Leasan litreachaidh á Portugal

ANN AM Portugal o chionn goirid bha mi air mo bheò-ghlacadh aig an làimhseachadh a thug am pàipear-naidheachd Público dha na tha tachairt an-dràsta mu litreachadh na cànain aca.

Sgaoil Público airtigeal air mar tha dol dhan Acordo Ortográfico thar dà dhuilleig, le graphic mór anns a bheil dà bhrogach cartun a’ sealltainn ri liosta roghainnean – carácter no caráter, mar eisimpleir. Tha an caipsean ag ràdh: “Nuair tha an consan air fhuaimneachadh, faodaidh tu a chumail no fhàgail ás, a réir do roghainn fhéin.”

Chan eil an-seo ach sampla beag de leasachadh litreachaidh mar bhios e air a chur an gnìomh ann an dùthchannan eile, ach tha leasanan ann dhuinne a thaobh nàdar an leasachaidh agus nàdar na follaiseachd a gheibh e.

Hide Ad
Hide Ad

Nuair thugadh GOC chun an t-saoghail se glé bheag fios a fhuair duine againn nach robh ’na thidsear Gàidhlig gus na leugh sinn ann an Gairm a’ gheamhraidh 1978–79: “Chuir Bòrd a’ Cheusnachaidh [sic], tren Phannal Ghàidhlig aca, fo-chomhairle air bhonn o chionn dà bhliadhna, agus Dòmhnall MacAmhlaigh à Obar Dheadhain anns a’ chathair, gu beachdachadh air litreachadh na Gàidhlig. Chuir a’ chomhairle bheag sin crìoch air a h-obair as t-fhoghar, agus nochdaidh i ri tìde …

“Ged nach do chuir iad rompa aghaidh na Gàidhlig atharrachadh gu mòr, bidh an sgioblachadh feumail … Nì na bodaich corra mhearachd airson bliadhna no dhà, ach togaidh an òigridh luath gu leòr e, ’s nì e nas lugha dragh dhaibh na ’n t-seann dòigh … Bha làmh aig mòran de luchd-teagaisg is luchd-deasachaidh na Gàidhlig anns an obair seo, agus mar sin cha bhi e duilich an riaghailt ùr a chur an grèim.”

B’e pàirt de theachdaireachd GOC riamh nach robh ann ach sgioblachadh beag. Sann nuair a nì sinn coimeas ris an Acordo Ortográfico a thuigeas sinn cho mór ’s a bha e, oir ann an dùthaich cheart nithear rudan mar seo ann an ceumannan cùramach.

Tha an aon ghuth sunndach, fiùs guanach, san aon iomradh as aithne dhòmhsa a bh’ aig Dòmhnall MacAmhlaigh fhéin mu na bha e ris – pàipear a thug e do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis air 18 Gearran 1977 fon tiotal ‘The Writing of Scottish Gaelic’. Thòisich e le gliocas sìmplidh, caran sgaoilte, mar: “What I find somewhat worrying … is the narrow definition of the notion of correctness; the assumption … that there is only one possible correct form.”

Thig e an uair sin gu molaidhean a’ chomataidh (a’ “chomhairle bheag” ud). Mar eisimpleir: “I would not (especially in view of the strong development of Gaelic as a second language) recommend the dropping of both accents, at least at this time.”

Sann mar sin a dh’aidich e gu bheil feum aig luchd-ionnsachaidh air sràcan. Seadh, ann am baile dùmhail na Gàidhlig, chan e mhàin gun robh ceann a’ phlanaidh a’ dol a chur ás do chuid de na càraichean, ach do sheata sholasan-trafaig cuideachd, oir cha robh an òigridh gan iarraidh. Tha ceithir sràcan agus cedilha aig Portugìos, ’s tha iad gan cumail.

Chrìochnaich MacAmhlaigh am pàipear aige le faoineas: “The innovator might end up with the epitaph chualamia, sgribhmia, bhafligmiad … or written signs to that effect.” An robh na daoine air cùl GOC ann an da-rìribh? Chan eil ùghdar an airtigil ann am Público, Alexandro Prado Coelho, no gin de na h-eòlaichean ris an do bhruidhinn e, a’ faicinn feum air àbhachdas, ged a tha an Acordo a’ deanamh tòrr nas lugha na GOC.

