’N té tha cur ri sonas an t-sluaigh

NAN robh duais a’ dol son nithean a bhios gu sìmplidh a’ cur ri sòlas an t-sluaigh, bu chòir do Òrain Lizzie a’ Ghlinne le Ealasaid Shutharlan (Clàr, £5) a gleidheadh.

Rugadh Ealasaid, neo Lizzie, an Gleann Phort nan Long san Eilean Sgitheanach ann an 1925, ’s thug i a beatha ag obair am Port nan Long ’s an Inbhir Nis, far na phòs i Edwin Sutharlan. Tha i ann an Inbhir Nis fhathast, ’na bantraich.

Tha leabhar Lizzie a’ tighinn nas fheàrr ’s nas fheàrr mar tha thu a’ leughadh romhad. Tha 22 òran Gàidhlig ann, le mìneachadh goirid an cois gach fir. Aig an toiseach se cianalas do dh’eilean a breith ’s a h-àraich an cuspair. “Obh, obh,” their thu riut fhéin, “bha mi an-seo roimhe.” An uair sin tha a’ chiad abhcaid ga do bhualadh. Leitheach-slighe ’s tha i toirt car aiste fhéin le cianalas a chur am meadarrachd limerick. Mun tig crìoch an leabhair tha thu a’ lachanaich gu sgàineadh.

Hide Ad
Hide Ad

Tha còrr agus aon rathad air cianalas a chur an céill co-dhiù. Chuir ‘Smùr Mònadh’ an cuimhne dhomh ‘Bùrn is Mòine ’s Coirc’ le Ruaraidh MacThòmais ach g’eil Lizzie a’ gàireachdainn rithe fhéin mu phoca de smùr mònadh a cheannaich i aig B&Q. Smùr mònadh? A cheannach? Son airgead? Mar thuirt Edwin rithe, “Nad òig’ bha thu cleachdte ri mòin’ ann an cliabh, / is am-bliadhna cheannaich thu smùr dhith.”

Mar ghloicire ciallach sam bith tha Lizzie a’ dèanamh “tiamhaidh” cho math ri “éibhinn” (ach ged tha i frithealadh na h-eaglais chan eil i “a’ deanamh Dia”). Seall an t-òran mu ‘An Leanabh Raymond’ anns an robh dà phunnd de chuideam nuair a rugadh e an Leódhas ’s a tha aois 30 an-diugh: “A’ chiad là chuir iad badan air, / thuirt athair rium le gàire, / ‘Tha ’m prìne tha ga chumail air / cheart uiread ri a ghàirdean.’”

Aig gloicire tha “timeadh”, aig Lizzie tha deagh rannaigheachd. Tha mi eadar dà bharail dé an eisimpleir as fheàrr dhith, deireadh nan cìsean air an Drochaid Sgitheanaich no ‘Cèic Nollaig’. Seo sliseag den chèic.

Tha uighean air am bualadh ann,

tha branndaidh gun a thruailleadh ann –

na ith dheth cus no ’s buailteach thu

bhith luaireanach a-màireach.

Cuiridh mi geall g’eil thu faireachdainn nas fheàrr mar-thà.

Related topics: