Tha Clòimh Shealtainneach a’ gabhail a h-àite dligheach

Tha e cudromach gu bheil stuthan ann a tha air an dìon bho luchd fuadain, oir bidh feadhainn a’ reic atharraisean aig nach eil coltas ris an stuth cheart. Tha cliù agus inbhe aig stuthan a tha faotainn ainm bho sgìrean. Dè mu dheidhinn Marag Dhubh Steòrnabhaigh, an Clò Mòr Hearach, Champagne, Arbroath Smokies agus Càise Camembert? Bidh na Iapànaich a’ deanamh an dìcheall gus uisge beatha a chruthachadh, ach chan fhaigh iad cead gu sìorraidh ainmeachadh mar Uisge Beatha na h-Alba, “Scotch Whisky”, agus tha sin mar bu chòir.

A-nis tha e air tighinn am follais gu bheil, an deidh strì leis na h-eileanaich fad sia bliadhna, clòimh á Sealtainn air dìon fhaotainn. Tha sin a’ ciallachadh nach bi e ceadaichte aodach sam bith a reic fo ainm “Shetland Wool” mura deach na caoraich àrach air na h-eileanan ’s gu bheil iad air an togail air biadh fàs-bheartach, neo organic. Ithidh iad feamainn far na tràghad, tha iad cruaidh, calma, agus seasaidh iad ri fuachd agus gailleann a’ gheamhraidh.

Thuirt Dorota Rychlif bho Chomann Fàs-Bheartach Shealtainn: “Tha sinn fìor thoilichte gun do ghabh an t-Aonadh Eòrpach ris an iarrtas a chuir sinn a- steach. Chuir sinn Seachdain na Clòimhne air adhart am-bliadhna gus a h-ìomhaigh a thogail. Eadar sin ’s an naidheachd gu bheil dìon air a’ chlòimh, bidh fios aig an t-saoghal mhòr cho prìseil agus cho sònraichte math ’s a thà i.”

Hide Ad
Hide Ad

Tha an dealbhaiche aodaich Albannach Di Gilpin ag aontachadh. Thug i pìosan aodaich air an deanamh air a’ chlòimh sìos gu Lunnainn ’s bha fèill mhòr orra. Tha i ag ràdh, “Tha a’ chlòimh á Sealtainn air leth, ’s tha buadhan aice nach eil aig seòrsa sam bith eile. Còrdaidh i ris na boireannaich, oir tha i bog agus mìn agus comhartail air craiceann. Chan adhbharaich i tachas idir mar a nì seòrsachan eile. A bharrachd air a-sin, gheibhear measgachadh de dhathan inntinneach agus eireachdail innte, eadar geal, glas agus dubh. Seasaidh iad a-mach gu soilleir.”

B’ e Richard Lochhead BPA, Ministear nan Cùisean Dùthchail, a chuir an cèill an naidheachd. Tha e fìor thoilichte gu bheil a’ chlòimh air a h-ainmeachadh am measg nan stuthan sònraichte eile a tha againn an Alba.

’Na bharail tha am poball a’ gluasad bho stuthan fuadain gu stuthan nàdarrach agus gu bheil clòimh á Sealtainn cho fìor ’s a ghabhas.