Iomairt às leth na Doraig a tha iomadh bliadhna air dheireadh air a' Ghàidhlig

Chuala sinn tòrr mu ioma-chultarachd bho chionn ghoirid, gu sònraichte ann an co-theacs an deasbaid mu imreachd san Roinn Eòrpa agus an eadar-dhealachaidh mhòir eadar toraidhean an reifreinn ann an Alba agus Sasainn. An seo, gun teagamh, bha sinn riamh cleachdte ri cultaran diofraichte a bhith againn, leis a' Ghàidhlig air a' Ghàidhealtachd, a' Bheurla agus Lallans air a' Ghalldachd agus an Doraig san Ear-thuath.
Cothroman airson a bhith a brosnachadh agus a cleachdadh na DoraigCothroman airson a bhith a brosnachadh agus a cleachdadh na Doraig
Cothroman airson a bhith a brosnachadh agus a cleachdadh na Doraig

Tha làn fhios agam gun can eòlaichean gur e dualchainnt seach cànan a th’ ann an Doraig, ach a dh’aindeoin seo, tha i fhathast na pàirt chudromach den dualchas againn, agus mar a’ Ghàidhlig, tha obair chruaidh air a bhith aig a luchd-taic gus a gleidheadh. Mar a thachair leis a’ Ghàidhlig, chaidh cur gu làidir an aghaidh na Doraig is chaidh dìmeas a dhèanamh oirre leis na h-ùghdarrasan, gu sònraichte ann an siostam foghlaim a bha gu h-eachdraidheil den bheachd gun robh cultar agus cànan sònraichte an Ear-thuath seann fhasanta agus borb.

Tha a’ Ghàidhlig iomadh bliadhna air thoiseach air an Doraig a thaobh a bhith seasamh a còraichean ach bidh Comann Dualchas Bhùchainn, a thòisich air iomairt a dhèanamh airson a’ chànain bho chionn còrr is 30 bliadhna, a’ cumail fèis gach bliadhna ann am baile Shrath Eichin (Strichen) ann an cridhe Bhùchainn, aig an deireadh sheachdain mu dheireadh sa Chèitean. Tha duaisean anns an fhèis airson fìdheall, piana, tromb agus tòrr a bharrachd, cho math ri co-fharpaisean a tha dlùth-cheangailte ris a’ chànan fhèin ann am bàrdachd, rosg, seanchas agus na bothy ballads, fear de na rudan as suaicheanta ann an cultar dùthchasach na sgìre.

Hide Ad
Hide Ad

Ged nach e am Mòd Nàiseanta a th’ ann am Fèis Shrath Eichin, is e iomairt chudromach airson cànan agus cultar air leth an Ear-thuath a ghlèidheadh a tha seo. Tha e làidir mar thoradh air an tarraing a th’ aice aig an ìre ionadail - agus chan ann a-mhàin am measg dhaoine a tha air a bhith a’ fuireach san sgìre fad iomadh ginealach. Tha tòrr ainmean Sasannach ann, mar eisimpleir, am measg nam farpaiseach òga, rud a tha sealltainn gu bheil an fhèis a’ còrdadh ri teaghlaichean nach eil air a bhith san Ear-thuath ro fhada agus aig a bheil pàrantan aig nach eil Doraig sam bith. Cuideachd, tha an uiread de dhaoine òga - daoine fo 30 - a’ sealltainn gu bheil tarraing leantainneach aice agus nach e cultar a tha a’ bàsachadh is gu bhith air a dhìochuimhneachadh a th’ ann idir.

Agus tha càileachd an sgrìobhaidh ùir, cuid a thèid a chruthachadh gu sònraichte dhan fhèis, agus tòrr dheth air a dhèanamh le sgrìobhadairean an 21mh linn mar am bàrd Iain Middleton, a’ cur gu mòr ri beatha is anam na Doraig mar chànan is cultar a tha fhathast beò is beòthail, cànan an latha an-diugh a tha fhathast ga bhruidhinn ann an dachannan, àiteachan-obrach agus raointean-cluiche sgoile air feadh an Ear-thuath. Tha àite cudromach aig an Fhèis ann a bhith a’ brosnachadh litreachas ùr ann an Doraig, gu sònraichte tro cho-fharpais nan sgeulachdan. Thèid na sgeulachdan as fheàrr sa cho-fharpais fhoillseachadh anns an iris Leopard, an iris airson dualchas an Ear-thuath.

A dh’aindeoin na h-obrach seo, tha dualchas na h-Alba fhathast feumach air barrachd taic. Gu dearbh, tha seo air aon de na prìomh adhbharan-bith aig a’ Chomann Rìoghail Cheilteach. Air an adhbhar seo, bhiodh barrachd co-obrachaidh eadar luchd-taic na Gàidhlig is na Doraig gu math feumail.

Tha fios againn uile gu bheil beachd ann, beachd a tha ga chur an cèill nas trice sna làithean seo, gum buin cànanan dualchasach na h-Alba ris an àm a dh’fhalbh, beachd a chithear gu soilleir anns na gearanan mu obair Bhòrd na Gàidhlig gus Gàidhlig a bhrosnachadh san riaghaltas agus, mar eisimpleir, ann an soidhnichean rathaid, rud a tha a’ faighinn nàimhdeas mòr bho chuid.

Tha e nas iomchaidh, a rèir na h-argamaid seo, a bhith a’ gabhail ris na mion-chultaran aig daoine a tha air tighinn dhan dùthaich againn bho chionn ghoirid, agus tha e fìor gun teagamh gu bheil cha mhòr an aon uiread de luchd-labhairt na Pòlainnis ri luchd na Gàidhlig ann an Alba san latha an-diugh. Ach chan e co-fharpais a th’ ann an ioma-chultarachd idir agus chan fheum cultaran ùra dìmeas a dhèanamh air an t-seann dualchas againn. Gu pearsanta, tha mi moiteil às an speactram a th’ againn de chultaran, sean is ùr, a tha beò le chèile san dùthaich bhig againn. Bu chòir dhuinn an comharrachadh uile.

l‘S e Alan Hay Cathraiche a’ Chomainn Rìoghail Cheiltich (Alan Hay is the chairman of the Royal Celtic Society, sponsors of organisations dedicated to the traditions, language and arts of the Highlands and Islands)

www.royalcelticsociety.scot

Related topics: