Neo-eisimeileachd: beachd an t-sluaigh

AN t-seachdain sa chaidh thug sinn seachad freagairtean luchd-poilitigs ris a’ cheist mhóir ‘Co ris a bhios Alba coltach ma gheibh i neo-eisimeileachd?’ Tha an t-àm aig an t-sluagh a-nist an guth a thogail.

Ma tha thu son do ghuth a chur riutha, cuir fios thugainn: Gaelic Editor, The Scotsman, 108 Holyrood Road, Edinburgh, EH8 8AS, neo rblack@scotsman.com.

Rody Gorman

Èireannach, bàrd Gàidhlig

Aig ìre car bunaiteach, chan eil mi an dùil gu bheil a leithid de rud ann tuilleadh ri “neo-eisimeileachd” ann an seagh poilitigeach no econamach, ged dh’fhaodadh a thaobh cultair. ’S fiù ged bhitheadh, cò dh’iarradh a leithid agus an saoghal mar a tha e ’n-dràsta?

Hide Ad
Hide Ad

Se leth eisimeileachd an àbhaist a-nis, saoilidh mi, agus seo na th’ aig Alba gu ìre co-dhiù. Chaidh dùthchannan beaga leithid Innis Tìle ’s Èirinn a mholadh mar shamhlaidhean roimhe ach le na dh’fhuiling iad de chrìonadh tha iad nas eisimeiliche a-nis na bha iad riamh, cha mhòr.

Chan eil mi faicinn dad ceàrr air a bhith an eisimeil – nuair a smaoinicheas mi air neo-eisimeileachd, bidh mi smaoineachadh air ALBAnia fo Enver Hoxha. Mas e toil muinntir na h-Alba dol neo-eismeileach, air chleas Sudan a-Deas an-uiridh, cò mise air son a ràdh gu bheil iad ceàrr ge-tà?

Ishi NicIllEathain

Craoladair

Tha mise gu tric thall thairis ’s gu dearbh sann a bhios mi gam mhìneachadh fhèin mar “Albannach” ma thig fhaighneachd co ás a tha mi – ach eil sin a’ ciallachadh g’eil mi air son Alba neo-eisimeileach fhaicinn? A dh’innse na fìrinn chan eil mi cinnteach, oir chan eil mi buileach a’ tuigsinn co ris a bhiodh an dùthaich coltach nan seasadh i leatha fhèin mar stàit. Am biodh airgead gu leòr innte – thathar daonnan a’ bruidhinn air ola ach cha mhair sin gu bràth, gu h-àraidh mar a thathar ga cleachdadh san latha a th’ ann. Ge-tà, tha dùthchannan nas lugha ’s le nas lugha de mhaoin a’ dèanamh a’ chùis anns an AE.

Tha argamaid cuideachd ann gum biodh ìomhaigh nas laige againn gun dùthchannan eile an aonaidh ach, ann an seagh, tha mi smaointinn gun dèanadh e feum dhuinn nam feumadh sinn barrachd smachd a chumail oirnn fhìn mar dhùthaich.

Tha iomadach ceist ri freagairt ’s tha mi làn dhòchas gun tig sin a dhèanamh mus tig air duine againn co-dhùnadh a dhèanamh mu rud a dh’atharraicheadh ar dòigh beatha gu tur.

Anna Mhàrtainn

Seinneadair, neach-gnothaich

Tha feadhainn ann ’s docha a tha a’ lorg adhbhar sònraichte air son a bhith a’ seinn Flower of Scotland nas àirde aig Murrayfield no Hampden agus ciall a thoirt dha na deòir a thig le gach gèam. Ma tha, mo thogair. Se tha a dhìth air Alba dlùth-cheangal ri dùthchannan eile, ’s gum bi sinn a’ sireadh dùthcha a tha ceudnach cumhachdach ’s a tha fhathast a’ cur suim ann am foghlam, slàinte, ceartas agus eile.

Se eileanach a th’ annam, agus dhòmhsa tha na deasbadan poilitigeach fhathast stèidhichte air fiosrachadh a’ bhaile mhòir. Le Dùn Èideann beagan nas fhaisge na Lunnainn, ’s dòcha gun tachair mi ri luchd-riaghlaidh air an aiseag no sa Cho-op. Ach chan atharraich àrainneachd, cultar agus eachdraidh na dùthcha. Bidh sinn fhathast a’ tàladh dhaoine bho gach ceàrn den t-saoghal. Tha mi cinnteach, leis an riaghaltas cheart, gum bi Alba toirt fàilte chridheil dhaibh.

Related topics: