Tìr nan ceudan bheag-chànanan

ANNS a’ bhrot mhòr de chànanan ’s de chultaran a th’ aig Ameireaga a-Deas, ’s i Perù, is dòcha, a tha a’ toirt gu inntinn na h-ìomhaighean as aithnichte de dhualchasan tùsail na mòirthire sin.

Tha i suidhichte gu tuath air an t-Sile air oirthir a’ Chuain Shèimh, agus sann ann a lorgar Machu Picchu, mìorbhail nan Ioncach, agus na Loidhneachan Nazca, comharradh àrsaidh de shluagh na bu shine fhèin.

A bharrachd air seo, tha na ceudan de mhion-chànanan air monaidhean nan Andes agus, gu h-àraidh, am measg nan treubhan anns a’ choille mhòr Amason. A dh’aindeoin teachd Francisco Pizarro san 16mh linn agus na linntean de ruagaireachd a lean e, tha an dùthaich loma-làn dualchasan tùsail, agus tha Quechua, cànan Ìompaireachd nan Ioncach fhèin, air a bruidhinn fhathast le timcheall air 9 millean duine ann am Perù agus anns na dùthchannan timcheall oirre.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Carlos Tuesta, 41, a’ fuireach ann an Iquitos, baile mòr iomallach far am bruidhnear Spàinntis le buaidh bho chuid de chànanan na h-Amasoin, a’ choille mhòr a tha cuartachadh a’ bhaile air fad. Mar a mhìnich e, tha am measgachadh de chultaran a tha ri fhaicinn anns an dualchainnt aige a’ riochdachadh Perù mar dhùthaich. “Tha am fìor Pherùbhianach ’na Mhestizo,” mhìnich e. “’Na mheasgachadh de shluaghan eadar-dhealaichte – Eòrpaich, Tùsanaich, daoine dubha a thugadh a-steach mar thràillean. Agus Sìonaich. Chan e Perù an Ìompaireachd Ioncach air a h-ath-bhreith. Rinn na Mestizos sìobhaltas ùr aig a bheil an Spàinntis mar chànan ’s a’ Chaitligeachd mar chreideamh.”

Ged a tha Carlos am beachd gu bheil Perù seasmhach san ìomhaigh seo, tha comharraidhean ann gu bheil i fhathast, ann an dòigh, a’ lorg fèin-aithne. Tha sàrachadh am measg nan cinnidhean gu math cumanta. Cluinnear gu tric cholo, facal a tha gu math coltach ri fenian ann an cleachd agus cumhachd, gus magadh air duine air a bheil coltas Tùsanach.

Chan eil facail mar seo neo-chumanta ann an iomadh cultar air feadh an t-saoghail, ’s dòcha, ach se an t-ìoranas as motha gur e na Mestizos agus na Tùsanaich a tha a’ dèanamh suas a’ mhòrchuid de shluagh Perù. Ged a bha i fuilteach, cha robh buaidh nan daoine geala air na Tùsanaich cho iomlan ’s a bha i anns na Stàitean Aonaichte; sann bho shìol nan Ioncach ’s nan treubhan beaga a tha a’ chuid as motha de na Perùbhianaich a tha a’ coiseachd sràidean Lima an-diugh.

Tha faireachdainnean agus beachdan nam Perùbhianach ceangailte gu dìreach le riaghladh na Spàinne, a chrìochnaich bho chionn dà cheud bliadhna agus, gu h-àraidh, tha an siostam stèidhte air cinneadh a chleachd na Spàinntich gu smachd a chumail air na Tùsanaich air dìleab de nàire ’s de thàmailt a thoirt air na Perùbhianaich ás na dualchasan aca fhèin. Leis mar a bha daoine air an roinn a rèir fala ’s sinnsearachd, bha barrachd chòireachan aig Spàinntich ’s aig daoine a bha de shliochd nan Spàinnteach; b’ann aig bonn na sitig a bha na Tùsanaich.

Tha an dìleab seo a-nis ga foillseachadh mar fhèin-àicheadh ’s fhèin-ghràin, agus nas miosa, mar bhrùidealachd agus fhòirneart a cheart cho gràineil ’s a bh’ aig na Spàinntich. Thuirt Carlos, “Ann am beachd nam Mestizos, bhuineadh luchd nam beann ’s nan coilltean do chlas eile; bhiodh ar seanairean gan càineadh ’s gam marbhadh. B’e am Perùbhianach ùr a-nist am milltear ùr, rud a tha ga mo nàrachadh gu mòr.”

