A’ teicheadh bho chion na h-obrach

Am-bliadhna ann an Astràilia chomharraich mòran 65 bliadhna bho thòisich na “Ten Pound Poms”, farainm an sgeama imrich a leig le muinntir Bhreatainn siubhal a dh’Astràilia air son £10.

Do dhaoine geala co-dhiù, bha i ’na dùthaich òg, an econamaidh fhathast a’ leasachadh agus Breatainn ’na combaist phoileataigeach ’s ’na h-iùl dùthchasail dhi. B’ ann le dòchas, ’s cha b’ ann le cinnt, a dh’fhàg mòran dhiubh.

An-diugh, agus Astràilia a’ seachnadh a’ chrìonaidh economaigich cha mhòr gu tur, le malairt ri Sìona – acrach gu h-àraidh son mèinn iarainn – a’ toirt taic dhan econamaidh, tha eilthirich a’ fàgail na h-Alba le misneachd gu bheil an dùthaich taobh thall an t-saoghail a’ tabhann cor-beòshlaint nas seasmhaiche na an tè aca fhèin. Nas cudromaiche do Ryan MacilleBhàin, 32, a tha a-nis ’na shaor ann an Canberra, chan eil sgeul air a’ chrìonadh chas a chuir stad, cha mhòr uile gu lèir, air togail ùr ann an roinn phrìobhaideach na h-Alba, ’s a dh’fhàg esan agus mòran eile sa ghnìomhachas gun chosnadh. “Bha e air leth duilich dhomh obair a lorg a bha a’ tabhann airgead cothromach, gun luaidh air airgead math,” mhìnich e. “Bha an suidheachadh air a dhèanamh nas miosa le luchd-ciùird coimheach ag obair aig prìs nas ìsle na mi fhìn.

Hide Ad
Hide Ad

“Ach aig a’ cheann thall cha robh iad ach a’ feuchainn ris a’ bheatha aca a dhèanamh nas fheàrr, mar a tha mise ann an Astràilia. Nan robh mi ann an Alba bhithinn fo mhulad, gun obair agus gun airgead.’’

Le eilthireachd economaigeach don t-Saoghal Ùr cho follaiseach ann an sgeul na h-Alba, tha e duilich argamaid ri co-dhùnadh Ryan Siorrachd Àir a-Tuath fhàgail. Leig an aithris Rural Scotland in Focus 2012 cudrom air na tha mu choinneamh mòran san sgìre. Se Cill D’ Fhinnein, far an robh Ryan san àrdsgoil, a-nis an deicheamh baile dùthchail as bochda ann an Alba, le cion cosnaidh agus tuarastalan ìsle cumanta. “Tha staid na dùthcha, agus Siorrachd Àir gu sònraichte, cho truagh,” thuirt Ryan. “Tha an suidheachadh mu dhrogaichean sgriosail, ’s chan eil mi am beachd gu bheil an t-àm ri teachd a’ coimhead math idir. Cha chreid mi gun tig piseach air idir gun atharrachaidhean mòra.”

Còmhla ris a’ chion chosnaidh, mar a mhìnich Ryan, thig luchd reic agus luchd cleachdaidh heroin. Tha na figearan as ùire aig Seirbheis Slàinte Siorrachd Àir agus Arainn a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dhaoine air a’ phrògram methadone san t-siorrachd gu lèir air at bho 945 ann an 2001 gu 2,360 aig deireadh 2011, gun luaidh air na beò-ghlacaich a tha a’ diùltadh methadone. Tha an cor muladach, ri goid ’s ri siolcaireachd fad am beatha ann am bùthan agus taighean – gach fear ’s gach tè dhiubh ’nan tràillean aig an luchd reic – ’s tha muinntir an àite a’ fàs sgìth. Leis na sràidean àrda a’ fulang mar-thà fo bhuaidh ionadan-bhùthan ’s leasachaidhean eile air iomallan nam bailtean, cha mhòr nach eil iad gun anam. Chan eil ann an Ryan ach aonan a-mach á mòran a tha a’ faicinn Astràilia mar àite far an urrainnear na trioblaidean sòisealta seo a sheachnadh.

Tha cuid ann, ge-tà, a tha sàsaichte le’m beatha sa cheàrn seo den dùthaich. Tha Anndra Gibson, a tha ’na charaid do Ryan bho làithean òige, ag obair mar neach-uidheim ann an Gleann Gàirneig agus a’ fuireach ann an taigh-comhairle faisg air làimh. Eu-coltach ri Ryan, chan eil e am beachd gu bheil an t-àite cho dona ’s a tha na figearan a’ dèanamh a-mach, agus cha toireadh iad idir airsan fàgail. “Chan eil mi am beachd gu bheil Siorrachd Àir a-Tuath dad nas bochda na àite sam bith eile san rìoghachd. Tha an saoghal air fad a’ strì an-dràsta, ’s tha drogaichean ri’m faighinn anns gach ceàrn dheth. Is dòcha nan d’ fhuair mo bhean cothrom obrach ann an àite eile an dèidh dhi ceumnachadh gum biomaid a’ fàgail, ach tha sinn toilichte an-seo.”

Le Anndra ag obair cha mhòr ochd bliadhna san aon àite, tha beatha sheasmhach aige, cothrom nach d’fhuair Ryan agus na ceudan eile a tha gun chosnadh san sgìre agus rud, is dòcha, a tha ga dhèanamh nas fhasa dha a ghruaidh a thionndadh air falbh bho na tha ceàrr oirre. Tha Anndra cuideachd den bheachd gu bheil tomhas de choire ri lorg aig an riaghaltas agus, nas connspaidiche, aig muinntir an àite fhèin air son cion cosnaidh. “Tha an stàit-shochaire a’ leigeil le ginealaichean san aon teaghlach a bhith gun obair fad am beatha.

“Chan eil e ceart gu bheil muinntir á dùthchannan eile a’ gabhail obair neo-innleachdach a dh’fhaodadh Albannaich fhèin a dhèanamh – ach chan eil cuid de dh’Albannaich air son obair idir. Tha cothroman obrach ann ge-tà – sgeamaichean riaghaltais, cothroman oideachais do dh’òigridh ’s a leithid.”

Facail le boinneag den fhìrinn, is dòcha, ach gun a bhith a-riamh gun chosnadh, is mathaid nach eil Anndra a’ tuigsinn an t-suidheachaidh anns an robh a sheann charaid. Dh’adhbhraich cothroman obrach, neo an gainnead dhiubh, co-dhùnaidhean Ryan, Anndra, agus gu dearbh na beò-ghlacaich gu ìre mhòr na slighean aca a ghabhail. Ach gun cheàrd no oideachas mar chead inimirich, tha an t-eagal ann gun tèid barrachd Àireach òg a chall air slighe nan drogaichean ’s iad gun dòchas air son an àm ri teachd. “Chan eil mòran chothroman aig òigridh an là an-diugh gus ceàrd ionnsachadh,” thuirt Ryan. “Chan eil an t-àm ri teachd a’ coimhead math dhaibh idir. Tha mi nas toilichte a bhith air falbh bhon àite.”