Ball-coise nam ban – càite bheil na laoich?

“CAR SON nach eil boireann­aich a’ cluich ball-coise air TBh?” dh’fhaighnich Ciorstan, 11, nighean mo bhràthar, dh’a h-athair. “Feumaidh nach eil luach annainn.”
An spòrs as luaithe a tha fàs: Lisa Evans, deas, a toirt Ingris Moe Wold far a bhàla, Alba v Nirribhidh ann an Glaschu, air 17 SultainAn spòrs as luaithe a tha fàs: Lisa Evans, deas, a toirt Ingris Moe Wold far a bhàla, Alba v Nirribhidh ann an Glaschu, air 17 Sultain
An spòrs as luaithe a tha fàs: Lisa Evans, deas, a toirt Ingris Moe Wold far a bhàla, Alba v Nirribhidh ann an Glaschu, air 17 Sultain

“CAR SON nach eil boireann­aich a’ cluich ball-coise air TBh?” dh’fhaighnich Ciorstan, 11, nighean mo bhràthar, dh’a h-athair. “Feumaidh nach eil luach annainn.”

Èibhinn ’na neoichiontas, ’s dòcha, ach ’s iad fhathast gun a’ chlaon-bhreith a thig on dualchas leis an aois, nach tric a tha sùilean chloinne a’ nochdadh as ùr na tha annasach no neònach mu shìobhaltas.

Hide Ad

Tha athair, a’ breabadh ball gu socair le uachdar a throighe gu mhac mòr-shùileach, a’ toirt dha barrachd na gàire – tha e ga bhogadh ann an dualchas na dùthcha ’s a’ chlas aige, a’ cumail beò aisling na h-òige aige fhèin san ath ghinealach. Mòr ’s gu bheil an t-atharrachadh a thàinig air an t-saoghal bhon a stèidhicheadh riaghailtean ball-coise, ge-tà, chan ann tric a tha clann-nighean fosgailte don aon deas-ghnàth chultarail, agus ma tha an dùthaich gu bhith bruidh­inn air ball-coise mar aon de na geamannan nàiseanta, feum­aidh seo atharrachadh.

A dh’aindeoin ciorram dualchasach, tha eachdraidh aig geama nam ban san dùthaich mar-thà, ’s tha e air ceuman mòra a ghabhail o na 60an, nuair a stèidhicheadh Kilmarnock Ladies, a ràinig, mar Bhaile nan Stiùbhartach, cuairt dheireannach a’ chiad Chupa FA boireann ann an 1971. Tha FIFA ag ràdh gu bheil e a’ fàs nas luaithe na spòrs sam bith eile san t-saoghal, agus tha a-nis barr­achd na 69 sgiobannan boir­eann ann an Alba fhèin. Ach gu ruige seo chan eil am fàs ann an compàirteachadh air barr­achd luchd-amhairc boireann a thàladh gu geamannan: ged a tha 14 ás a’ cheud – timcheall air còig mìle – de luchd-taice na h-Alba ’nam boireannaich, sa chumantas chan eil ach dà mhìle a’ frithealadh gheamann­an eadar-nàiseanta boireann, ’s tha an àireamh aig ìre club nas ìsle fhathast.

Mar a nochd facail Ciorstain, tha an gainnead de bhall-coise boireann air TBh ’na chnap-starra mòr do leasachadh a’ gheama: sann a tha a’ mhoit sa bhroilleach beagan nas motha nuair a tha sinn a’ coimhead air laoich a tha coltach rinn, no ás an sgìre againn fhìn, agus ma tha clann-nighean gu bhith air am brosnachadh le cuideig­in den aon ghnè, feumaidh na meadhanan laoich bhoireann a thoirt dhaibh. Mar a mhìnich Vivienne NicLabhrainn bho Chomann Ball-Coise Boireann na h-Alba, tha gach boinneag de thaic ’na cuid­eachadh dhan spòrs. “Chan eil teagamh ann gu bheil ball-coise boireann ann an Alba a’ fulang gu mòr fo chion laoich bhoireann agus ùine sna prìomh-mheadhanan. Bhiodh fàilte mhòr air meudachadh, ge beag e, ’s nan robh laoich bhoir­eann ann cho math ri fir, chuid­icheadh e gu mòr gu bhith ’g àrdachadh cliù a’ gheama do nighnean òga.”