Leis mar tha an riaghaltas a’ gluasad a-steach na bu dhoimhne air tìrean Tùsanach san Amason an tòir air stòras nàdarra, tha strì agus aimhreit ann fhathast, fuilteach aig amannan. Ach le beachdan an t-saoghail a-nis na bu choltaiche ri bhith air taobh mion-chultaran na bha iad lethcheud bliadhna air ais, tha làmh nan Tùsanach air a neartachadh. Ann an dùthaich anns a bheil eadar ceud agus trì cheud cànan tùsail, a’ mhòrchuid dhiubh sin ’nam mion-chànanan, tha meas nan Tùsanach air an dualchas aca air leth cudromach ma tha iad gu bhith maireann san linn seo. Mar a leasaich Carlos, ge-tà, tha gainnead misneachd fhathast a’ bualadh orra. “Cha bhi na Tùsanaich ás an Amason idir a’ bruidhinn a’ chànain aca air beulaibh muinntir a’ bhaile mhòir. Bidh iad a’ bruidhinn na Spàinntis gus nach smaoinich sinne gu bheil iad gòrach.”

Gu fortanach, tha e coltach gu bheil rudan ag atharrachadh san dùthaich iongantach seo. Bliadhna bho bhliadhna, tha barrachd sgoilearan ag ionnsachadh nan cànanan tùsail – leithid Cocama agus Aguaruna – sna h-oilthighean, ’s tha companaidhean fòn-làimhe a-nis a’ tabhann seirbheis ann an Quechua agus Aymar. Tha Carlos fhèin gu math dòchasach. “Tha an suidheachadh gu tur eadar-dhealaichte bho mar a bha e nuair bha mi fhìn ’nam oileanach anns na h-ochdadan. Tha sinn a’ cur luach air ar dualchasan, ’s eadhon air na monaidhean chan eil an àireamh de luchd-labhairt nan cànanan tùsail a’ crìonadh. Air na h-adhbharan sin, chan eil mi a’ creidsinn gum bàsaich ar cànanan.”

Hide Ad
Hide Ad

Àrd anns na h-Andes, mu lethcheud mìle bho Mhachu Picchu, tha Qusqo, seann phrìomh-bhaile nan Ioncach. Tha an ailtearachd Spàinnteach follaiseach, sgàinte an-siud ’s an-seo le na linntean de chrithean-talmhainn agus de dh’fhuachd. Ma ghluaiseas tu beagan nas fhaisge, ge-tà, chì thu gu bheil iad togte air seann tobhtaichean Ioncach, fhathast foirfe, gun aineamh no smal an dèidh sia ceud bliadhna.

Thathar an dòchas gu bheil an cànan cho tapaidh ris an togalach.

O chionn 80 bliadhna: 2 Giblean 1932

THA Gàidheil Lunainn ro dhìleas do chainnt an dùthchais, agus is ainneamh seachduin ré a’ gheamhraidh anns nach eil coinneamh air chor-éiginn air a gleidheadh aig am bheil i air a labhairt agus air a seinn. Chan eil bliadhna anns nach eil ceithir no cóig de shearmoinean Gàidhlig air an toirt seachad anns a’ bhaile, an àireamh is mò dhiubh le ministearan ainmeil a tha dol gu deas a dh’aon ghnothach a chum an dleasnas so a choimhlionadh.

Tha comuinn nàiseanta an Lunainn a tha ri obair mhath, agus tha dhà no trì dhiubh air an cumail am bith gu bhi ’nan culaidh-thaice do chànain nam fineachan. Eadar a h-uile rud a th’ann, tha Ghàidhlig a’ faighinn deagh chothrom am Baile-mór na h-Impireachd, agus ri ùine thig i gu bhi air a labhairt na’s trice ’na shràidean is ’na thaighean-ithinnich.

Co is prìomh luchd-tagraidh ás a leth? ’Nam measg tha Mr Iain Mac Leoid, a bha o cheann ghoirid ’na cheann-suidhe aig a’ Chomunn Ghàidhlig. Is bràthair e do Mhr. Calum Mac Leoid an Glaschu, a tha cho ainmeil air son a ghleusdachd ’sa dhìlseachd do thìr is do theanga, agus a tha daonnan air thoiseach anns gach obair mhath ás leth nan cuspairean so.

Tha feadhainn eile ann, cuideachd, agus bheir sin[n] iomradh orra uair-éiginn eile.

Leabhar ùr blasta mu fhuaimeanna Gàidhlig

A dh’aindeoin reusan agus rannsachadh, tha cuid de luchd teagaisg agus de luchd ionnsachaidh fhathast a’ faireachdainn nach e rud a tha ann am fuaimneachadh a ghabhas teagasg neo ionnsachadh.

