Nobhail a tha gar toirt do dh’àiteachan dorcha

BIDH cuimhn’ agam gu bràth air Ath-Aithne, na sgeulachdan goirid aig Màrtainn Mac an t-Saoir, oir ann an 2003 thug e a-staigh linn ùr ann an litreachas na Gàidhlig – linn “Ùr-Sgeul”. Chan e leabhar furasta bh’ ann ach bha neartan air leth aige.

Anns an treas nobhail aige, Air a Thòir (Clàr, £8.99), tha Mac an t-Saoir a’ tilleadh chun nan neartan sin ’s a’ cur riutha, agus chan eil teagamh sam bith nach e seo an nobhail as fheàrr a sgrìobh e.

Dé na neartan a tha mi a’ ciallachadh? Gàidhlig mhath Uibhisteach. Trèanadh meadaigeach, a tha toirt ùghdarras dhan a h-uile facal a sgrìobhas e nuair a bheir e iomradh air latha obrach parameadaig, no air na dh’éireas do dhuine a ghabhas buille cridhe. Cogais làidir shòisealta: tha tuigs’ aige air saoghal far a bheil daoine ag òl cus, ag ithe droch bhidhe, a’ gabhail drogaichean, a’ cleachdadh féin-chron, a’ stalcadh an fheadhainn a ghràdhaicheas iad. Searmonachadh chan eil ann.

Hide Ad
Hide Ad

Bidh tòrr dheth sin fo chraiceann an ùghdair mar dhotair co-dhiù. Ach rinn e rannsachadh. Tha Air a Thòir gar toirt leis dhan Phólainn ’s a’ sgrùdadh co ris a tha e coltach a bhith ’nad Phólach ann an Albainn an-diugh. Fiùs nas dorra, dh’ionnsaich Mac an t-Saoir faighinn a-staigh fo chraiceann boireannaich. Chuir e an dà rud sin còmhla ’s thàinig e suas le aon de na prìomh charactaran as annasaiche ann am ficsean Gàidhlig, Monika ás a’ Phólainn a tha ag obair ann am bùth Rangers (!) anns an Eaglais Bhric.

Sin dà àite mar-thà a tha ás an àbhaist do sgrìobhadh Gàidhlig. Tha trì eil’ ann: Gallaibh, am Mòd agus Cyberspace. Seadh, seo a’ chiad nobhail a tha gar toirt gu farpaisean Mòid – bha an cothrom a’ feitheamh, b’e Mac an t-Saoir a ghabh e! – agus a’ dabhdail tro lìonraidhean sòisealta far a bheil droch rudan a’ tachairt anns na faileasan.

Tha iad seo uile ’nan neartan. Annta fhéin, ge-tà, cha dèan iad stòiridh mhath. An laigse mhór aig Air a Thòir se cho fada ’s a tha e toirt mus tog e far a’ ghruinnd. Thuirt mi rium fhìn sa chiad leth: dé tha againn an-seo, disaster movie? A bheil an t-ùghdar a’ cur beatha nan daoine seo uile mu’r coinneamh a chionns gum bi iad anns an aon togalach àrd an uair a théid e ’na theine neo anns an aon phleuna an uair a ghabhas ceannaircich thairis e?

Chum mi orm a’ leughadh, agus tha mi toilichte gun do chum. Bu chòir dhutsa Air a Thòir a cheannach ’s a leughadh cuideachd, oir tha iongnaidhean a’ feitheamh anns an dara leth.

Smuaint anns an dealachadh. Sguir “Ùr-Sgeul” a chur ainm nan caibidealan aig bàrr gach duilleig. Tha seo ’na chall oir tha ainm caibideil ri leughadair mar tha combaist ri seòladair.

Nach toir sibh air ais iad!