Ach tha atharrachadh ann mar-thà: tha BBC Alba a’ craoladh geama nam ban gu cunbhalach, ’s tha ball-coise boireann a’ nochdadh anns an National – a tha cuideachd a’ toirt àite do dh’iomain, mar bu chòir – gach Di-Sathairne. Bha coltas ann cuideachd gun robh barrachd ùidh sna meadhanan, gu h-àraidh na meadhanan sòis­ealta, ann an Cupa Cruinne nam Ban am-bliadhna na bha riamh.

B’e an soirbheachas aig Cupa FA nam Ban ann an Sasainn am-bliadhna, ge-tà, an eisimpleir a b’ fhollaisiche de chumhachd nam meadhanan. O thoiseach an t-seusain, tha BBC3 air a bhith a’ craoladh The Women’s Football Show, ’s chan eil e ’na cho-thachartas gun robh an 30,000 luchd-amhairc a fhritheil a’ chuairt mu dheir­eadh den fharpais air a’ mhìos a chaidh barr­achd na dà thuras an àireamh a bh’ ann an-uiridh. Brosnachail ’s gu bheil e, ge-tà, chan eil sgeul anns a’ phrògram air a’ gheama Albannach, poileas­aidh a chleachd am BBC gus am Premiership a reic mar an lìog a b’ fheàrr san t-saoghal, ged a b’ ainneamh na tursan gum b’è. Thuirt Viv NicLabhrainn, “Tha The Women’s Football Show ’na phrògram air leth, agus tha prògram air Sky, SportsWomen, air a bheil cluicheadairean Albannach air a bhith ’nan aoigh. Chan e nach eil iad a’ nochdadh bho àm gu àm, ach tha e soilleir gum faod­adh cùisean a bhith nas fheàrr.”

Ged a tha TBh cudromach do leasachadh a’ gheama, tha dleastanas cuideachd aig ùghdarrasan barrachd cothrom a thoirt do chlann-nighean ball-coise a thogail aig ìre na sgoil ’s na coimhearsnachd, rud a tha gu h-àraidh fìor far am motha an crìonadh sòisealta. Tha an t-astar eadar Sloc a’ Mhathain agus Possil nas fhaide gu sòisealta na tha e sa chàr, ’s ged a tha tòrr chloinne air am brosnachadh gus sùil a thoirt thar fàire chultarach am pàrantan, chan eil iad uile. Feumar dèanamh cinn­teach gum faigh òigridh, ge b’e sgìre ás a bheil iad, cothrom ball-coise a chluich tro bhliadh­naichean sgoile, ’s gu dearbh tha Viv NicLabhrainn am beachd gu bheil e riatanach gus atharrachadh a thoirt air mar a tha clann-nighean fhèin a’ coimhead air a’ gheama. “Bhiodh e math nan robh gach bunsgoil san dùth­aich a’ gabhail pàirt ann am ball-coise boireann gus am biodh clann-nighean ga fhaicinn mar roghainn, agus tha e riatanach ceanglaichean a chruthachadh eadar clubaichean agus sgoilt­ean ma tha an geama gu bhith air a thogail mar dhòigh-bheatha a tha a’ leantainn seachad air bliadhnaichean sgoile.”

Hide Ad

A dh’aindeoin nan duilgheadasan, ge-tà, tha i dòchasach mun àm ri teachd, gu h-àraidh air son na sgioba nàiseanta. “Cha mhòr nach d’fhuair sinn a-steach do cho-fharpais mhòr o chionn goirid, ach chan eil teagamh ann gum biodh barrachd ùidh ga dhèanamh na b’ fhasa.”

Tha “Cha Mhòr” ’na abairt a th’ air a bhith a’ tathaich ball-coise na h-Alba o chionn iomadh bliadhna a-nis, agus ma tha sinn gu bhith a’ cur ás do dh’Fhàilligeadh Glòrmhor, bhiodh e ’na chuideachadh cur ás dha na bacaidhean a tha a’ cur stad air leth-chuid den t-sluagh bho bhith ga chluich.

Thug Alba ball-coise dhan t-saoghal – nàire oirnn mura toir sinn dhan dùthaich air fad e.