Hide Ad
Hide Ad

Gu fortanach, tha Michael Bauer (an dearbh fhear a thug dhuinn Dwelly air-loidhne) air slighe nas cinntiche ’s nas torraiche a ghabhail tron chuspair. Ann am Blas na Gàidhlig: The Practical Guide to Gaelic Pronunciation (Akerbiltz, £35.00), tha 592 duilleag loma làn eisimpleirean, dhealbh agus chartunaichean, anns a bheil Bauer gar treòrachadh a dh’ionnsaigh tuigse nas fheàrr air fuaimneachadh agus air leughadh na Gàidhlig.

Leis gur e ionnsachadh a rinn e fhèin, tha e a’ tuigsinn ciamar as urrainnear a dhol ceàrr agus dè ghabhas dèanamh gus a chur ceart. Mar eisimpleir, air son eadar-dhealachadh a chomharrachadh eadar “eòin” agus “Eoghainn” neo eadar “tinn” agus “tighinn”, se a chomhairle smuaineachadh air mar phuingean ciùil. Tha “tinn” a’ faighinn aon bheum ’s tha “tighinn” a’ faighinn a dhà.

Faodaidh cuspair mar seo a bhith car tioram mura robh tòrr spòrs aig an ùghdar. Ann a bhith toirt rabhadh gu bhith faiceallach le fuaimneachadh “gh” tha e ag innse mu thè a bha a’ toirt òraid air cur-seachadan, ach an àite a bhith a-mach air boghadaireachd nach ann a dh’innis i gun do thòisich i air “bodaireachd” le cuideachadh bhon duine aice. Bha i na b’ fheàrr oirre na bha esan, thuirt i, agus bhiodh i ga dhèanamh le daoine eile cuideachd!

Tha Bauer a’ sealltainn nach eil mòran de dh’fhuaimean na Gàidhlig cho eadar-dhealaichte bhon fheadhainn air a bheil sinn eòlach mar-thà bhon a’ Bheurla Ghallda. Air son “ch” mar a gheibhear ann an “chì sinn”, tha e ag iarraidh oirnn smuaineachadh air dreich.

Air eagal ’s nach eil a h-uile leughadair cho cleachdte ri droch aimsir, tha gu leòr plòighean eile aig Bauer gus an teanga aca a chur air deagh ghleus. Don neach aig a bheil Gàidhlig mar-thà, b’ fhiach Blas na Gàidhlig a cheannach air son an fhiosrachaidh agus air son an deagh leughaidh a tha ann.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, cho math ri faidhlichean-fuaim agus leabhraichean treòrachaidh, ri luchdachadh-a-nuas an-asgaidh aig http://akerbeltz.eu/

Seonaidh Caimbeul

An t-òrd, an teine – agus Uibhist a-Deas

Chan e The Hammer and the Fire (Maclean Dubois, £10) idir a’ chiad leabhar le Henry Marsh a tharraing mi gu aire luchd na Gàidhlig. Tha e ’na mhaighstir-sgoile á Loudaidh a bhios a’ tighinn a dh’Uibhist a-Deas air làithean saora còmhla ri mhnaoi, Jackie. Chaidh a dhùsgadh gu bàrdachd ann an 2000 le bàs a’ bhàird Dòmhnall Aonghas Bhàin á Taobh Deas Loch Baghasdail.

Hide Ad
Hide Ad

Leig Henry seachad a dhreuchd on uair sin, agus seo an cóigeamh chruinneachadh aige. Tha na dàintean làidir, làn suspaint agus dibhearsain, freumhaichte ann an eachdraidh ’s ann an nàdar. Sann bho John Knox a tha an eachdraidh a’ tighinn an turas seo; saoil a bheil uiread de bhrosnachadh gu bàrdachd aig amannan agus aig daoine eile ann an eachdraidh ar dùthcha? Chì sinn fhathast, gun teagamh.

Tha fada bharrachd na Uibhist sa phàirt eile den leabhar, ach tha dàin ann air Loch Cròcabhat, Caolas Éirisgeigh, Loch Druidibeg, Smeircleit, Cille Pheadair ’s eile. Bidh Marsh gar toirt leis tro shùilean, mar aig doras seann taigh Dhòmhnaill Aonghais Bhàin.

Blue twine holds the latch.

The door staggers on rusty hinges,

its planks, like broken teeth,

grate over fallen plaster. The ceiling

gapes, opens on beams

with their flora of rot perilously bridging

the murk in the pitch of the thatch.

Agus mar sin a-staigh dh’a inntinn, mar ann am ‘Mummy’:

I see Cnoc Hallan in the distance,

that knoll, where for some, the dead

are a harvest, where meaning grows

like grain on the waving machair.

Ma cheannaicheas sibh The Hammer and the Fire cha bhi an t-aithreachas oirbh.

Raghnall Macilledhuibh Leabhraichean Ùra