A’ seinn dà chànain nan Gaidheal

Chan eil mòran de sheinneadairean Gàidhlig air an cumail cho trang ri Joy Dunlop, a tha an sàs ann an iomadh pròiseact annasach. An-dràsta tha i ag obair còmhla ri Twelfth Day – Catrìona Price ás Arcaibh (fidheall, seinn) agus Esther Swift á Peebles (clàrsach, seinn), agus iad a’ cur ceòl ri bàrdachd a tha a’ toirt dealbh dhuinn air beatha agus saoghal nam boireannach.

Se Fiere as ainm dhan chruinneachadh ùr seo de dh’òrain, anns a bheilear a’ cleachdadh obair le bàird gu math ainmeil ’nar latha, a tha a’ sgrìobhadh am Beurla, an Albais agus anns a’ Ghàidhlig. ’Nam measg tha Carol Ann Duffy, Mòrag NicGumaraid, Meg Bateman agus Sheila NicLeòid. Cluinnear an cruinneachadh ùr air CD a bhios a’ nochdadh a dh’aithghearr. Bidh Joy agus Twelfth Day a’ dol air chuairt cuideachd, ’s gheibhear cothrom an cluinntinn air 23 Màrt ann an Glaschu aig Eaglais an Naoimh Anndra sa Cheàrnaig, agus air an ath oidhche aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Chualas bana-sheinneadair òg á taobh an-iar Beul Feirste a’ seinn òrain Ghaeilge aig Celtic Connections o chionn ghoirid, agus chòrd i ri mòran: Gráinne Holland, a fhuair oideachadh tràth ann am Bunscoil Phobail Feirste, a’ chiad sgoil sa bhaile far a bheilear a’ teagasg tro mheadhan na Gaeilge. Air a’ chiad CD aice, Teanga na nGael, tha taghadh inntinneach de dh’òrain, agus gheibhear na faclan gu lèir air www.grainneholland.com.

Hide Ad
Hide Ad

Se eadar-theangachadh dhen òran mhìorbhaileach le Murchadh MacPhàrlain, Cànan nan Gaidheal, a th’ anns an òran on tàinig ainm an CD, ’s bidh luchd-èisteachd na Gàidhlig eòlach air grunn dhe na h-òrain ’s na fuinn eile. Aithnichear mar eisimpleir A Bhean Údai Thall, oir se seo a chluinnear mar A’ Bhean Eudach anns a’ Ghaidhealtachd. Cluinnear am fonn aig Seanduine Dóite ann an Alba cuideachd, oir se an t-aon fhonn a tha seo ri Bha Mi aig Bainis am Bail’ Inbhir Aora. Aithnichear cuideachd Uiseag Bheag Ruaidh, oir cluinnear clann ga ghabhail anns a’ Ghàidhlig uaireannan aig Mòdan. Tha Báta an t-Síl (Gur h-e mo Ghille Dubh-Dhonn) caran annasach oir tha e sgrìobhte air an làrach-lìn aig Gráinne anns a’ Ghàidhlig, ach air a sheinn le blas na Gaeilge a’ tighinn troimhe gu làidir.

Tha guth brèagha ceòlmhor aig Gráinne, ’s tha an luchd-taic aice a’ leigeil leinn a cluinntinn gu soilleir, gun a bhith tarraing aire thuca fhèin, mar a thachras aig amannan. Tha an seòrsa taic glè eadar-dhealaichte o òran gu òran, le sagsofòn, mar eisimpleir, air a cleachdadh gu h-ealanta ann an A Mhuire ’s a Rìgh – òran le fonn gu math togarrach.

Tha Gráinne a cheart cho comhartail le òrain a tha mall, agus tha an dòigh anns a bheil i a’ gabhail Iníon an Bhaoiligh – òran-gaoil brèagha á Ranna Feirste – gu math faireachail. Còrdaidh an CD ri neach sam bith aig a bheil ùidh ann an òrain Èireannach air an deagh sheinn.

Sann an 2005 a choisinn Isobel Anna Mhàrtainn Bonn Òir an t-Seann Nòis, ’s gun i ach ochd bliadhn’ deug aig an àm. Cha chualas i tric on uair sin agus b’e call mòr a tha sin oir tha dòigh nàdarra aice air seinn, agus alt air mòran de phongan-sgeadachaidh a chleachdadh. Se dòigh seinn a th’ ann nach cluinnear ro thric, neo cho ealanta, aig seinneadairean dhe h-aois. Mar sin, bheir an CD ùr aice Duslach is Òr, a chaidh a chlàradh ann an Alba agus ann an Nashville, toileachadh do mhòran.

Tha e a’ tòiseachadh le Àite Beag mo Ghràidh, le fonn agus faclan a rinn i fhèin. Se òran beag togarrach le buille làidir a th’ ann, dhen t-seòrsa a bhios neach a’ seinn ris fhèin feadh an taighe. Se òran gu math sunndach a th’ ann an Latha Mòr na Faing cuideachd, air a bheil buaidh làidir ceòl “Country” anns a’ cheòl-taic.

Tha Isobel a’ seinn Eitseal Bheag an Leòdhas gu tur ás aonais taic, agus an sin tha an neach èisteachd a’ faighinn cothrom èisteachd gu ceart ris na tha de sgeadachadh san t-seinn aice. Tha an t-seinn daonnan fìor bhinn, soilleir agus faireachail.

Tha grunn de na h-òrain spioradail agus laoidhean as ainmeile sa Ghàidhlig ri’n cluinntinn air Duslach is Òr. ’Nam measg tha Làmh a’ Bhuachaille, An Neamhnaid Luachmhor agus Glòir an Uain. Annta seo, tha an t-seinn ’s an taic daonnan a’ leigeil leis an teachdaireachd tighinn troimhe gu soilleir. Aig deireadh an CD cluinnear Salm 32 rann 5 air fonn Martyrs agus Salm 62 rannan 6-7 air fonn St Mary’s le Isobel a’ cur a-mach na loidhne, ’s na guthan air a’ chlàradh a’ tighinn a-steach ann an co-sheirm. Se fuaim brèagha a th’ ann, agus crìoch àlainn air CD a tha gu math eadar-dhealaichte on àbhaist.