Tìr a bha fada gun cheannard ach cànanan

Fhuair muinntir na Beilge prìomhaire agus caibineat ùr bho chionn mìos. Ged a bha iad bliadhna gu leth gun riaghaltas cunbhalach, tha e coltach nach do mhothaich iad móran ás an àbhaist a thaobh riaghladh na dùthcha san eadar-àm fhada sin.

A réir cuid, tha a’ Bheilg an impis sgoltadh eadar dà choimhearsnachd chànanach, Flanndrais san taobh tuath, a rachadh leis an Òlaind nan robh sgaradh ann, agus Wallonie san taobh a-deas a rachadh leis an Fhraing. Dh’fhaodadh a’ choimhearsnachd bheag Ghearmailteach air an taobh an-ear tilleadh dhan Ghearmailt.

Sin a tha nàiseantaich Fhlanndrach ag iarraidh, mar a rinneadh le Teiceaslobhagia ann an 1992. Se dùthaich gu math “cunnradhach” neo feadarail a tha anns a’ Bheilg ge-tà, far a bheil còirichean cànanach, iomadachd chultarach agus sgaoileadh-cumhachd poilitigeach nan roinntean fa leth air an daingneachadh ann an siostam lagh a tha nas ioma-fhillte na bha aca ann an Teiceaslobhagia. Tha lìonraidhean de chòirichean reachdail a’ teannachadh na dùthcha ri chéile aig a’ cheart àm ’s a tha iad ag adhbharachadh argamaid ’s air uairean ùpraid.

Hide Ad
Hide Ad

San roinn-bhótaidh Halle-Vilvoorde bha còirichean aig luchd bruidhinn na Fraingis bhótadh air son pàrtaidhean Walloon neo pàrtaidhean Flanndrach a réir an toil ann an taghadh 2007. Cha robh an aon roghainn aig luchd bhótaidh Flanndrach anns a’ Wallonie. Thog sin connspaid a chuir ri duilgheadasan ann a bhith a’ cur riaghaltas ri chéile eadar na pàrtaidhean as motha.

Ged a bhreithnich cùirt réiteachaidh gur e suidheachadh mì-reachdail a bha ann, chaidh taghadh 2010 air adhart gun atharrachadh air gnothaichean. Thug sin cothrom do nàiseantaich Fhlanndrach iomadh gearain eile a thogail a thaobh inimrich, eucoir, na dìomhanaich ’s mar sin air adhart. Tharraing am pàrtaidh nàiseanta Flanndrach as motha, an Nieuw-Vlaamse Alliantie (N-VA), a-mach á còmhraidhean mun t-seòrsa co-bhanntachd a tha deatamach sa Bheilg far a bheil e doirbh dha aon phàrtaidh thar chàich cuid mhór shoilleir a bhuannachadh ann an Seòmar nan Riochdairean.

Thàinig faochadh mu dheireadh thall air 10 Dùdlachd nuair thàinig Elio Di Rupo, ceannard nan sòisealach sa Wallonie, air beulaibh Albert II, Rìgh nam Beilgeach, le tagradh son riaghaltas ùr co-bhanntach a chur air dòigh.

Fhuair Di Rupo taic bho cha mhór gach taobh gu dhol ’na phrìomhaire. Tha sin a’ fàgail an N-VA, le Bart De Wever os an cionn, ’nan aon phàrtaidh dùbhlanach san dùthaich gu léir. A-nis tha Di Rupo (gu fosgailte géidh, sòisealach, caol, “Laideann”) agus De Wever (gu math fada air an taobh dheas, reamhar, “Anglach-Sasannach”) a’ riochdachadh dà dhealbh-magaidh dha na teagmhaich a tha cunntadh nan làithean gu’n tuit an caibineat ùr ás a-chéile le sgainneal air choreigin.

Mar iomadh oifigeach riaghaltais eile, tha Consal na Beilge ann an Alba, Yves Lemarchand, a’ faicinn cruaidh fheum air riaghaltas a stiùireas an dùthaich tro dhuilgheadasan econamach agus eile: “Thathar ag ràdh le fealla-dhà gu bheil sinn a-nis, an déidh dhuinn a bhith ùine mhór gun phrìomhaire ’s gun chaibineat, a’ gluasad air thoiseach air dùthchannan eile gu dòighean riaghlaidh nas ionadail. Ge-tà, tha sinn uile a’ cur fàilte air an riaghaltas ùr, agus chan eil teagamh mu cho cudromach ’s a tha e ann an gnothaichean an econamaidh, dìon agus dàimhean céine.”

Saoil a bheil féin-aithne choitcheann os-nàiseanta aig na Beilgich a tha nas cumhachdaiche na féin-aithne nàiseanta nan diofar choimhearsnachdan cànanach?

“Tha gu dearbh. Tha facail Julius Caesar, fortissimi sunt Belgae neo ‘se na Beilgich as treuna’, gu math aithnichte air feadh na dùthcha!”

Hide Ad
Hide Ad

Chan eil Rolf Falter, 58, a tha os cionn Roinn an Fhiosrachaidh Bheilgich aig a’ Phàrlamaid Eòrpaich sa Bhruiseal, idir cho cinnteach. “Tha dearbh-aithne nàiseanta Bheilgeach ann ceart gu leòr, ach chan eil i ri fhaicinn ach ann am ball-coise ’s còcaireachd.

“Ma mhaireas an riaghaltas ùr seo idir, bidh e air sgàth ’s nach eil roghainn eile aig na pàrtaidhean co-bhanntach ann am Flanndrais. Mur urrainn dhaibh an cruas seo a làimhseachadh gu faiceallach, tha fios aca gun téid an slugadh suas san ath thaghadh le na nàiseantaich.”

Thàinig Arie Beemster, 37, á Amsterdam a dh’obair ’na fhear-dealain sa Bheilg. “An déidh sia bliadhna ann an Antwerpen tha mi fhathast ’nam choigreach. Tha na Flanndraich fada nas bàidheile ri Beilgich eile, ge b’e dé chànan a tha aca, na tha iad ri Duidsich. Se ‘Hollandse Hoeren’ (siùrsaich Dhuidseach) a chanas iad rinn.”

Tha cuid den òigridh sgìth de cheistean cànanach. Thuirt oileanach, Elise Desmet, 22, á Mechelen: “Chan eil mi dol a dh’innse dhuit dé chànan a tha agam bho thùs. Chan eil a’ cheist sin a’ coimhead ciallach dhomh. Se bana-Bheilgeach ioma-cànanach a tha annam, agus is mì a tha moiteil ás!”

Ge b’e dé thachras gu politigeach anns a’ Bheilg, tha iomadachd chultarach agus comasan cànanach aca a tha prìseil.