Còisirean ri dèanamh farpais airson Cuach An Albannaich

S ann le prois a nochd Cuach An Albannaich Sheachdaineil air a chiad duilleig ann an 1953, air a buannachadh le Coisir Ghaidhlig Lunnainn.
S ann le prois a nochd Cuach An Albannaich Sheachdaineil air a chiad duilleig ann an 1953, air a buannachadh le Coisir Ghaidhlig Lunnainn.
Share this article
0
Have your say

Thèid mòr-thaic a’ phàipeir-naidheachd An t-Albannach dhan Ghàidhlig air ais gu 1926, agus ann an 1948 chuir luchd-seilbh a’ cho-phàipeir againn, An t-Albannach Seachdaineil (The Weekly Scotsman), romhpa cupa a thairgsinn dhan Chomunn Ghàidhealach ann am farpais bhliadhnail aig a’ Mhòd Nàiseanta, mar a chante ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail aig an àm.

Dheigheadh Cuach An Albannaich Sheachdaineil a bhuileachadh air a’ chòisir aig an robh na comharraidhean a b’ àirde sa phrìomh fharpais chòisireil, Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn. Aig coinneimh comhairle stiùiridh A’ Chomuinn san Fhaoilleach 1948, “chaidh aontachadh buidheachas A’ Chomuinn a thoirt do luchd-tabhairt na tairgse anabarraich seo.”

Coisirean ri deanamh farpais airson Cuach An Albannaich

Coisirean ri deanamh farpais airson Cuach An Albannaich

Nuair a chaidh am Mòd a chumail na b’ fhaide den bhliadhna ud ann an Glaschu, chaidh an duais a chosnadh airson na ciad uarach le Còisir Ghàidhlig Steòrnabhaigh, a bha air a h-ath-stèidheachadh ann an 1932, an dèidh dhi a bhith na tàmh fad fichead bliadhna.

Thathas a’ creidsinn gur ann le Eachann MacDhùghaill, ùghdar susbaint Ghàidhlig a’ phàipeir eadar 1938-1953 agus fìor neach-dealais airson brosnachadh a’ chànain, a chaidh a chur air adhart cuach a thoirt seachad mar thiodhlaic an ainm An Albannaich Sheachdaineil.

Thèid a’ chuach, a tha air a snaigheadh le cluaran crann An Albannaich, a bhuileachadh Dihaoine an t-seachdain seo tighinn air tè de na deich còisirean a nì farpais air a son aig Ionad Spòrs Leòdhais ann an Steòrnabhagh.

Choirs compete for the Scotsman Quaich

The Scotsman’s commitment to Gaelic dates back to 1926, and in 1948 the proprietors of our sister newpaper the Weekly Scotsman decided to offer a trophy to An Comunn Gaidhealach for annual competition at the Royal National Mod.

The Weekly Scotsman Quaich was to be awarded to the choir with the highest marks in Gaelic in the premier choral award, the Lovat & Tullibardine Shield competition.

At a meeting of the executive council of An Comunn in January 1948, “it was agreed to express the gratitude of An Comunn to the donors for this magnificent offer”.

When the Mod was held later that year in Glasgow, the prize was won for the first time by Stornoway Gaelic Choir, which had been reformed in 1932 after a break of 20 years in its existence.

It is believed that the decision to donate a trophy in the name of the Weekly Scotsman was put forward by Hector MacDougall, who was the author of the newspaper’s Gaelic content from 1938 to 1953, and a great enthusiast for the promotion of the language.

The quaich, which is engraved with the distinctive thistled scroll of The Scotsman masthead, will be presented on Friday next week when ten choirs compete for the honour at the Lewis Sports Centre in Stornoway.

Our pictures show the front page of the Weekly Scotsman in October 1953, with Mr Walter Ross of the London Gaelic Choir proudly holding the Weekly Scotsman Quaich; and the trophy today, as it awaits a winner at this year’s Mòd in Stornoway.