‘Se ball-coise mar ghnìomhachas a mharbh ball-coise mar ghèam ann an Alba’

Le cus làmhan air stiùir ball-coise na h-Alba ’s gun amas soilleir aig duine càit am bu chòir an gèam a bhith dol, cha robh e ’na iongnadh mòr gun tug ceann­ar­d­an an SPL, an SFL, an SFA agus cathraichean nan clubaichean fhèin cluas bodhar ri molaidh­ean Eanraig MhicGillÌosa air leasachadh a’ ghèam. Is dòcha nach e neach-poileataigs an roghainn cheart air son na molaidhean seo a dhèan­amh, ach mar a thuirt e fhèin, cha toil le Albannaich atharrachadh, gu h-àraidh, tha e coltach, nuair a tha e riatanach.

’S e fo bhreisleach an dèidh bàs Rangers, bidh atharrachaidh­ean a-nis air an sparradh air a’ ghèam, cuid dhiubh a mhol Mac­GillÌosa, leithid ath-chruthachadh nan lìogan, smachd air cumh­achd an “Old Firm”, agus sgaoileadh nas cothromaiche de dh’airgead TBh. Nì iad uile feum.

Chan eil anns na molaidhean aig Niall Doncaster, ceannard an SPL, ge-tà, ach na h-oidhirpean èiginneach mu dheireadh aige gus Rangers fhaighinn air ais san SPL cho luath ’s a ghabhas.

Hide Ad
Hide Ad

B’e sin cnag na cùise. Se an dreuchd aig Doncaster an SPL a shàbhaladh mar bhathar, chan e gu bhith dèanamh a’ ghèam fhèin nas fheàrr. Ás aonais Rangers agus geamaichean an Old Firm, bidh luach a’ bhathair sin air crìonadh.

Bha an SPL a’ deanamh oidh­irp fhaoin agus do-ruigsinneach an saidhbhreas a fhuair am Prem­iership bho TBh a thoirt gu bhall-coise na h-Alba; thàinig na cluicheadairean coimheach ’s na tuarastalan àrda, ach cha tàinig piseach air a’ ghèam, ’s an SPL gun an ìre de chliù no de dh’air­gead gus na h-ainmean as motha a thàladh mar a bha tachairt ann an Sasainn. Dh’fhàg an struidh­ealachd seo dìleab: fiach­an mòra, gainnead de chluicheadairean dùthchail, agus sgioba nàiseanta nach do ràinig na cuairtean deireannach de dh’fharpais mhòr bho 1998, a’ bhliadhna a chaidh an SPL a stèidh­each­adh.

Ged a bhiodh e ceàrr ri ràdh gum b’e an SPL a-mhàin a dh’adh­bharaich staid a’ ghèam – thòis­ich an crìonadh bliadhnaichean ron a-sin, le uaibhreas agus doille an SFA a’ ciallachadh nach tàinig na h-atharrachaidhean aig ìre òig­ridh a thug soirbheachas don Òlaind, don t-Suain ’s don Spàinn – chuir cultar an t-soirbheachais luaith, agus am beachd meallta gun tèid a cheannach, gu mòr ri bochdainn a’ ghèam an-diugh.

Se ball-coise mar ghnìomh­ach­as a mharbh ball-coise mar ghèam ann an Alba. Ma thig fìor atharrachadh aig ìre òigridh agus smachd air an àireamh de chluich­eadairean coimheach san lìog mar thoradh air bàs Rangers, b’ fhiach e e.

Related topics: