Bliadhna Rob Dhuinn, Burns na Gàidhlig

Tha trì cheud bliadhna bhon d’ rugadh Rob Donn MacAoidh, agus tha muinntir Dùthaich ’ic Aoidh a’ deisealachadh sreath de thachartasan sònraichte a’ cur dualchas a’ bhàird an céill do ghinealaich ùra.
Drìne agus Dùthaich ic Aoidh: Seumas Greumach, Catrìona NicLeòid agus Carol Anne NicAoidhDrìne agus Dùthaich ic Aoidh: Seumas Greumach, Catrìona NicLeòid agus Carol Anne NicAoidh
Drìne agus Dùthaich ic Aoidh: Seumas Greumach, Catrìona NicLeòid agus Carol Anne NicAoidh

Sann aig Celtic Connections a-nochd, an 18mh, a tha a’ chiad oidhche de cheòl ’s de bhàrdachd san t-sreath leis a’ chòmhlan ciùil “Drìne”, aig 8 f anns an Centre for Contemporary Arts (CCA). Agus bidh mór­an a bharrachd a’ dol aig Taigh na Gàidhlig ann am Mealanais nas fhaide air adhart sa bhliadhna, eadar cuirmean-ciùil, buidhnean obrach agus òraidean stéidh­te air obair a’ bhàird.

Tha Rob Donn (1714-78) aithnichte son òrain air leth briagha, leithid Iseabail NicAoidh, a rinn e stéidhte air ceòl mór na pìoba, agus air son a mharbhrainn do dh’Iain MacEachainn. Ge-tà, bha taobh nas aotraime aige cuid­eachd agus canaidh cuid “Robbie Burns na Gàidhlig” ris gu tric. Tha Catrìona NicLeòid á Srath Nabhair, rùnaire Taigh na Gàidhlig, a’ mìneachadh car son. “Rinn Rob Donn barrachd air 200 òran agus rann ’s iad a’ toirt dhuinn sealladh àraid air beatha a’ bhàird ’s na daoine sa choimh­earsnachd san 18mh linn. Bha e mothachail air ciamar a bha daoine gan giùlain fhéin, ’s bha e duilich a theanga gheur a sheachnadh ma bha e smaoin­eachadh gun robh thu airidh air trod no fealla-dhà!”

Hide Ad

Bhiodh deasaichean uaireann­an ag iarraidh dualchainnt bheò­thail a’ bhàird a dhubhadh ás, agus seòrsa de Ghàidhlig “choit­cheann” a chur ’na h-àite, fiù ’s dar a mhilleadh sin an rannaigh­eachd. Chan eil eagal gun téid sin a dhèanamh le Drìne ge-tà. Tha an t-ainm a’ ciallachadh “a’ chuid as fheàrr” (bhon roinn chaora a bhiodh na Gaidhil a’ toirt do na bàird), agus se deagh thaghadh de luchd-ciùil á Dùth­aich ’ic Aoidh ’s á Cataibh a tha an sàs ann. Tha iad uile dlùth agus déidh­eil air obair Rob Dhuinn. Is iad Suzanne Houston á Goillspidh, Seumas Greumach á Loch an Inbhir, Rona Shutharlan á Brùra, Carol Anne NicAoidh á Srathaidh agus Catrìona fhéin. Thuirt i: “Tha an cànan a cheart cho cudromach ’s a tha an ceòl agus tha sinn air deagh chuid­eachadh fhaighinn o Alasdair Mac a’ Mhaoirn á sgìre Raoird. Tha sinn uamaidh fhéin sìthichte leis a h-uile nì.”

Théid faclair ùr de Ghàidhlig Dhùthaich ’ic Aoidh le Seumas Grannd a chur air bhog aig deireadh-sheachdain shònraichte dha Rob Donn air 21/22 Ògmhios. Tuilleadh fios: [email protected]