Gaelic: Am fear air cùl nam mapaichean

SAN ùine bhig romhainn, tha dùil ris na mapaichean Gàidhlig as mionaidiche ’s as snasaile a chunnaic sinn riamh de Ghlaschu, de dh’Fhìobh, de Dhùn Dè
’s Sgìre Aonghais, de dh’Obar Dheathain, de dh’Ìle ’s Diùra, agus de dh’Arainn ’s Cinn Tìre. Nas fhaide air adhart, tha dùil gum faigh sinn Atlas Gàidhlig de dh’Alba, ged a bheir sin, is dòcha, timcheall air 10 bliadhna eile.

Dh’fhaoidte a ràdh gun robh Pòl Caomhanach (Paul Kavanagh) ag ullachadh ri seo fad a bheatha. Bha e riamh ag iarraidh mapa mion­aid­each Gàidhlig de dh’àite a bhreith, Bàrr Fhraoichnidh (Barr­achnie) an taobh sear Ghlas­chu. ’Na òige, b’ esan an t-aon duine a rinn Gàidhlig san àrd­sgoil ann an Lannraig a-Tuath air fad. Rinn e bliadhna de Cheiltis san oilthigh, ach cha b’ ann gus trì bliadhna air ais a shuidh e sìos a dhealbhadh nam mapaich­ean ann an ceart dha-rìribh.

B’ e samhradh tioram, tachdte a bh’ ann, ann an sgìre Orihuela san Spàinn, faisg air a’ chrìch oifigeil eadar a’ Chatalanais ’s an Spàinntis. Cha robh air ach fuir­each a-staigh le inneal-àile aig làn a neirt ’s a bhith a’ dèanamh mhapaichean.

Hide Ad

Nuair a thuit an tud ’s an tad buileach o econamaidh na dùthcha, thill Pòl a dh’Alba. Tha e nas fhasa na h-ainmean-àite a rann­sach­adh a-nis na bha e bhon Spàinn. Ainmean-àite leithid an Ruaidh Ruighe (Riddrie) far a bheil e a’ fuireach an-dràsta còmh­la ri chompanach an ceann an-earthuath Ghlaschu. “Bha e ’na iongnadh dhomh nuair a dh’ionnsaich mi nach robh Gàidhlig ga bruidhinn sna h-Eileanan an-Iar fhad ’s a bha i ga bruidhinn ann an Glaschu ’s air tir-mòr mun 12ra ’s mun 13mh linn,” thuirt e rium. “Bha làmh an uachdair aig Lochlannais anns na h-eileanan san àm ud. Se sin
aon de na h-ìoranasan mu each­draidh na h-Alba.”

Tha Pòl ag amas air sgìrean nach eilear a’ meas mar chreathall na Gaidhealtachd an-diugh – ach far an robh a’ Ghàidhlig làidir uair. Tha sin fiù a’ gabhail a-steach ceann a-tuath Shasainn! “Bha buaidh mhòr aig an t-Seann Ghàidhlig air sgàth Crìostachd. Tha barail ann gur e ainm Breat­annais-Gàidhlig a th’ air Lindisfarne – far an robh manaich
Èir­eannach a’ còmhnaidh – a’ freumhachadh ann an Lindis-Fearann. ’S dòcha gu bheil ‘Lindis’ co-dhàimheil ri ‘Linne’ – chuir­eam­aid Linneas-Fearann air mar ainm Gàidhlig an-diugh.

“Ann an Cumbria cuideachd, sann á ‘Rann Ghlas’ a tha Raven­glass, agus gheibhear ainm Lochlannais-Gàidhlig ann an Aspatria – á Askr-Phàdraig (craobh-uinns­eann Phàdraig), rud a bha bith­eanta ri linn nan Gall-Ghaidheal.”

Tha e a’ dol an taobh eile cuid­eachd: “Ged a tha mòran den bheachd gu bheil a’ Bheurla a’ sìor chaismeachd air a h-agh­aidh, chithear gun robh tràgh­adh agus lìonadh ann. Gheibh­ear ainmean Albannach, gu h-àraidh anns a’ cheann an-iar­dheas, a bha uair ’nan ainmean Beurla, a chaidh an gaidhealachadh agus an uair sin an galldachadh a-rithist.”

Leithid Dalswinton ann an Dùn Phris, no Tarbolton ann an Siorrachd Àir, tha ùidh aig Pòl annta a chionn ’s gu bheil iad ’nan dearbhadh gun deach Gàidh­lig an àite na Beurla ann an cuid de sgìrean. “Thòisich an
t-ainm mar Swinton, no Swinetoun, ’s an uair sin thàinig na
Gaidhil agus chuir iad an ro-leasachan ‘dail’ ris. Ann an Siorrachd Àir, a bha fo riaghladh seann rìoghachd Northumbria air son greis, chuir iad ‘tòrr’ ris an ainm Bheur­la Bolton.

“Se sin a tha a’ fàgail ainmean-àite Albannach cho toinnte an taca ri Sasainn, far a bheil e nas sìmplidhe. An sin, b’ e an t-seann Chuimris a bha ann an toiseach. Chaidh Beurla nan Angla-Shagsannach ’na h-àite, ’s mhair an suidheachadh sin gus an latha an-diugh. Chan eil na h-ainm­ean-àite cho iom-fhillte sa mhòr-chuid de Shasainn ri linn seo.”

Hide Ad

Mar a rinn an t-Suirbhidh Òrdanais mabladh de’r n-ainmean-àite, gan tionndadh on Ghàidh­lig ’s on Bheurla Ghallta, nì gach cànan butarrais de na
h-ainmean a bh’ ann roimhe. Am measg nam mapaichean uile gu ruige seo, se Meadhan na
h-Alba as dorra do Phòl, oir tha Siorr­achd Lannraig ’na chois, agus cha deach rannsachadh dòigheil a dhèanamh air a h-ainmean Cruith­neach, Gaidhealach agus Angla-Shagsannach fhath­ast. A chòrr, tha meadhan Siorr­achd Àir caran tana bho thaobh ainmean-àite Ceilteach.

’S fheàrr leis a dhol air ais don Bheurla Ghallta, seach litreachadh an là an-diugh a chleachd­adh nuair a bhios e a’ lorg tùs Gàidhlig. Ghabh Beurla nan Gall thairis tòrr de dh’ainmean Gàidh­lig nam meadhan-aoisean, agus ann an Gàidhlig nam meadh­an aoisean, bhathar a’ fuaimneachadh ‘th’ coltach ris an th san fhacal Bheurla thin, ’s b’ e th coltach ri then am fuaimneachadh a bh’ air ‘dh’ ann an Gàidhlig an linn sa. Air taobh sear na h-Alba, gheibhear an litreachadh dd
mar chomharra air an t-seann fhuaimneachadh sin, gu h-àr­aidh timcheall Fìobha ’s Dhùn Dè.

Hide Ad

Dè an fhreagairt aige ma-tà don t-seòrsa duine a chanadh gun robh sinn “a’ sparradh Gàidhlig” air muinntir àiteachan aig nach robh i le ainmean-àite Gàidhlig air soidhnichean agus mapaichean?

“Chan eil suim no foighidinn agam air an son. Tha làn chòir aig na Gaidhil bruidhinn mu ainmean-àite ’nan cànan fhèin! Cha bhi iad a’ gearan gu bheil na Fraingich a’ cantainn Édimbourg ri Dùn Èideann, no gur e Écossais a th’ annainn, no Escocia a th’ anns an dùthaich againn a rèir nan Spàinnteach!”