Àiteachan dorcha, caraidean, agus casan far nach bu chòir casan a bhith

THA Steaphanaidh Chaimbeul, ùghdar A’ Chraobh Boingeilidh (Leabh­raichean Beaga, £5.99) ’na deugaire òg, tha mi a’ tuigsinn, ’s tha a bhuil air an sgeul. Tha e mu bhiadh, mu chraobh neo-thal­mh­aidh, mu shuimeannan móra móra airgid, mu thuras càr gu àite dorcha fad ás (Earra-Ghaidh­eal!) ’s mu thuras trèana ’s pleuna gu àite dathail fad air falbh (an Eadailt). Se a’ Ghàidhlig an seòrsa th’ aig an fheadhainn òga, leithid “Bha e CHO eagalach!” agus “Chudail mi a-steach gu Mam.” Rinn Liondsaidh Chaimbeul, màthair Steaphanaidh, na deal­bh­an, ’s tha iad math dha-rìribh, làn dath, cuid dhiubh sgaoilte thar dà dhuilleig mhóir. Chunna mi eisimpleirean den obair aig Liondsaidh ann an leabhraich­ean eile, agus mas e seo a’ chiad leabhar cloinne a sgeadaich i tha e ’na iongnadh, oir tha i buileach aig an taigh san dreuchd. Bidh A’ Chraobh Boingeilidh ’na ghibht choileanta do chaileag aois 3–10.

Cuideachd bho Leabhraich­ean Beaga tha Rona agus a Caraid­ean (£6) agus Is Mise Iasg (£5). Chuir mi iad tro mhuileann neo-iochdmhor nan oghaichean agus thàinig iad troimhe le làn seula a’ mholaidh.

Chòrd Rona (le Ceitidh Hutton, dealbhan le Gwen Bowie) ri Anna, 3. Tha dealbh mór dath­te anns gach fosgladh, le pailteas a’ dol air adhart anns gach gin. Tha ceithir caraidean aig Rona agus tha trì stòiridhean ann – mu na nì iad aig àm na Càisge, air co-latha-breith Rona, agus aig àm Nollaig. Tha suaimhneas, blàths agus gaol san leabh­ar agus se sin a tha dhìth ort aig aois a trì. Bha Anna air a beò-ghlacadh.

Hide Ad

Chòrd Iasg (le Jane Mason, dealbhan le Jane Mason) ri Calum, 5, a tha déidheil air surrealism, neònachas agus dad sam bith nach eil ag obrachadh ceart; se sin, gach nì nach eil mar bu chòir. Tha Iasg ’na iasg, ach tha trì casan aige, tha e fuireach air croit ’s chan eil dad aige mu uisge. Tha sinn a’ coinneachadh ri caractar­an eile den aon t-seòrsa, Cù,
Teanta, Bàla, Bò agus Bodach-Sneachda. Is toil leam fhìn Teanta. Tha casan ac’ uile ach a-mhàin Bodach-Sneachda; nì Iasg agus Cù feadhainn fhiodha dha ge-tà.

Tha iad uile ’nan caraidean ach chan eil am facal “caraid” a’ nochdadh idir. Saoilidh mi gun do chòrd sin ri Calum oir siud searmonachadh ’s chan eil dad as lugha airsan na searmoinean.

Chòrd na dealbhan làidir sìmplidh ris cuideachd oir tha e a’ tarraing an aon t-seòrsa rud e fhéin. Rud nach do chòrd riumsa ge-tà se gu bheil Iasg ag òl làgair agus Cù ag òl uisge-beatha agus branndaidh! Dé fon ghréin a bha thu smaointinn, Ms Mason?

Ach chan eil e gu diofar mur eil comas leughaidh aig an lean­abh co-dhiù. Staigh dhan stoc­ainn leis còmhla ris na dhà eile!