‘Cuairt nan Eilean’, ceóltóiri Éireann, agus òigridh Fèis Rois

A dh’aindeoin droch aimsir, rinn mòran air Eaglais an Naoimh Anndra sa Cheàrnaig a dh’èisteachd ri “Cuairt nan Eilean”, agus chualas Jenna Chuimeanach, Darren MacIllEathain agus Linda NicLeòid. Ged a tha iad ao-coltach ri chèile ’nan dòigh seinn, chluinnte nuair a thòisich iad le A Rìbhinn, a bheil Cuimhn’ Agad gun robh na guthan aca fìor mhath còmhla. Bha e cuideachail dha na seinneadairean gun do chluichd an luchd-taic aca, Fiona NicAsgaill, Patsy Reid, Seumas MacCoinnich agus Matheu Watson, gu ìre mhòr ann an dòigh a bha iomchaidh dha na h-òrain. Chualas iad turas no dhà mar chòmhlan-ciùil, agus chluichd iad grunn de phuirt-phìoba aithnichte agus puirt-dannsa fìor thogarrach.

Tha guth air leth soilleir binn aig Jenna, agus bha Gura Mis’ tha fo Mhulad le Bàrd Phabaigh, a ghabh i ás aonais taic, air leth math. Bha an dòigh san do ghabh Linda An Eala Bhàn cuideachd glè dhrùidhteach. Se Darren a bha ’na fhear-an-taighe ’s rinn e sin gu sunndach spòrsail a bharrachd air a bhith seinn le spiorad.

B’ e an ceòl bu laige a chualas, an seat de phuirt aig an deireadh far nach robh na seinneadairean ’s an luchd-ciùil buileach a’ tarraing air an aon ràimh. A dh’aindeoin sin, b’ e cuirm gu math tlachdmhòr a bh’ ann, a chòrd gu mòr ris an luchd-èisteachd.

Hide Ad

Bidh deagh chuirm ann gach bliadhna o mhuinntir Fèis Rois. Am-bliadhna nochd iad ann an Talla Shrath Chluaidh de GRCH. Chluichd còmhlan de Chomhaltas Ceóltóiri Éireann sa chiad leth ’s bha iad sònraichte math, rud nach robh ’na iongnadh, o’n a bha an còmhlan loma-làn de luchd-ciùil a choisinn duaisean aig an ìre a b’ àirde – ’nam measg, Daniel McGuinness a chluichd fonn mall gu h-àlainn air an fhìdeig, agus Patricia McArdle a chluichd còrn-phìoba ’s ruidhle fìor bheòthail air an duiseil.

B’ iad òigridh thàlantach Fèis Rois a nochd san dara leth, agus ’s iad a rinn math, a’ cluichd measgachadh de phuirt shean agus ùr air iomadh ionnstramaid. Bha a’ chluichd aig Siannie Moodie air a’ chlàrsaich air leth brèagha, ’s chaidh na seinneadairean Mischa Nic a’ Phearsain ’s Eilidh Ramsay ris na puirt-á-beul aca le sunnd.

Tha sàr thoileacheas a’ tighinn troimhe gu soilleir anns a’ chluichd aig òigridh na Fèise. Ma gheibh sibh cothrom an cluinntinn air “Cèilidh Trail”, feuchaibh gun toir sibh taic dhaibh. Tha iad fìor airidh oirre.