Drogaichean, plàigh na h-Alba

BHO chionn trì mìosan dh’fhàg Sorcha NicBhàtair ’s a fear-pòsta, Terry, Siorrachd Àir ’s rinn iad air Sealann Nuadh le’n teaghlach. A dh’aindeoin obair Sorcha mar bhanaltram an Ospadal Chrosshouse agus an dreuchd aig Terry mar neach-taic dhaoine gun dachaigh, cho-dhùin iad gum biodh beatha na b’ fheàrr aca còrr agus 11,000 mìle air falbh.

Cha b’e idir airgead no obair a bha dhìth orra ach àite gus an clann a thogail fada bho phlàigh heroin. “Se drogaichean an t-adhbhar as motha gun d’fhàg sinn. Bu mhath leam a ràdh gum b’e an aimsir bu choireach, ach se dualchas dhrogaichean agus iadsan a tha beò-ghlaicte le heroin a rinn an co-dhùnadh dhuinn. Cha robh roghainn againn.”

Tha Sorcha a’ bruidhinn le eòlas pearsanta. Dh’fhàs i suas ann an sgeama comhairle agus tha bràthair aice fhèin a’ cleachdadh heroin. Tha i am beachd gu bheil luchd cleachdaidh na droga airidh air taic, ach chan eil i idir ag aontachadh ris an dòigh anns a bheil an riaghaltas ’s na h-ùghdarrasan ionadail a’ dèiligeadh riutha. “Se a tha ga dhèanamh nas miosa gu bheil cead aca siubhal nan sràidean le misneachd.

Hide Ad
Hide Ad

“Tha iad cho bragail agus sann acasan a tha an cumhachd. Tha smachd aca air pàirtean dhen bhaile, ’s bha eagal oirnn coiseachd troimhe. Tha e coltach gu bheil luchd poileataigs ag iarraidh gun gabh sinn riutha mar phàirt den choimhearsnachd.”

Tha atharrachaidhean air na coimhearsnachdan seo thar an 40 bliadhna sa chaidh so-fhaicsinneach. Aig deireadh nan 60an bha 10,000 duine an sàs an obair na dìneamait san fhactaraidh aig Sir Alfred Nobel air an Àird an-Iar ann an Stevenston. An-diugh cha chluinnear guth air an obair ach ann an iomradh-bàis anns a’ phàipear, ’s tha na “Trì Bailtean” (Stevenston, Baile an t-Salainn, Àird Rosain) agus Cill Fhinnein fhathast gun ghnìomhachas gus àite a ghabhail. “Tha cion cosnaidh a’ bualadh gu mòr air Alba an-dràsta, agus is dòcha gur e seo aon de na h-adhbharan a bhios daoine a’ tionndadh gu drogaichean,” arsa Sorcha. “Ach tha e ’na chùis nàire gum faigh luchd cleachdaidh heroin sochairean ciorraim. Tha feum aca air taic, ach chan eil seo ceart.”

Nas miosa, tha e coltach gu bheil gnìomhachas ùr air fàs suas timcheall air heroin fhèin. A bharrachd orrasan a tha ga reic gu mì-laghail, tha dotairean, luchd taice ’s luchd comhairle ann a bhios a’ dèiligeadh gu sònraichte le beò-ghlacaich. Mar a mhìnich Sorcha, ann an ochd bliadhna dh’atharraich obair Terry bho bhith dèiligeadh ri daoine gun dachaigh a-mhàin gu bhith a’ làimhseachadh luchd cleachdaidh heroin gach là. “Nuair thòisich e cha ghabhadh na h-ùghdarrasan gnothach ri luchd cleachdaidh dhrogaichean, ach nuair dh’fhàg sinn Alba bha a’ mhòrchuid den obair aige còmhla riutha.”

Is dòcha gur e an fhianais as follaisiche air a’ ghnìomhachas ùr na tha ri fhaicinn sna bùthan ionadail. Air sgeilpean air an robh uaireigin ceapairean do luchd obrach an fhactaraidh, chithear a-nis sreathan de bhotail sùgh liomaid a bhios beò-ghlacaich a’ cleachdadh gus na cuislean aca a thoirt gu uachdar a’ chraicinn.

Tha John Mullen, a tha fàgail na dùthcha son Èirinn an ceann mìos, ’na neach stiùiridh do dhaoine a th’ air prògraman seirbheis choimhearsnachd, ’s tha a’ mhòrchuid dhiubh sin ’nam beò-ghlacaich. Tha esan cuideachd den bheachd gu bheil na h-ùghdarrasan a’ dèiligeadh ri luchd cleachdaidh heroin anns an dòigh cheàrr. “Se binn beatha th’ ann. Chan eil e neo-àbhaisteach cuideigin fhaicinn a tha air a bhith fad 20 bliadhna air methodone, gun phrògram ceart no taic gus am faighinn dheth.

“Tha e coltach gu bheil e air a chleachdadh mar uidheam smachd gus luchd cleachdaidh a chumail sàmhach. Leis gu bheil iad a’ faighinn barrachd shochairean na càch, tha iad ’nan cosgais mhòr dhan econamaidh.”

Gu mì-fhortanach, chan eil an-seo ach blasad beag de na tha a’ tachairt ann an coimhearsnachdan air feadh na Galldachd far an deach mòran obraichean a chall. Sann aig Alba a tha an ìre as àirde de chleachdadh in-chuisleach dhrogaichean air an t-saoghal, agus le poileasaidhean a tha a’ fàilligeadh an dà chuid luchd cleachdaidh heroin agus na coimhearsnachd, chan eil coltas ann gun atharraich seo a dh’aithghearr. Thuirt Sorcha, “Bu mhath leam tilleadh a dh’Alba uaireigin, ach cha chreid mi gum bi comas againn. Tha gaol agam air mo dhùthaich, ach chan eil mi moiteil aiste an-dràsta.”

Hide Ad
Hide Ad

Leis na Làbaraich a’ gairm mu phoileasaidhean ùra a stèidheachadh gus na coimhearsnachdan tradiseanta aca fhaighinn air ais, is dòcha gum biodh e feumail dhaibh èisteachd ris an fheadhainn a tha fàgail. Tha Siorrachd Àir air cus òigridh a chall ri drogaichean mar-thà. Ma tha na h-ùghdarrasan son iadsan aig a bheil tàlant agus sgilean a chumail, feumaidh iad sealltainn gur ann air an taobh-san a tha iad, no tha cunnart ann gum fàs an call misneachd seo gu bhith nas motha na na trioblaidean droga fhèin.