Caillte ’s lorgte ann an eadar-theangachadh

“PÒSADH dèant’ ann an nèamh.” Sin an smuaint a thàinig nuair a chuala mi gun tug Grace Note Publications a-mach cuid a dh’ob­air Ian Rankin eadar-theang­aichte le Tormod MacGill-Eain – Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus (£9.95).
òsadh dèant ann an nèamh: Gàidhlig shiùbhlach MhicGill-Eain, clì, agus sàr sgeulachdan Rankin. Picture: Leon McGowranòsadh dèant ann an nèamh: Gàidhlig shiùbhlach MhicGill-Eain, clì, agus sàr sgeulachdan Rankin. Picture: Leon McGowran
òsadh dèant ann an nèamh: Gàidhlig shiùbhlach MhicGill-Eain, clì, agus sàr sgeulachdan Rankin. Picture: Leon McGowran

Cha robh mi ceàrr. Bho chur Tormod saoghal an teilidh ’s an àrd-ùrlair air a chùl sgrìobh e diof­ar nobhailean Gàidhlig a bha dorcha, drabasta, searbh no faoin, ach a bha uile mu shliom­airean ’s mu shlaightirean. Bha e follaiseach ge-tà gun robh rud­eigin a dhìth: foidhidinn, mac-meanmna, sùbailteachd, an t-sùil a chì? An uair sin thug e luach a bharrachd do chuid dhiubh le bhith gan eadar-theangachadh gu Beurla, agus bha gach nì ’na àite gus sàr ficsean-eucoir Gàidhlig a bhith againn – na plotaich­ean, na caractaran ’s an t-sùil aig Rankin; a’ Ghàidhlig bhrèagha ’s na sgilean eadar-theangachaidh agus eadar-mhìneachaidh aig Mac­Gill-Eain.

Còrdaidh Taghadh de Sgeul­achdan Inspeactair Rebus ri duine sam bith a tha measail air deagh ficsean Gàidhlig, oir ged a tha e ’na eadar-theangachadh, chan eil aon fhacal ann (ach “a Bh-uas” air “Mrs”) nach eil nàd­arra. Gus tuigsinn car son a tha e cho soirbheachail, thug mi sùil air an dà leabhar bhon tugadh na sgeulachdan, A Good Hanging (1992) agus Beggars Banquet (2002). Mar a shaoil mi, seach an eadar-theangachadh facal air an fhacal, smaoinich Tormod a-mach as ùr iad ann an Gàidhlig shiùbhlach. (Siud cleas a mhol­ainn-sa dha na daoin’ òga a bhios a’ deanamh eadar-theangach­aidhean a tha cho dona ’s nach gabh an leughadh.) Seo beagan eisimpleirean.

Hide Ad

All the fire went out of Crawford after that. Turned into a Bible basher. Chaidh an teine às an dèidh sin. Thàinig an cùram air.

Don’t worry about me, I always ramble on when I’m nervous. Na biodh iomagain oirbh mum dheidhinn-sa. Tha clab an-còmhnaidh orm nuair bhios mi a’ faireachdainn caran sgeunach.

“Away to hell,” said Rebus quietly, not sure for whom the message was intended. “Thalla ’s thoir ort,” thuirt Rebus gu socair, gun a bhith cinnteach cò thuige a bha an teachdaireachd a’ dol.

“How much would this lot cost me?” “About twenty-five K.” “You’re joking. My flat didn’t cost that.” “Dè chosgadh seo dhomh fhìn?” “Ò, mu chòig air fhichead mìle.” “Thalla is boc! Cha do chosg am flat agam uir­ead sin.”

He’d stand in the middle of Princes Street telling everyone to go to hell (and other places bes­ides). Sheasadh e ann am meadh­an Sràid a’ Phrionnsa ag èigheach ris a h-uile duine iad Iutharna, is iomadh àit’ eile, a thoirt orra.

There was sweat beneath his shirt, and the headache was reass­er­ting itself. That’ll teach you, Rebus, it was saying. That’ll teach you for taking a sip of whisky. Bha braon fallais fo lèine agus theann a cheann ri fàs goirt a-rith­ist. Biodh agad, Rebus, bha a cheann goirt ag ràdh ris. Biodh agad airson uisge-beatha a ghabh­ail.

Hide Ad

His thick hair was still tousled from where he had stood in the Queensferry Street wind-tunnel, yelling against the elements as passers-by stared at him. Bha a ghruag tiugh cràcach fhathast far an do sheas e sa ghaoith air Sràid Queensferry, ag èigheach àrd a chlaiginn os cionn a’ ghèile is luchd-ceannach a’ coimhead air.

Tha an imprint page ag ràdh gur iad Tormod MacGill-Eain agus Ruairidh Mac an t-Saoir a rinn an t-eadar-theangachadh. Tha siud a’ toirt tòrr dòchais dhomh, oir tha Tormod 76, agus feumaidh sinn móran móran leabhraichean eile mar seo. Ceannaich e, leugh e, cha bhi mealladh dùil ort.

Hide Ad

Aig aon àm bhithinn a’ cumail clasaichean còmhraidh Gàidhlig. Nuair a bha cùisean a’ dol fìor mhath bhiodh na h-oileanaich a’ còmhradh gu toilichte am measg a-chéile ann an cànan a bha car coltach ri Gàidhlig ach nach robh mise a’ tuigsinn. Nuair a chuirinn facal a-staigh cha thuig­eadh iad mi.

Se tha cur seo ’nam chuimhne ach an leabhar ùr dà-chànanach An t-Amadan Mòr aig an Loch le Mìcheal Mac an t-Saoir. Tha Mìcheal ’na bhàrd á California. Tha e ’g ràdh, “B’ àbhaist dhomh feuchainn sgrìobhadh / mar chearc san duslach a’ sgrìobadh / no iasg a’ strì ris an lìon, / ’s b’ fhada no bu mhiosa mo bhruidh­inn, / uisg’ ann an pìoba dèanamh plubraich / nach urr­ainn dha sruthadh / ach a’ glug glug glugadaich / mar mhùin seann bhodaich nach ruith,” ach an uair sin tha e gam chall. Gu fortanach tha Beurla air an duill­eig mu choinneamh, ’s tha an dàn a’ crìochnachadh, “or ignition of an engine that won’t start / its gears grinding themselves / gnashing and grinding and clanging / like a bucket full of stones ??. / i was like a left-handed boy using the wrong hand / before I spoke Gaelic / but like a spring bursts out of the far wilderness / the stream of my speech runs to the sea.”

Nise tha seo a’ togail na ceiste, an e fileantachd-chainnte Bheurla no Ghàidhlig a tha e a’ ciall­achadh. Air son freagairt faod­aidh sinn a dhol gu ro-ràdh an dàin, a tha cuideachd dà-chànanach. Chan eil a’ Ghàidhlig a’ cur solas sam bith air a’ cheist. “Bha mi a’ smuaineachadh mu dheidhinn na buile m’ ionnsachadh a’ Ghàidhlig ‘s an fileantachd a thug i dhomh.” Ach tha am fuasgladh sa Bheurla: “I was thinking about the effects of my learning Gaelic and the new-found fluency it gave me. I have always struggled more or less with stuttering and intermittently halting speech, but I found (or imagined) that speech impediment is not as sev­ere for some reason when I speak in Gaelic.”

Tha na dàin a’ togail cheistean eile. Tha iad ’nam measgachadh neònach de dheagh Ghàidhlig ’s de smodal, làn malapropisms agus droch ghràmair. Saoilidh mi gu bheil fuasgladh a’ ghnothaich sna facail seo: “Tha an leabh­ar seo air a choisreagadh gu Dòmhnaill Mòr Dhòmhnallach, às na Hearadh – òide agam ‘s mo dheagh chàraid.” Bidh Mac an t-Saoir coltach ri fear Zimmermann, a sgrìobh leabhar math ann an deagh Bheurla a leugh mi bho chionn ghoirid, anns a bheil ro-ràdh ann am Beurla air leth luideach. Feumaidh gun do chuir Dòmhnall Mòr pàirt den Ghàidhlig ceart mus do chaoch­ail e, a’ fàgail a’ bhàird gun oide.

Nise tha a’ bhàrdachd Bheurla math (car làidir ri mo bhlas-sa, ach sin beachd pearsanta) ’s tha a’ Ghàidhlig math air uairean. Gu mì-fhortanach fhuair Mac an t-Saoir duaisean son cuid de na dàin bho Mhòd Ameireaga 2012 ’s bho Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2013, ’s tha e moiteil asta – car son nach bitheadh? Mar sin tha agam ri faighneachd an robh na farpaisean seo air am breith­neachadh air a’ Ghàidhlig no air a’ Bheurla.

Chan e idir nach eil stuth math san leabhar. Mead­arrachd bàirdne: “’S gann a cheum i ach ruith ‘s leum i / ‘s ruaig as dèidh a h-earbaill.” Cù marbh air an t-sràid: “tha i na laighe / far an deach a bualadh / aig oir na slighe / a cliathaich / a’ plosgadh leis an spàirn / ri àinich / gu luath ’s dlùth . . .” Dàn fìor ghealltanach mu “bhana-chleasaiche” (girlclown) a tha gu mìshealbhach a’ dol a dholaidh aig an deireadh (an dàn, chan e a’ bhana-chleas­aiche). Agus, gu crìoch a chur air an léirmheas seo, loidhnichean a tha a’ sealltainn gu bheil Mac an t-Saoir ’na bhàrd math Beurla a dh’fhaodadh a bhith ’na bhàrd math Gàidhlig fhathast: “every thing falls, / gravity rules the entire world, / and chance each and every one of us. / tha a h-uile rud a’ tuiteam, / ’s iom-tharraing a’ riaghladh fad na cruinne, / ’s tach­raidh tuiteamas ri gach uile duine.”

Tha An t-Amadan Mòr aig an Loch air fhoillseachadh le Reading Girl agus ri fhaotainn air £27.27, faicibh an t-eadar-lìon.

Related topics: