Tha Crìost beò anns a’ bhàrdachd

THA an Sgitheanach Maoilios M Caim­beul air aon de na bàird Gàidhlig as fheàrr a tha againn.

Tha lainnir san obair aige a tha air leth tarr­aing­each agus ma tha e a’ cleachd­adh chleasan tha iad cho supailte’s nach bi thu a’ mothachadh dhaibh; ach ma stad­as tu mionaid ga sgrùdadh, thig làn ìre eile de chéill gu sùil d’ innt­inn mar ghrinn­eal an grunnd fuaran beinne.

Tha Maoilios 68 a-nis, agus fad iomadh bliadhna tha e air a bhith a’ cur dìleab chudrom­ach de sheòrs’ eile ri chéile – sgrìobh­aidhean an Gàidhlig agus am Beurla mu fheallsanachd mar bhàrd. Thàinig an dà sheòrsa sgrìobhaidh seo, bàrdachd agus feallsanachd, còmhla gu h-ùiseil a-nis ann am Myles agus Margaret Campbell, Island Conversion: The Transition of a Gaelic Poet from Sceptic to Believer (Urras Leabhraichean nan Eilean, £12).

Hide Ad
Hide Ad

Tha trì pàirtean san leabhar. An toiseach tha iomradh pears­anta Beurla anns a bheil eileam­aidean de mhìneachadh feumail air dusan dàn a dh’fhoillsich e roimhe, de dh’fhéin-eachdraidh le dhara mnaoi (tha i á Leódhas), agus de thràchdas feallsanachail (dh’aithnich mi smuain­tean innt­inneach ’na mheasg a dh’fhoill­sich e ann an Gairm uaireigin mu “Chrìost, am Bàrd”). An uair sin tha sreath-dhàn ùr Gàidhlig ‘Tìr a’ Gheallaidh’ – le eadar-theangachadh Beurla – a’ togail cuid de na puingean as cudrom­aiche san iomradh. Mu dheir­eadh, tha an dusan dàn Gàidhlig ud air an toirt seachad, a-rithist le eadar-theangachadh Beurla.

Tha móran anns a’ chiad phàirt a bhios aithnichte do
dhuine sam bith a tha eòlach air nàdar a’ chreidimh Ghaidheal­aich: cuideam ga chur air bruadaran, manaidhean (maide a’ tuit­eam far balla) agus co-thuiteam­asan (a thaobh shearmoinean
’s earrannan sgriobtaireil). Leugh Tor­mod Sona. Chan iongnadh gu bheil Maoilios a’ creidsinn gum bu chòir do gach duine a tha ag aontachadh ri Creud nan Abstol a bhith san aon Eaglais còmhla, oir ged a tha esan agus Mairead anns an Eaglais Shaoir tha iad a’ cur a’ cheart uiread cuideam air comharran gràis ’s a tha Pàpa na Ròimhe. Sin as coireach gu bheil an t-Ollamh Dòmhnall MacLeòid (a’ sgrìobhadh air an t-seacaid)
ag ràdh gu bheil an leabhar tinged with mysticism.

Tha 756 loidhne ann an ‘Tìr a’ Gheallaidh’, nas motha na ann am ‘Birlinn Chlann Raghnaill’ neo ‘Moladh Beinn Dóbhrain’. Chuir Maoilios anam bàrdail gu léir ann. Tha 38 pàirtean ann, agus tha iad uil’ eadar-dhealaichte bho chéile. ’S i an té as fheàrr leam air fad ‘Na Ròpaichean’. Seo bìodag dheth:

Sgòr-bheinn smuain

e gun òrdugh.

Gabh an sùgan

seo de shràbhan;

bheir gaol nighneig

suas thu sàbhailt’.

Chaidh mi suas

an stalla gàbhaidh,

sràbh air sràbh

a’ bleith san ànradh …

Sin a thachras nuair thuiteas seann chù-bàrdachd ann an gaol ri boireannach math ’s a lorgas e Dia. Brag! Fuaim aig bàrd math a’ dol ’na bhàrd sàr-mhath.

Buidhe dha. ’S tha mi moladh Island Conversion gu làidir.

THA mi anabarrach toilichte fàilte a chur air A’ Chreathall, an Crann ’s an Crùn le Catrìona Nic­Dhòmhnaill (Cranagan Books, www.cranagan.co.uk, £9.99). Air iomadh adhbhar. Tha e mór, gleansach, agus saor aig a’ phrìs. Tha e ’na chruinneachadh den obair aig Catrìona NicDhòmh­naill, a tha, coltach ri Maoilios Caimbeul, á Stafain san Eilean Sgitheanach – tha 128 dàin ann uile gu léir, seo an treas leabhar aice. Cuideachd coltach ri Maoilios, tha i ’na bàrd air leth math.

Tha Catrìona (a tha a-nist 86 bliadhna dh’aois) a’ leantainn an dualchais aig Dùgh­all Bochanan ’s aig Pàdraig Grannd mar bhàrd spioradail a tha a’ faotainn soisgeul Chrìost uile thim­cheall oirre fhéin anns an dùthaich as aithne dhuinn uile air Ghaidh­ealtachd na h-Alba seach ann am fàsaich­ean Israel. Tha an taobh sin den bhàrdachd air a dhaingneachadh le dealbhan dathte
camara de mhaise nàdair ann an ceann a-tuath an Eilein Sgith­eanaich.

An àite a bhith a’ searmonachadh, bidh a’ bhana-bhàrd a’ cur an céill aoibhneas a’ chreidimh aice. Ao-coltach ri Maoilios agus Mairead, buinidh i do choitheanail na h-Eaglais Stéidhichte. Le bhith a’ toirt thug­ainn eadar-theangachadh Beurla de dheagh chuid de na dàintean agus beag­an mìneachaidh an-siud ’s an-seo, tha A’ Chreathall, an Crann ’s an Crùn (deagh ainm!) a’ cur air adh­art obair a thòisich mi fhìn nuair a chuir mi a dhà dhe na dàin seo a-staigh do An Tuil, le cead an ùghdair, ann an 1999. Thagh mi ‘Cum Sinn Dlùth’ mar eisimpleir den phuing mun dualchas, agus ‘An t-Aoibhneas a tha a-staigh sa Chridhe’ mar eisim­pleir den phuing mu aoibhneas, ach cuid­eachd a chionns gun robh iad le chéile ’nan dàintean brèagha, làidir, anns an robh brod na h-ealain.

Hide Ad
Hide Ad

Tha na dàin air an cur an òrd­ugh a’ Bhìobaill, a’ tòiseachadh le ‘Air Madainn cho Àlainn’ – a tha mun chruthachadh, ach a tha ’na dhealbh de dh’Alba a bhlàth­aich­eadh cridhe muinntir Visit­Scotland co-dhiù – agus a’ crìoch­nachadh le ‘Togar ar Cridhe ’s ar
n-Inn­tinn le Àilleachd’, a tha mu làth­aireachd Chrìost agus mu dhòchas san t-sìorraidheachd:

Tha moladh is cliù
ag èirigh san anam

Tre aithne bhith aige
air Slànaighear beò;

Tha ’n t-slàint’ tha tighinn Uaithe mar ghathan na grèine

’S tha aoibhneas a’ brùchdadh mar thobar on chrò.

Eadar an dà cheann, tha sinn a’ gluasad gu mìn réidh tro bhrìgh nan sgriobtairean: am buaireadh, breith Chrìost, a phearsa, a theag­asg, a ghnìomhan, an ceusadh, an aiseirigh, an dara teachd, agus mar sin air adhart, ach tha mac-meanmna an ùghdair daonnan a’ cearc­ladh mun cuairt air gach cuspair, a’ deanamh cheanglaich­ean pear­s­­anta agus a’ cur iongnadh oirnn bho àm gu àm. Gabh­amaid mar eisimpleir aon de na dàin as fheàrr aice (’na mo bheachd fhìn), ‘Crann na Nàire’, a tha air a thogail gu cùramach, gach gin de na 34 sreathan, air neart an fhuaim “ao”.

Crann na nàire dhutsa,
O Uain gun ghaoid,

Ach, moladh, dhòmhs’ an ciont­ach, siud an crann thug saors’.

Eadar nèamh is talamh,
O ìobairt naomh,

Siud an ìobairt chùbhraidh phàigh mo chiont’ cho daor.

An ciont’ a ghnìomhaich mis’,
a dhèisinn toirt Uat glaodh,

’S mise cho neo-airidh,
’s maitheanas dhomh saor.

An fhearg a choisinn mise
air Do phearsa thaom,

’S mise faighinn glanadh
às an fhuil ro naomh.

Do cholainn bhochd an croch­adh nach robh lag le aois –

Air an Uan a mharbhadh
dhòirt an fhearg na caoir.

Cha robh truas no cùram
anns na bha ri D’ thaobh,

Ged b’ ann mar bhoinnean fala air Do ghnùis bha ’m braon.

Do làmhan air an tolladh,
gach spìc a’ toirt leath’ caob –

Siud na làmhan gràdhach dh’fhuasgail mis’ om dhaors’.

An sleagh a bha cho biorach chaidh an sàs Nad thaobh;

An fhuil a bhrùchd a-mach,
’s gu leòr ann do gach aon.

Thilg iad smugaid shalach
air an aghaidh mhaoth –

Siud an aghaidh mhaiseach lìon mo chrìdh’ le gaol …

Se an cuideam air “nàire” seach “glòir” as motha a thàirrneas an t-sùil an-seo, mar gun robh a’ bhana-bhàrd air son dà mhìle bliadhna de dhiadhaireachd a chur an dara taobh agus leigeil oirre gun robh i an làthair air cnoc Chal­bhari. Tha rudan iong­antach anns a h-uile h-àite sna laoidhean aice, còmhla ri cleasan sìmplidh bàrdail. Ann a ‘Tha Fios agam gu bheil m’ Fhear-saoraidh Beò’ tha gach rann a’ tòiseachadh

Chan eil mi mar a dh’iarrainn,

Chan eil mi mar as còir …

agus a’ crìochnachadh

Tha mi ’g innse dhuibh gu bheil fios agam

Gu bheil m’ Fhear-saoraidh beò.

Saoilidh mi fhìn gun robh làmh an deasaiche ro throm an-siud ge-tà agus gur e “g’eil fios agam”
a b’ fheàrr.

Tha dà rud eile mun leabhar a bu chòir ainmeachadh. Aonan se na notaichean beaga aig toiseach cuid de na dàin, leithid: “Chaidh an laoidh seo a sgrìobhadh an dèidh don ùghdar fuireach a-staigh on choinneamh-ùrnaigh, a’ feitheamh ri cuairtearan nach do thionndaich suas!” Dhùraig­inn gun robh an tuilleadh ann dhiubh. Am fear eile se na sgeid­s­ichean beaga de fhlùraichean ’s de dh’eoin le Della NicDhòmh­naill, nighean na bana-bhàird. Tha iad seo math ach a-rithist tha iad a’ daingneachadh aon chuspair a-mhàin, mìorbhailean a’ chruthachaidh. Bha e neònach, leamsa co-dhiù, a bhith a’ leugh­adh ‘Beir Uainn E! Ceus E! Ceus E!’ a tha a’ crìoch­nachadh

Bhriseadh luirgnean nan truaghan,

Gan greasad gu toirt suas an deò,

Ach cnàmh den t-Slànaighear cha d’ bhriseadh,

Ach shàth iad sleagh Na thaobh ga leòn

agus an uair sin a’ faicinn dealbh beag snog le Della de dhreathan donn far am biodh dùil ri ìomh­aigh làidir de sheòrsa nach eil idir idir gann ann an eachdraidh na h-ealain.

Hide Ad
Hide Ad

On a tha a’ bhàrdachd cho math, tha A’ Chreathall, an Crann ’s an Crùn ’na shàr eisim­pleir de phrof­eiseantachd agus de dh’ionad­ail­eachd air am fill­eadh còmhla. Siud an aon àite anns an leabhar far a bheil an dà fheart sin a’ cur an aghaidh a-chéile.