BBC Alba: cus Beurla, cus fo-thiotalan?
A réir Gàidhlig.tv, buidheann air-loidhne a tha a’ cumail sùil air cleachdadh cànain ann an craobh-sgaoileadh, sann ann am Beurla as motha a tha móran de na prógraman a tha BBC Alba a’ tairgse mar phrógraman “Gàidhlig”, le guthan a’ bruidhinn Beurla ri’n cluinntinn suas ri 96 ás a’ cheud den ùine ann an cuid a phrógraman.
Tha am buidheann cuideachd air fianais a thrusadh gu bheil fo-thiotalan Beurla a’ dèanamh cron air ionnsachadh na Gàidhlig agus a’ milleadh an tlachd a ghabhas fileantaich sa chànain gun dòigh aig luchd coimhead roghainn a dhèanamh eadar cànainean air neo fiùs na fo-thiotalan a chur dheth. Nochdaidh fo-thiotalan am Beurla a-mhàin, ach nuair a bhios daoine a’ seinn laoidhean no sailm, an uair a chìthear na facail Ghàidhlig air an scrion.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAnn am beachd a’ bhàird ’s a’ chraoladair Aonghas Dubh MacNeacail, chan eil sin math gu leòr. “Dha na Gaidhil, le BBC Alba, chan eil ach bloigh sianail a-mhàin (a thaobh uairean dhen latha a tha e a’ craoladh) ri fhaotainn. Agus fiùs air an t-seirbheis sin fhéin, balbh gu beul an fheasgair, agus sàmhach a-rithist ro mheadhoin oidhche, tha uairean ro bhitheanta nuair a tha a’ Ghàidhlig caran gann.”
Dhìon BBC Alba ’s am buidheann maoineachaidh MG Alba na cleachdaidhean aca, a tha ag amas air aire an t-sluaigh mhóir a tharraing don chànain. “B’e an t-amas, le bhith a’ tabhann fo-thiotalan Beurla, an t-slighe a dhèanamh cho furasta ’s a ghabhadh do dhaoine ás aonais Gàidhlig a thighinn a choimhead prógraman BBC Alba.
“Tha a’ cho-bhanntachd a’ sùileachadh, le bhith a’ togail aithne do BhBC ALBA ’s dhan Ghàidhlig gun tig tuilleadh tuigse mun chànan. Tro thuigse thathas an dòchas gum fàs ùidh agus tron ùidh gur dòcha gun tig gluasad gu ionnsachadh. Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil an ro-innleachd ag obrachadh ri linn ’s gu bheil 87 ás a’ cheud de shluagh na h-Alba air aithne a thoirt do BhBC Alba, rud a tha a’ toirt aithne don Ghàidhlig cuideachd.”
Tha BBC Alba/MG Alba air son tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh sa chùis gus farsaingeachd de dh’fheumalachdan a shàsachadh. “Tha sinn mothachail dha-rìreabh gu bheil cuid de ar luchd amhairc nach eil riaraichte leis an ro-innleachd seo. Ach cuideachd agus gu bitheanta tha sinn a’ faighinn taing agus moladh bho dhaoine a tha a’ cleachdadh nam fo-thiotalan Beurla agus tha sin a’ cur ri an cuid toileachais leis an t-seirbheis.”
Ge-tà, chan e fo-thiotalan Beurla a-mhàin a tha draghail do luchd na Gàidhlig ach dìth Ghàidhlig fhéin ann an uiread de phrógraman. Tha Lisa Storey, a chuidich gus Gàidhlig.tv a chur air bhonn, air son aontachadh foirmeil fhaicinn far am biodh poileasaidh a’ BhBC a thaobh cànain nas soilleire agus nas bàidheile don Ghàidhlig. “Ged a bhiodh ceud ás a’ cheud de phrógraman nas fheàrr buileach, nam biodh aonta air a ruighinn air son 75 ás a’ cheud dhe na prògraman a bhith air an dèanamh gu tur ann an Gàidhlig, le guthan Gàidhlig agus gun ghuth air Beurla ann an dòigh sam bith – a’ cleachdadh teicneòlas, macmeanmna agus spionnadh air son sin a dhèanamh – an àite an àireamh glé bheag de phrógraman Gàidhlig a th’ aca an dràsta – nach fhaigheadh iad ‘taing agus moladh’ bho dhaoine a tha air stad a choimhead nam prógraman leis cho searbh ’s a tha iad dhe na fo-thiotalan.”
Tha Gàidhlig.tv air figearan fhoillseachadh air an làrach-lìn aca ag agairt gu bheil a’ Bheurla a’ faighinn làmh an uachdair ro thric, mar eisimpleir Mark Knopfler and Emmylou Harris: Real Live Roadrunning 96 ás a’ cheud Beurla, Ricky Ross 91 ás a’ cheud Beurla, Bainnsean 87 ás a’ cheud Beurla, Lorgan Linda 80 ás a’ cheud Beurla.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdCluinnear guthan Beurla tric air Radio nan Gaidheal, chan ann a-mhàin ann an òrain Bheurla ach cuideachd ann an aithrisean naidheachd. Tha BBC Alba/MG Alba a’ dol as àicheadh gu bheil seo ’na dhuilgheadas. “Chan eil agallamhan Beurla a’ nochdadh ann an aithrisean naidheachd ach ma tha iad aig cridhe na sgeòil a-mhàin, agus nuair a tha aithris naidheachd a’ feumachadh cothromachadh a dhèanamh agus nach eil dol ás ach a bhith a’ cleachdadh neach labhairt Beurla.”
Tha e ’na dhùbhlan do dh’ùghdarrasan craolaidh air feadh an t-saoghail feumalachdan craolaidh luchd bruidhinn nam mion-chànan a shàsachadh agus seirbheis a lìbhrigeadh don mhór-shluagh aig a’ cheart àm. Ged a tha e coltach gu bheil BBC Alba air modhanan obrach a leantainn a tha air a bhith soirbheachail, mas fhìor, ann an Éirinn, se mearachd a tha sin ann am beachd Dr Eithne Ní Chonaill, Oilthigh Chathair Bhaile Átha Cliath, a tha ag ràdh gu bheil e mì-mhisneachail an aon deasbad air cleachdadh cànain fhaicinn ann an Alba ’s a tha air a bhith dol ann an Éirinn fad 20 bliadhna gun móran adhartais, suidheachadh nach eil ach “breugach”. Thuirt i: “Tha feum againn air co-réiteachadh nas fheàrr.”