Tha rathaidean aig bàrr an agenda

An ath sheachdain bidh cothrom aig muinntir na dùthcha bhòtadh air son comhairlichean ùra a bhios gan riochdachadh san ath chòig bliadhna.

Dh’iarr An t-Albannach air sia tagraichean a tha seasamh air son Comhairle na Gaidhealtachd ann a uàrd Eilean a’ Cheò innse dhuinn dè na prìomh chuspairean a bha luchd-bhòtaidh a’ togail.

Drew Millar

Libearalach Deamocratach

SE an rud as motha tha cur dragh air daoine staid nan rathaidean. ’Nam bheachd-sa chan eil sinn a’ faighinn an uiread de sheirbheisean a bu chòir dhuinn sa uàrd seo. Mar sin, ma thèid mo thaghadh a-rithist, nì mi mo dhìcheall feuch am faigh sinn na seirbheisean bu chòir dhuinn. Se as coireach gu bheil na rathaidean mar thà iad, cion airgid agus cion obair orra thar nan 10-15 bliadhna a dh’fhalbh. Se an dòigh as fheàrr sin a chur ceart tuilleadh airgid fhaighinn bhon Riaghaltas.

Hide Ad
Hide Ad

Tha dragh aig luchd-bhòtaidh cuideachd mu neo-eisimeileachd agus mu na còmhraidhean mu Feachd Poilis singilte agus Seirbheis Smàlaidh singilte.

Hamish Friseal

Neo-Eisimeileach

Rud tha cudromach do dhaoine, se na rathaidean. Tha a’ chuid as motha de dhaoine a’ bruidhinn mu’n deidhinn. Shaoileadh tu gum biodh iad a’ bruidhinn mu shlàinte ’s foghlam ’s rudan mar sin, ach chan eil aig an ìre seo. Tha cùram dha na seann daoine ann, tha sin gu math cudromach dhan fheadhainn a tha mi faicinn. Ach rud eile a tha neònach, tha draghan aig cuid aca mu phlanadh, mar a bha planadh a’ dèanamh milleadh air na seallaidhean anns an Eilean Sgitheanach.

Ach se an rud a tha a’ cur dragh ormsa, mar nach e an fheadhainn òga a tha gan togail, agus tha feum againn air taighean air son daoine òga. Bha dragh aig cuid a dhaoine cuideachd mu dè tha a’ dol a thachairt le cùram air son seann daoine sna bliadhnaichean a tha romhainn. Oir tha barrachd ’s barrachd seann daoine ann.

Anndra Mac an Tòisich

Làbar

Tha daoine air a bhith bruidhinn air taighean aig prìs reusanta, agus òigridh gun obair. Cuideachd, coltach ri eileanan eile, tha dragh aig daoine mu mar a tha barrachd ’s barrachd seann daoine ann. Coltach ri sgìrean iomallach eile, tha duilgheadasan ann a thaobh cho furasta ’s a tha e cuid a sheirbheisean fhaotainn.

Thaobh cùram do sheann daoine – tha daoine ag iarraidh fuireach anns na coimhearsnachdan aca fhèin, ’s mas urrainn dhaibh sna dachaighean aca fhèin. Feumaidh sinn dòighean a lorg a leigeas leotha fuireach sna coimhearsnachdan aca fhèin.

Cuideachd, seach nach eil an uiread de dh’ionmhas ann a chleachd a bhith ann, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi an aon ìre de sheirbheisean ann an sgìrean dùthchail ’s a tha sna bailtean.

Iain Crews

Tòraidh

Tha daoine gabhail dragh mun econamaidh san fharsaingeachd, ’s tha iad air a bhith bruidhinn mu neo-eisimeileachd.

Hide Ad
Hide Ad

Tha daoine air innse dhomh gu bheil dragh aig cuid aca mu na tuathan-gaoithe, agus tuigidh mi sin, air sgàth ’s a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aca air na seallaidhean eireachdail againn an seo. Tha cumhachd ath-nuadhachail cudromach, ach feumaidh sinn cuimhneachadh air na coimhearsnachdan – a dh’fheumas a bhith an sàs ann an còmhraidhean mu dheidhinn, agus a dh’fheumas a bhith taiceil dha.

Iain Renwick

Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

Air aon latha chuala mi mu sgoiltean a’ dùnadh, in-imrich, creideamh agus dìgean!

Aon rud a bha daoine bruidhinn mu dheidhinn: mar a bha buidheann-riaghlaidh na Comhairle ag iarraidh cur ás do na h-obraichean aig luchd-taice sna sgoiltean. Ach chuir sinne moladh a-steach coimhead air a’ chùis a-rithist, agus chaidh na h-obraichean sin a shàbhaladh.

Tha draghan aig daoine daonnan mu ghearraidhean san fharsaingeachd ’s a’ bhuaidh th’ aca air seirbheisean ionadail. Bu toil leis an SNP comataidhean ionadail fhaicinn aig am biodh smachd air maoineachadh agus a b’ urrainn èisteachd ri daoine gu h-ionadail.

Iain Gòrdon

Neo-Eisimeileach

Se aon rud a chuala mi a-rithist agus a-rithist, gum feum cùisean atharrachadh. Bha daoine a’ faireachdainn nach robh gnothaichean ionadail a’ faighinn èisteachd cheart. Tha fhios aig daoine nach eil cùisean furasta an-dràsta, ach chan urra dhaibh tuigsinn car son a dh’fheumas iad daonnan na seirbheisean bunaiteach againn a ghearradh – leithid foghlam, slàinte, rathaidean, taigheadas. Cò air a tha na manaidsearan a’ cumail stiùir, mura h-eil na seirbheisean ann? Tha daoine airson gun tig crathadh air cùisean, agus tha iad airson gum bi guth aca a gheibh èisteachd.

Tha mi air sgeulachdan a chluinntinn mu na seann chomhairlichean ’s mar a bha iad comasach air ceistean a thogail ás leth dhaoine. Tha mi a’ faireachdainn gu làidir gum bu chòir dhuinn èisteachd ri coimhearsnachdan.

Bho rathaidean gu cùram sheann daoine, bho sheirbheisean èiginn gu planadh, tha farsaingeachd de cheistean gu bhith aig na comhairlean ùra ri fhreagairt.