Am muir ga dhìon, beag air bheag

DH’FHOILLSICH an Riaghaltas liosta de “roinnean dìonta mara” a bheir cothrom, thathar an dòch­as, don mhuir timcheall air Alba tilleadh gu slàinte.

Bidh 30 roinnean dìonta uile gu lèir a’ cur bacadh air choreigin air iasg­ach ’s ag obair còmhla ri roinn­ean dìonta ann an dùthchannan eile gus ceann an-earthuath a’ Chuain Siar air fad a dhìon.

Gus aon eisimpleir a ghabhail, chuir Anndra Binnie, àrd-stiùir­iche Urras Grunnd-Mara Coimh­earsnachd Arainn (UGMCA), fàil­te air an naidheachd gum bi casg air bàtaich­ean-sgrìobaidh timch­eall ceann a-deas an eilein, ’s thug e taing do Ridseard Lochhead, rùnaire a’ chaibineit son Cùis­ean Dùthchail ’s na h-Àrainneachd. “Ach bidh sinn a’ sealltainn dha,” chuir e ris, “gu bheil obair fhathast ri dhèanamh a thaobh tràladh air grunnd na mara.”

Hide Ad

Gu dearbh, ged a tha roinn glèidhteachais ann fhathast ead­ar Eilean Mo Laise agus Arainn far nach eil iasgach sam bith ceadaichte, tha e coltach gum bi tràladh air grunnd na mara a’ gabhail àite fhathast aig oir na roinn dìonta fhèin, rud a tha cur leasachadh ’s tilleadh-gu-slàinte an ecosiostaim ann an cunnart.

Tha e ’na chall mòr agus ’na mhearachd cuideachd nach do thill a’ chrìoch trì-mhìle a bha a’ cuartachadh oirthir na dùthcha air fad gu 1984. Tha seo a’ ciall­achadh gum bi tràlairean agus bàtaichean-sgrìobaidh fhathast a’ toirt sgrios air an àrainneachd anns am faigh iomadh iasg òg fasgadh, ’s far a bheil a’ bhànag – gnè a chrìon gu mòr bho na h-ochdadan – a’ biathadh. Thuirt Anndra Binnie, “Bha athchuinge againn son tilleadh na crìche trì-mhìle, agus sa chumantas tha sinn ga h-iarraidh air ais, ach an toiseach feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil Roinn Dìonta Arainn a-Deas ag obair.”

Gu dearbh le casg sna dùthchannan Lochlannach, gu diofar ìrean, air tràladh agus sgrìobadh faisg air a’ chladach, tha bithiom­adachd na mara fada nas fallaine an siud, ’s chan iongnadh gun do dh’èirich àireamhan na bànaige ’s a’ bhradain a tha a’ tilleadh do na h-aibhnichean aca. Thuirt Ann­dra, “Feumaidh sinn obair còmhla gus siostam a chur air dòigh air feadh Linne Chluaidh. Tha UGMCA ag obair còmhla ris an Riaghaltas san iomairt ‘Clyde 2020’ gus na h-amasan againn uile a thoirt gu buil.”

Aig an ìre seo cha mhòr nach eil Linne Chluaidh marbh. Ach le dà roinn dìonta eile gu bhith ann – Sòla Chluaidh agus Loch Fìne ’s Loch Goill – chan urrainn ach gun tig piseach air an t-suidh­eachadh.

DÀibhidh Rothach