DCSIMG

Local Events Search

powered by
www.wow247.co.uk
Search

Gaelic: Ho-ro-gheallaidh an Glaschu, ’s an uair sin Dùn Èideann

  • by Steaphan MacRisnidh
 

THA Fèis Bhaile nam Marsantach a’ dol ann an Glaschu, ’s an-diugh ’s a-màireach tha clàr loma-làn aca bhon bhuidh­inn GalGael anns an Ramshorn Theatre. Bidh iad a’ taisbeanadh sgilean saorsainneachd le togail eath­raich­ean bho dheich sa mhad­ainn, ’s thèid a’ film Às an Tràigh a shealltainn aig meadhan-latha agus gach leth-uair bhon uair sin.

Bidh òrain, sgeulachdan ’s cèic ann còmhla ris an t-seinneadair ainmeil á Ceap Breat­ainn, Màiri Sìne NicLaomainn, mu 2f, le coth­rom coimhead air dà fhilm aig Taigh Chearsabh­aigh (Taigh-Dhealbh Uibhist­each), Sruth nam Fear Gorm agus A Confluence. Tòis­ichidh gach nì a-rithist Di-Dòmh­naich aig 11 sa mhadainn.

Ann an Dùn Èideann cha bhi fada mus tòisich Iomall na Fèise. Ma thaidhpeas tu Gaelic a-steach air edinburghfestivals.co.uk thig Bruce Fummey am bàrr leis a’ chluich-chomadaidh Gaelic in the Afternoon, sam bi e a’ seanchas aig a’ Bheehive Inn mun rath­ad a rinn e a dh’ionn­saigh fileantas sa Ghàidhlig. Ach faod­aidh tu cumail ort ga fhaicinn ann an dà chluich eile, My Afro Celtic Angst agus The Jacobites and Bonnie Prince Charlie, nach bi ro ùmhail do dh’urram each­draidh nan Seumasach.

Air neo dè mu dheidhinn Ang­us: Weaver of Grass aig an Neth­erbow Theatre bho 19 Lùn­astal? Sann a bhios fuaim, ceòl agus dealbhan gan cleachdadh gus sgeul an Uibhistich Aonghas Mac-a-Phì innse – fear a bha a’ fighe trusgain iongantach á feur fad an lethcheud bliadhna a bha e ann an ospadal leighis-inntinn.

A bharrachd air na cluichean ’s a’ chomadaidh gheibhear sgeul­achdan Gàidhlig don chloinn air an innse le Catrìona Leacsaidh Chaimbeul agus Tormod Caimbeul air 25 agus 26 Lùn­astal aig RBS Imagination Lab mar phàirt de dh’Fhèis nan Leabhraichean, agus ron a-sin, aig RBS Corner Theatre air 10 Lùn­astal, nì Aonghas Pàdraig Caimbeul, Mìcheal Klevenhaus agus Màiri NicLeòid còmhradh mu dhìleab ficsean na Gàidhlig fo stiùir Moray Mhic­Bhàtair, ughdar An Introduction to Gaelic Fiction.

Mas toil leat ceòl, tha clàr ùr aig Capercaillie agus cuirm gu bhith aca aig na h-Assembly Rooms air 5 Lùnastal (8.30f, £17), no cuirm chlàrsaichean air 23 Lùnastal ann an Eaglais St And­rew’s and St George’s West, Sràid Dheòrsa. Mas e am piàna as fheàrr leat, bidh cuirm piàna air nòs na h-Alba ’s na h-Èireann san Jazz Bar air 13 Lùnastal (£10).

 

Comments

 
 

Back to the top of the page

 

EDINBURGH
FESTIVALS
2014

#WOWFEST

In partnership with

Complete coverage of the festivals. Guides. Reviews. Listings. Offers

Let's Go!

No Thanks