Seallaidhean Èirinn a-Tuath

AN t-seachdain seo chaidh ghabh mi cuairt gu Beul Feirste, a tha air a bhith a’ fulang le fòirneart agus milleadh thar nam bliadhnachan. An-diugh tha am baile, anns a’ mhòrchuid, snog agus glan, ged a chithear àiteachan far an robh uinneagan air am briseadh agus dorsan air an sgàineadh.

Ceud bliadhna air ais, anns an Ògmhios 1912, chaidh am bàta mòr turas-cuain, an Titanic, fodha agus i air a ciad turas riamh. Bha i a’ deanamh air New York nuair a bhuail i ann an cnap deighe. Chaidh i fodha agus chaill mìle gu leth neach am beatha.

Chaidh a togail le Harland and Wolff ann am Beul Feirste agus a-nis tha taisbeanadh, a tha sònraichte, stèidhichte anns an doca far an do dh’èirich i suas. Chithear air bhidio gach buille ’na togail, chithear mar a sheòl i le luchd turais nach robh gann de dh’airgead agus mar a chaidh i chun a’ ghrunnd.

Hide Ad
Hide Ad

A bharrachd air an Titanic ghabh mi sgrìob sìos gu Cabhsair an Fhuamhaire far am faicear mar a thachair nuair a thàinig spreadhadh bholcanaic dà fhichead mìle bliadhna air ais, a’ fàgail colbhan de bhasalt ann an cumadh iongantach. Tha e coltach gun deach an spreadhadh fo Shruth na Maoile a-null gu Stafa anns a bheil na h-uamhan agus carraghan den aon seòrsa. Tha an uirsgeul ag innse mar a bhiodh fuamhaire á Alba agus fuamhaire á Èirinn a’ maoidheadh air a-chèile.

Bidh na mìltean a’ tadhal air an dà thaisbeanadh agus chan eil teagamh nach eil sin a’ cur gu mòr ri econamaidh Èirinn a-Tuath.

Tormod E DÒmhnallach

Related topics: