A' cur na mearachd ceart

NACH annasach an aithris a thàinig o bhilean ar luchd riaghlaidh an t-seachdain sa? "Chan eil teagamh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba ann an sàbhailteachd dìteadh Mhegrahi."

Ged a tha blas cainnt oifigeil oifis a' Mhorair Tagraidh air na facail, chaidh an lbhrigeadh a dh'aona ghnothach, 's cha mhr gu h-aonaghuthach, le Ailig Salmond agus Nicola Sturgeon cho math ri Rnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill. Tha e ri thuigsinn gum biodh aca mar riaghaltas earbsa shealltainn san t-siostam lagha, ach shaoileadh tu gun iarradh iad a bhith barrachd na cramach mu na their iad mu chis a tha fgail iomadh sr-elach lagha air feadh an t-saoghail fo iomagain nach beag.

Mar sin, tha mran sgrbadh cinn a' dol an-drsta 's daoine a' feuchainn na briathran "teagamh", "Riaghaltas na h-Alba", "sbhailteachd" agus "dteadh" a thuigsinn ann an coitheacsa codaichean domhair diplomasaidh agus seltachd poileataigs.

Hide Ad

Fhuair MacAsgaill moladh aig a cho-luchd-dthcha son a cho-dhnaidh gum bu chir Mohamad Abdelbassat Al-Megrahi a dhol dhachaigh seach grodadh gu bs ann am prosan Ghrianaig, mar a dh'iarr cuid a bha a' creidsinn gur e Megrahi bh' air cl Mort Logarbaidh.

Mun m seo an-uiridh bha daoine an seo ag rdh cho math 's a chrd e riutha bratach croise na h-Alba fhaicinn taobh ri taobh ri bratach Libia aig port-adhair Tripoli a' cur filte chridheil air tilleadh Mhegrahi. Cha robhas an dil gum maireadh e fada barrachd na tr mosan.

A-nise 's e fhathast be agus leis cho cumhachdail 's a tha na meadhanan, b' iongantach mura robh Albannaich a' sor thighinn fo bhuaidh a' bhriathrachais 's an t-seallaidh Anglo-Ameireaganaich, ged a tha sgaradh a' fs eadar na Sasannaich 's na h-Ameireaganaich bho thisich seanadairean a' fgail air riaghaltas Bhreatainn gun deach Megrahi dhachaigh fo aontachadh domhair anns an robh companaidh ola BP an ss. Tha fis Obama air cuideam snraichte a thoirt don fhacal "Breatannach" ann an ainm an t-seann chompanaidh, a chaidh atharrachadh gu BP ann an 2001.

Ged a tha cuid de theaghlaichean an fheadhainn a chaochail air PanAm 103 ann an 1988 fhathast ag iarraidh bs do Mhegrahi mar dhoghaltas, ciontach gus nach eil, tha feadhainn eile, gu h-raidh Dr Jim Swire a chaill a nighean Flraidh, gu lidir den bheachd nach deach ceartas a dhanamh fo lagh na h-Alba. Chuir iad buidheann air bhonn, Ceartas do Mhegrahi, a bha soirbheachail ann an togail na h-argamaid gum bu chir a leigeil dhachaigh air adhbharan co-thruacantais. Se sin a thachair.

Tha am buidheann fhathast a' sireadh ceartas ge-t 's tha iad air fas sgileil ann an glacadh aire nam meadhanan, mar eisimpleir le bhith a' toirt cuireadh do dh'Ailig Salmond a thaic fhoirmeil a thoirt don iomairt aca. Mar a bhathas an dil, dhilt e gnothach a ghabhail ris a' bhuidheann, ged a thuirt e gun co-obraicheadh e gu denach le rannsachadh aig buidheann neo-eisimeileach leithid nan Niseanan Aonaichte.

Bha gl bheag de dh'fhianais chinnteach an aghaidh Megrahi, 's tha cuid ag rdh gun deach luchd fianais a phigheadh air son an teisteanais. A rir an Oll. Raibeirt MhicilleDhuibh, a fhuair cirt shnraichte air a cur air bhonn sna Trean sle gus cis Logarbaidh fheuchainn fo lagh na h-Alba, chan e a-mhain nach d'fhuair Megrahi 's teaghlaichean Logarbaidh ceartas, ach gun d'rinneadh "m-ghilan ceartais cho maslach 's a chunnacas an Alba bho chionn ceud bliadhna".

Hide Ad

Tha MacilleDhuibh fosgailte ann a bhith toirt rabhadh don riaghaltas niseantach gum bu chir dhaibh coimhead air na laigsean a lorg an Scottish Criminal Cases Review Commission sa chis. Thuirt e: "Gu ruige seo chan eil clbar bho dhteadh Megrahi air stigeadh ris a' Phrtaidh Niseanta mar tha e stigeadh ri riaghaltasan RA 's Albannach a bh' againn roimhe, an d chuid Lbarach agus Traidh. Ach ma chumas riaghaltas na h-Alba orra a' seachnadh co-dhnaidhean an SCCRC 's a' ddachadh sbhailteachd an dtidh, thid a' choire a chur gu ceart orrasan cuideachd."

A rir Ceartas do Mhegrahi tha leabhar-latha Harry Bell (poileas Albannach a bha ag obair cmhla ri fianaisean leithid Tony agus Paul Gauci Malta) a' sealltainn gun deach cuid dhiubh a phigheadh le Ameireaganaich. Do dhuine soineannta, bhiodh sin fhin gu ler airson teagamh a thogail ann an cis lagha sam bith, nach bitheadh?

Hide Ad

"Tha sin ceart," thuirt MacilleDhuibh rium. "Tha na leabhraichean-latha a' nochdadh gun robh iadsan a' faighneachd mu phigheadh aig re thrth, fada mun deach an gnothach gu cirt, 's gun tuirt na h-Ameireaganaich ri Bell gum faigheadh Tony $10,000 anns a' bhad agus tuilleadh air a ghealltainn."

Car son tha feum air rannsachadh eadar-niseanta ma-th? Nach eil e an urra ri Alba gnothaichean a chur ceart?

"Cha toigh le siostam ceartais na h-Alba a mhearachdan aideachadh. Thug e 19 bliadhna ann an cis Oscar Slater. Cha toir e cho fada ann an cis Mhegrahi ged a tha e m-choltach gum mair esan gus a neoichiontas fhaicinn dearbhte. Ach ge b'e d cho fada 's a bheir e, tachraidh e."