An latha a shuath mi ri 'seirbheisean eile'

NUAIR a chunnaic mi gun robh BT fhathast a' cur £4.50 orm – "payment processing fee" – son gun robh mi a' pàigheadh a' chunntais aca 'na aon chnap an àite bhith air direct debit; nuair a chuimhnich mi, air muin sin, gun dàinig orm £7.50 a thoirt dhaibh, 's cha b'ann aon uair, ann an "late payment charges"

(ged nach b'e mo choire bh' ann), thog mi an guthan, rinn mi mar a bha iad a' moladh air a' bhileag, agus threraich guth boirean Beurla mi tro gach roghainn gus na rinig i ireamh a cig – "seirbheisean eile" – 's a leig i a h-anail.

Shth mi putan 5. Cel, 's cha b'e cel Gidhlig. Nuairsin guth Innseanach, ainm nach deanainn a-mach, a' tiseachadh le G.

Hide Ad

"Madainn math," thuirt an guth. "Is mise (Govinder? Gingangooly?)."

"Hallo! Se Alasdair Caim…"

"Hallo! Is mise (Garamasala? Gilleasbuig?) … Hallo?"

"Hallo! Tha mi a' fnaigeadh Nis, ireamh na fn agam …"

"Madainn math! Is mise (Gobhalnabanacheard? Gillebrde?) Ciamar a tha mi?"

"Hallo! Eil thu gam chluinntinn? Alasdair …"

"Hallo! Hallo!"

"Hallo!"

"Madainn math! Is mise (Gobhaghobhaig? Googleye?) … Hallo!"

Chuir mi sos a' fn, agus shuidh mi son greis a' coimhead rithe. D n mi nis?

Fnaigidh mi Mr. Bidh fios aicesa.

"Sin mar a tha BT ag obrachadh," thuirt Mr rium. "Ma tha iad an amharas gu bheil thu a' feuchainn ri stad a chur air an t-seirbheis aca, cha bhruidhinn iad riut 's cha fhreagair iad do litrichean. Chan eil am prothaid ann. Seall mar a thachair leis a' fn a fhuair thu bhuap' nuair a ghluais thu dhan taigh. 24 a bha i dol a chosg ort. D thachair?"

Cha d'thuirt mi cil.

"Ochd, naoi bliadhna, 's tha thu fhathast a' pigheadh ml oirre. 4.50 gach rithe. Dean fhin an suim 'na do cheann – bha thu aig Criosaidh Fenton anns an sgoil bheag."

"D n mi?"

"An aon rud 's a rinn thu roimhe seo, ach sth putan a dh. Bruidhnidh iadsan riut, saoilidh iad gu bheil thu ag iarraidh a dhol air direct debit. Cho luath 's a fhreagras iad, can riutha do chur an lib neach a tha comasach air diligeadh ri d' iarrtas. Bi modhail!"

Chuir mi sos a' fn. Shuidh mi a' coimhead rithe.

Hide Ad

Thog mi an guthan. Threraich an aon ghuth boireann Beurla mi tro roghainn 1 agus 2.

Shth mi putan 2. Mhol guth boireann Beurla eile a' mhadainn. Dh'innis mi dhi mar a bh, 's thuirt i gun robh i fhin agus BT uabhasach duilich na bha sin a chluinntinn, 's mi fuireachd air an loidhne gus an lorgadh i duineigin a dheanadh cobhair orm.

Hide Ad

Cel, 's cha b'e cel Gidhlig. Nuairsin guth Innseanach, ainm nach deanainn a-mach, a' tiseachadh le H.

"Madainn math! Is mise (Harabajandar? Haveabanana?)"

"Hallo! Se Alasdair Caimbeul an t-ainm …"

"Hallo! Mise (Higeanhoigean? Halladhachaighscagainnbruis?) … Eil thu gu frogail an-diugh?"

Chuir mi sos a' fn le brag. Shuidh mi a' coimhead rithe.