Ag ath-lorg luach na sàmhchair

THA mi a’ sìneadh ’nam ghùn-searbhadair ann an seòmar-grèine no solarium, cuartaichte le seallaidhean air beanntan ’s air craobhan sìor-uaine gun chrìoch.
Patsy air an rathad gu doras aghaidh na Scandinave; Dàibhidh s i fhèin ag òl vodka aig 32° fodha.Patsy air an rathad gu doras aghaidh na Scandinave; Dàibhidh s i fhèin ag òl vodka aig 32° fodha.
Patsy air an rathad gu doras aghaidh na Scandinave; Dàibhidh s i fhèin ag òl vodka aig 32° fodha.

Mi ’nam fhallas agus buileach sàmhach. Chan e staid nàdarra tha siud dhòmhsa, no dha mo charaid Patsy a tha cuide rium, oir tha ise cheart cho cabach. Ach tha adhbhar againn. Tha sinn aig an Spa Scandinave ann a Whistler, Coluimbia Bhreatann­ach, far a bheil “fuaim na sàmhchair” òrach. Gun fònaichean-làimhe a’ bìgeil, gun teicneòlas ùr a’ briseadh na sìthe.

Dhaibhsan a thogradh a bhith ri cabadaich gun stàth, tha post­air air a’ bhalla ’na chuimhneachan air Luach na Sàmhchair. Tha an Scandinave ag amas air fois a tha slàn agus coileanta.

Hide Ad

Gu dearbh, tha an fhois ud a’ tòiseachadh sa chuairt ghoirid a tha agad ri ghabhail tro choille chiùin de sheudar ’s de sprus gu faighinn dhan àite, ’s bheirinn mo mhionnan gu bheil mi a’ fair­eachdainn nas ciùine mar-thà sna beagan mhionaidean mus ruig sinn an doras aghaidh. Gus dèanamh cinnteach gum faigh sinn uiread ’s a ghabhas ás na th’ air thoiseach oirnn, tha muinn­tir an àite gar fàilteachadh le mìneachadh air na tha a’ dol a thachairt. Gu bunaiteach, sann mar seo a tha e ag obair:

1. Blàthaich thu fhèin ann an amar-smùid eucalyptus, no sauna Fhionnlannach, no tuba teth fad 10–15 mionaid

2. Fuaraich thu fhèin gu luath le bogadh 20–30 diog anns na h-amaran fuara brisge (le ath­chuingean, ma thogras tu, ri dia a thaghas tu fhèin)

3. Gabh fois co-dhiù 15 mionaid sna seòmraichean-grèine, no na hammocks, no na tearasan

4. Dèan 1–3 a-rithist.

Gu tàmailteach dhomh, cha tàinig fois thugam gu furasta tron chiad dhà chearcall. Ris an treas bogadh ghoirid, thòisich mi a’ gabhail dragh gur dòcha gun deach mo bhanachdachadh an aghaidh fois. ’S dòcha mar phairt den BhSG mu nach do dh’inns iad dhut san Àrdsgoil, smaoinich mi rium fhìn, a chionn, tha fios, ’s nach do cheadaich lagh na sàmhchair dhomh na draghannan agam a chompàirteachadh ri Patsy. Ach an uair sin, as dèidh a’ cheathramh bhogaidh threun agam, thuit mi ’nam chadal ann a hammock. Mo thaing aig Luach na Sàmhchair!

Ach bha an toil a bh’ agam air bruidhinn riamh làidir. A’ fàgail an Scandinave le teangannan fuasgailte ’s draghannan air an sguabadh air falbh, tha sinn a’ cabadaich agus a’ dràibheadh na beagan mhìltean sìos an rathad-àrd Sea to Sky a-staigh do bhaile Whistler fhèin. Tha an Sea to Sky air a dheagh ainmeachadh. Tha e a’ tòiseachadh faisg air Vancouv­er ’s a’ sreap cho fada ri Pemberton tro Squamish, tro Whistler agus tro splaoid de sheallaidh­ean beanntach Canèidianach. Ri thaobh, tha sanasan dà-chànanach Beurla agus Skwxwú7mesh (no Squamish) a’ gairm gu pròis­eil na tha ga dhèanamh gu cultar dùthchasach an àite a bhros­nachadh.

Hide Ad

Air dhuinn Skwikw, no Whistler, a ruigsinn, gheibh sinn rum sa Hilton Whistler, aig a bheil deagh shuidheachadh sa bhaile, mus tèid sinn a-mach a rùrachadh. Chan fhada mus faigh sinn a-mach gu bheil tòrr mòr a bharrachd ri Whistler na dìreach a bhith air fear de phrìomh chinn-uidhe spòrs-geamhraidh an t-saoghail. As t-samhradh bidh coiseachd, zipwiring, sreap, rothaireachd bheann, ràthadaireachd uisge-ghil, geocaching, canùadh, iasgach, agus tòrr a bharrachd a’ gabhail àite sgìtheadh ’s bòrd­adh-sneachd.

Ma tha an toil bruidhinn agam làidir, tha an toil ith’ agam tric nas làidire. Gu fortanach tha dòrlach de dheagh thaighean-bìdh ann a Whistler. Tha am Bearfoot Bistro am measg an fheadhainn as fheàrr. Tha e ’na chlasaig. Tha fios agad gu bheil thu san taigh-bhidhe cheart nuair nach urra dhut taghadh eadar na tha ri fhaotainn – Hamachi sashimi, Fraser Valley squab breast, earball-giomaich Atlantaig, BC rabbit loin, rac uain Ghlinn Yakima, New Zealand ven­ison tenderloin (gun ach beag­an ainmeachadh). Ach gheibh thu e uile! Gu smuaineachail, chuir am prìomh-chòcaire Melissa Craig air dòigh menu-blasaidh còig cùrsaichean còmhla ris na fìontan a mhol an sommelier, ’s chan e ruith ach leum a th’ aig Patsy ’s mi fhìn thuige. ’S e air a frith­ealadh leis a’ cholmadh mhath Chanèidianach ud de dh’fhoirm ’s de shùrd, seo dìnneireachd cho math ri gin san t-saoghal.

Hide Ad

An ath dhoras, tha am Belvedere Ice Room ’na dhachaigh dhan rum-blasaidh vodka as fuaire san t-saoghal. Chuir sinn oirnn seacaidean lìnigte le itean-geòidh Canèidianach gus ar cum­ail blàth oir chaidh innse dhuinn gur e 32°C (25°F) fodha an teothachd (mas e sin am facal) as fheàrr gu vodka a bhlasadh. Agus gun teagamh, tha mi a’ mothachadh do shùbailteachd no dhà nach do mhothaich mi roimhe, uill sa chiad dhà no trì glainn­eachan co-dhiù. Air a’ chòig­eamh, a tha tighinn an lùib làn ski air adhbhar nach do thuig mi, tha mothachadh do shùbailteachd sam bith a’ dol ’na dhùbhlan. Canamaid gur ann ann a chrìochnaich an oidhche, neo gur ann ann a chuir an oidhche crìoch òirnne. Tha an dà loidhne sin ceart.

An ath mhadainn, tha mi air mo dhùsgadh tràth le cabadaich cloinne taobh a-muigh na h-uinneig fhosgailte ’s fiughar aca ri latha sa bheinn. Tha mi ga dùn­adh ’s a’ slèagadh gu tiamhaidh air ais dhan leabaidh. Mar a tha an cadal a’ tighinn orm, sin e a-rithist. Tha e do-àicheanta. Se th’ ann ach an toil as ùr a th’ agam do Luach na Sàmhchair.

Twitter @DavidGalavants