Hide Ad
Hide Ad

Faodaidh gun do dh’fhairich MacAmhlaigh sgìth, a-cheart mar dh’fhairicheas mise an-diugh an uair a smaoinicheas mi air GOC. Nuair thàinig aithisg GOC a-mach dh’iarradh orm pìos a sgrìobhadh mu dheidhinn dhan Times Education Supplement Scotland. Cha do chuir mi ’na aghaidh. Car son a chuireadh? Bha e cho ùr, cho brosnachail, cho reusanta. ’S nach b’e seo aon dha na ceumannan a bha ri’n gabhail gus a’ Ghàidhlig a shàbhaladh sna h-Eileanan an-Iar? Cha do rinn mi ach moladh, mura robh ach aon shràc gu bhith aca, gur e an sràc geur bu chòir a bhith ann. Agus chuir mi an céill iongnadh gun robh Gairm a’ cleachdadh nam molaidhean ùra – nach robh iad air an amas air sgoiltean a-mhàin?

’Na cholbh seachdaineil ann an Gaset Steòrnabhaigh, cha do mhì-thuig an t-Urr. Ruairidh MacDhòmhnaill na bha tachairt mar mhì-thuig mise. “Nì na bodaich corra mhearachd airson bliadhna no dhà”? Cha do sguir “Ruairidh Eile” a dhubh-chàineadh an “Litreachaidh Ùir” gu là a bhàis.

A thaobh àireamhan luchd-bruidhne, se Portugìos an siathamh cànan as motha san t-saoghal, ’s chaidh an Acordo Ortográfico aontachadh ann an 1990 eadar na dùthchannan far a bheil i air a bruidhinn – Brazil, Portugal, Angola ’s an còrr. Tha an t-airtigeal aig Coelho (17.12.11) a’ comharradh deireadh a’ chiad tèarm den bhliadhna-sgoile (ano lectivo, a-nis letivo) anns a bheil an Acordo ga thoirt a-steach. Bheir na rudan seo ùine mhór, ’s tha e ceart gun toir.

Tha litreachadh Portugìos air an aon turas fhada bho shiostam stéidhte air freumhan gu siostam stéidhte air fuaimean ’s a tha a h-uile cànan Eòrpach as aithne dhòmhsa ach Beurla agus, gu ìre, Gàidhlig. Bidh iad a’ cleachdadh gach goireas a tha ri fhaotainn gus fuaimean a chumail (neo a thoirt) beò ann an sgrìobhadh, còmhla ri seata riaghailtean a tha gan ionnsachadh anns gach sgoil. Ma tha dà dhòigh air facal a ràdh, tha iad le chéile ceadaichte ann an sgrìobhadh, mar bebê agus bebé ‘leanabh’ (‘bebé’ agus ‘bebè’ ann an litreachadh Gàidhlig). Tha sràcan air an cleachdadh cho ainneamh ’s a ghabhas: cha bhiodh am fear air “còmhla” no “àrd” ceadaicht’ ann am Portugìos (no an iomadh cànan Eòrpach eile), oir tha “mhl” agus “rd” a’ sìneadh na thig romhpa co-dhiù.

Tha an Acordo a-nis (bho 1 Faoilleach 2012) ga chleachdadh le riaghaltas Phortugail. Thòisich cuid de na meadhanan ga uisneachadh nas tràithe, ach chan eil Público ’nam measg. Bidh e riatanach ann an deuchainnean sgoile bho 2014 a-mach. Tha an stòiridh ann am Público a’ leigeil fhaicinn gun toir atharrachadh litreachaidh deagh ghreis gu bhith air a dheanamh ceart; gum bu chòir a ghabhail ann an da-rìribh; gun fheum e follaiseachd fharsaing; gu bheil e mu chloinn sgoile, ’s nach bu chòir cus dragh a chur air inbhich; ’s nach bu chòir dha cur ás do sholais trafaig cho math ri càraichean.

Chaidh muinntir GOC ro fhada aig ìre “macro” gun for a thoirt dhan ìre “micro”. Mar eisimpleir, tha Coelho ag innse mu phostair-sgoile: “Ann an Avenida Marechal Gomes da Costa, faodaidh an ‘a’ ann an Avenida a bhith beag no mór, ach feumaidh an ‘m’ ann am Marechal a bhith beag.”

Related topics: