' bhalla ri 'g igheach, 'Dhomh aran is tea!'