Iolairean mara a’ deanamh cron dha na h-uain

THA an dearg chaoch air croitearan air feadh na Gaidhealtachd agus gu h-àraidh anns an Eilean Sgitheanach.

Chuireadh ás do dh’iolair na mara aig toiseach an fhicheadamh linn, ach an sin anns na seachdadan thugadh sia deug càraidean á Nirribhidh agus chaidh an leigeil ma sgaoil air an taobh an-iar.

A-nis tha lethcheud càraid air taobh an-iar an Eilein agus tha croitearan deimhinnte gu bheil iad a’ deanamh sgrios air an cuid uain. Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach, aig a bheil croitean anns a’ Bhràighe, a’ cumail a-mach gun do chaill e am-bliadhna feadhainn de na h-uain a bu chòir a-nis a bhith ’nam muilt.

Hide Ad
Hide Ad

Thuirt Iain Aonghas MacCusbaig, aig a bheil trì croitean anns an t-Sruthan, “Thug iad ionnsaigh air feadhainn de na h-othaisgean agamsa. Bha iad ro throm air son an togail, ach dh’fhàg iad lotan air na dromannan ’s air na h-amhaichean aca.”

An-uiridh chuir e athchuinge, ris an do chuir còrr agus ceud croitear an ainmean, gu Richard Lochhead, Ministear na h-Àrainneachd, gus leigeil fhaicinn dha cho èiginneach ’s a tha cùisean. A dh’aindeoin sin tha àrd oifigear Comann Dìon nan Eun, Ron MacDhòmhnaill, a’ cumail a-mach nach eil na h-iolairean ach a’ cur ás do glè bheag de na h-uain.

tormod e dÒmhnallach