Aiseirigh air an ‘loidhne nach bu chòir a bhith air a togail’

THATHAR ag ath-thogail rathad-iarainn ainmeil ann an ceann a-deas na dùthcha an-dràsta –Slighe a’ Waverley eadar Dùn Èideann agus Galashiels/Tweedbank anns na Crìochan. Is e loidhne gu math cudromach soirbheachail a bha seo agus dh’adhbharaich a dùnadh ann an 1969 connspaid mhòr.
Invergarry Station. Picture: ContributedInvergarry Station. Picture: Contributed
Invergarry Station. Picture: Contributed

Aig ceann eile na h-Alba anns a’ Ghleann Mhòr, ge-tà, tha rath­ad-iarainn dùinte eile a’ dùsgadh bho shuain fhada gun an uiread de shanasachd. Is e seo Rathad-Iarainn Ghleann Garadh is Chille Chuimein a dhùin air ais ann an 1947 gun mòran connspaid agus nach robh riamh an dàrna cuid soirbheachail no cudromach.

Tha luchd-obrach saor-thoil­each a’ togail rathad-iarainn goirid ann an Stèisean Inbhir Gar­adh a bheir tursan trèana do luchd-turais is dealasaich thrèan­aichean. Tha taigh-tasgaidh rèile gu bhith ann mu eachdraidh na loidhne cuideachd.

Hide Ad

Agus abair gu bheil each­draidh inntinneach aig an loidh­ne. Dh’fhosgail Rathad-Iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuim­ein ann an 1903 is e a’ ruith 24 mìle bho cheann-rèile Drochaid an Aonachain air loidhne na Gàidhealtachd an Iar gu Stèisean Chidhe Chille Chuimein air Loch Nis, le stèiseanan eile ann an Geàrr Lòchaidh, Inbhir Ghlaoidh, Obar Chaladair ’s Cille Chuimein.

Cha deach ro mhath dhan loidhne bhon chiad dol a-mach ge-tà, is cha do rinn i prothaid riamh le cosgaisean àrda agus gun mòran luchd-cleachdaidh. Dhùin stèisean Cidhe Chille Chuimein às dèidh dìreach trì bliadhna agus dhùin an loidhne air fad ann an 1911.

Bha a’ chompanaidh rèile an North British airson an trac a reic mar scrap, ach às dèidh connspaid phoilitigeach mun chùis, dh’aontaich a’ chomhairle ionadail ri subsadaidh a thoirt dhan loidhne agus thòisich seirbheisean do luchd-siubhail a-rithist ann an 1913. Mhair iad seo gu 1933 agus às dèidh seo, cha robh dad air an loidhne ach aon trèana guail gach seachdain.

Mar a thachair le iomadh rathad-iarainn dùthchail eile, thug obair an Dàrna Cogaidh tog­ail dhan loidhne mar thor­adh air ionad a’ Chabhlaich Rìoghail ann an Cille Chuimein, ach dhùin an loidhne mu dheireadh ann an 1947.

Carson a bha an loidhne cho mì-shoirbheachail? Cha deach a fosgladh airson maith coimhearsnachdan a’ Ghlinne Mhòir idir ach mar phàirt de gheama phoilitigeach eadar na companaidh­ean-rèile mòra. Chaidh an loidh­ne a chur air adhart mar phàirt de dh’oidhirp gus prìomh-loidh­ne eile a thogail gu Inbhir Nis bho Ghlaschu taobh a’ Ghearasdain. Bhiodh an loidhne seo an co-fharpais ri prìomh-loidhne na Gàidhealtachd taobh Pheairt is an Aghaidh Mhòir.

A chionn ’s gun robh plan­aichean ann gus an loidhne a leudachadh gu Inbhir Nis chaidh loidhne Chille Chuimein a thogail mar phrìomh-loidhne le bunstructair nas motha is nas treasa na bhiodh a dhìth airson loidh­ne dhùthchail àbhaisteach. Chosg e mu £350,000 a togail. Aig a cheann thall, ge-tà, dh’fhàillig an iomairt gus an rathad-iarainn a leudachadh gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd. Bha rathad-iarainn ann air nach robh cus feum no fèill agus gu dearbh, b’ e “an rathad-iarainn nach robh còir a bhith air a thogail riamh” am farainm a bh’ oirre.

Hide Ad

Ged nach robh e soirbheachail gu h-eachdraidheil, ge-tà, tha a h-uile coltas ann gum bi rath­ad-iarainn ùr Inbhir Garadh nas fhortanaiche is gun tèid barr­achd dhaoine air bòrd trèana sa bhaile na rinn aig toiseach an 20mh linn nuair a bha an loidh­ne air fad ann.

Tha Pròiseact Stèisean Inbhir Garadh air mu leth mhìle de thrac fhaighinn bho Network Rail agus tha iad trang le bhith a’ togail an rathad-iarainn agus ag ath-chruthachadh an stèisein mar a bha i aig toiseach an 20mh linn le soidhnichean agus bogsa-siognailidh. Tha iad cuideachd gu bhith a’ cur a-steach iarrtas dhan Chrannchur Nàiseanta gus mac-samhail de thogalach an stèisein a thogail anns am bi an taigh-tasgaidh suidhichte.

Hide Ad

Bidh an loidhne a’ ruith bhon stèisean gu deas agus san ùine fhada tha a’ bhuidheann an dòch­as gum bi an rathad-iarainn suas ri trì chairteil a mhìle a dh’fhaid. Ged a bhios greis ann fhathast mus bi trèanaichean a’ ruith, tha a’ bhuidheann air a bhith trang a’ clìoraigeadh làr­ach an stèisein is na loidhne agus tha iad cuideachd gu bhith a’ sgeadachadh seann charbad bho Rathad-Iarainn a’ Chaledonian.

Tha an làrach ann an deagh àite airson luchd-turais agus tha a’ bhuidheann den bheachd gun tig na mìltean dhan sgìre mar thoradh air an loidhne. Chan eil teagamh sam bith nach eil an stèisean ann an deagh àite is e ri taobh drochaid-thionndain an Lagain, air Slighe a’ Ghlinne Mhòir, ri taobh Pàirc Uisge a’ Ghlinne Mhòir agus e gu bhith air slighe-bhaidhseagail nàiseanta ùr cuideachd.

Is dòcha nach robh còir aig an rathad-iarainn a bhith air a thogail sa chiad dol a-mach ach tha a h-uile coltas ann gu bheil muinn­tir Inbhir Garadh agus dealasaich thrèanaichean den bheachd a-nis gur e seo “an loidhne a bu chòir a bhith air a h-ath-thogail”.

Related topics: