A’ ròsladh chat beò, agus uirsgeulan no cleachdannan eile

Tha saothair bhliadhnaichean ann an Scottish Studies 35 (2007-2010), agus faodar agairt gu bheil an leabharan pailt cho làn fiosrachaidh ri gin a nochd roimhe san t-sreath. Tha sgoilearachd na Gàidhlig a’ sìor leudachadh ann an caochladh dhòighean. An cois sin tha daoine òga dh’ionnsaich an cànan – feadhainn dhiubh á dùthchannan céin – a’ tighinn air adhart cuideachd.

Se nàdar an leabhair gu bheil e déiligeadh ri eachdraidh is uirsgeul, cleachdannan an t-sluaigh, gnàthaichte agus anaghnàthaichte, Gallda is Gàidhealach. Aon chuspair: an Taghairm. Sin a’ ròsladh chat is iad beò air chor, leis an sgiamhail a bhiodh orra, gu nochdadh an Droch Spioraid e fhéin ann an riochd a’ Chait Mhóir airson èolas diamhair a lìrigeadh do dhaoine. Bha Taghairm nam Marbh ann cuideachd is e cuimseachadh air an aon nì.

Bha sin, mar a theirte, “a’ dol uamhraidh faisg air fiacaill an Donais”. Tha Andrew Wiseman a’ toirt sealladh soilleir slàn air a’ chùis sheachanta sin air fad, is ludhaigeadh tu chreidsinn nach robh dol-a-mach cho borb ann riamh. Agus is dòcha nach robh. A réir tuairim MhicilleDhuibh (an àite eile) chan e cait a th’ againn an seo idir, ach Clann Chatain! Seadh, nàdar de dhealbhchluich a th’ ann gu léir – agus dubhchainnt san innse.

Hide Ad
Hide Ad

Co-dhiubh, chan eil gairbhseachadh sam bith san uirsgeul mu na ròin a bhith gabhail cruth daonda. Eadar Eirinn is dùthaich na Lochlainneach bha na naidheachdan sin cumanta; fuaite ’nar measg-ne ri Clann Mhic Codrum. Se brìgh na sgeòil sa Ghàidhlig gu faca fireannach na ròin a’ cur dhiubh nam bian air an tràigh is a’ tionndadh ’nan caileagan àlainn. Phòs esan té dhiubh is bha teaghlach aca. Air a’ cheann thall, ga tà, dh’fheumadh ise tilleadh dhan chuan.

Ann an Sealtainn, agus an àiteachan eile, bha naidheachdan aca man ròn a’ dol ’na fhireannach. Chuirinn ris an aisneis aig Nancy Cassell McEntire an seo gu robh car an aon phrionnsabal ann an uirsgeulan nan Inuit.

Tha tobhartas annasach aig Raghnall MacilleDhuibh: seòrsa de dhuan Callainn ach fada nas fhaide na na duain àbhaisteach a bh’ aig na Gillean Callainn. Tha e làn samhlachais; roinn dheth a-mach air “tinneas na h-urchoid” mar a thug Mac Mhaighstir Alasdair air; sin “an galair uasal”. Tha trian mhath de ghnothaichean eile ann, is tha a’ bhardachd eirmseach, spòrsail car mar a gheabhar san òran “Soraidh slàn leis a’ ghaisgeach / thug an ‘cnatan’ dhan bhràighe.” Tha rannsachadh MhicilleDhuibh mionaideach agus leathan mar is dual.

Se ceòl-cluaiseadh nam pìobairean an cuspair aig Tiber Falzett, le stéidh ann an comhradh nan Uibhisteach agus muinntir Cheap Breatainn. Leughadh móran phìobairean an ceòl (mar a nì iad fhathast) ach is minig a chualas gura h-e an fheadhainn nach robh an eisimeil an fhoghlaim sin na daoine aig a robh fìor chomas nàdurra a’ chiùil. Tha teagasg na canntaireachd o shean riatanach dhan t-suidheachadh. Se pìobaire a tha san ughdar is tha sin a’ daingneachadh a dhìchill.

Nuair a dh’innseadh seanchaidh sgeulachd uair agus uair, am biodh an aithris aige an comhnaidh is gu h-ionaigear facal air an fhacal? Tha Carol Zall a’ sealltainn mar a bha alt sonraichte aig Brian Stiubhart. Is math a chaidh i ris an obair: bidhear an dùil ri tuilleadh a dh’annas a làimhe.

Tha fàisneachd ri faotainn air feadh an domhain is chan annas gu bheil i ann an dùthchas nan Gàidheal, ’na cumhachd mu àm Bliadhna Thearlaich ach gu math nas aosda na an linn sin. A réir a’ gheallaidh thig rìgh òg is togaidh na Gàidheil an ceann a rithist le inbhe dhligheach aca an Alba. Chruinnich Michael Newton a h-uile rann is agalladh a b’aithne dha: saothair inmholta.

Ach a bheil luchd eachdraidh a toirt géill dha seo: gu robh an fhàisneachd ’na dòchas beò aig na Gàidheil fad cuid mhath de mhìle bliadhna? Tha mise an amharas nach eil.

Hide Ad
Hide Ad

Se marbhrann a tha san dàn dhrùiteach a rinn banntrach Mhic Neill Ghiodhaigh san darna leth dhen chóigeamh ceud deug. A Phaidrín do Dhùisg mo Dheur a theirear ris san àbhaist. Sin an Conair Mhoire a bh’ aig a céile pòsda. An diugh, sa h-uile h-àite, cho fads is aithne dhomh, se sreang grìogagan as ciall dhan fhacal “paidearan”. Tha Joseph J Flahive air anailis ùr nodha a dhèanamh is e cur air shùilean dhuinn go bheil dàimh àraid aig an ealain ri òrain mholaidh nan gaisgeach agus ri duain na Fèinne.

Sin susbaint na seachd caibideilean a bhoineas dhan Ghàidhlig. Tha trì eile ann mu chuspairean Gallda agus a thuilleadh orrasan grunn leabhraichean air am meas gu cùramach. Tha breithneachadh sa h-uile mìr dhen obair.

Tha Scottish Studies 35 ri fhaotainn bho Sgoil Eòlais na h-Alba, 27 George Square, Dùn Éideann, EH8 9LD, prìs £12.