Galair ùr a’ maoidheadh

Rinn an galair roilleach miastadh sna naodhadan. Chuir e tuathanaich agus mòran eile ann an cruaidh-chàs. A-nis tha e ’na uallach do luchd togail sprèidh gu bheil galair ùr air nochdadh.

Se SPV neo Schmallenberg Virus a chanas na lighichean sprèidhe ris, agus mar a thuigear bhon ainm, sann sa Ghearmailt a fhuaireas ròs air an toiseach. Tha e grànda, oir ma tha crodh, caoraich no gobhair trom agus a’ fulang leis, tilgidh iad an cuid àl. Ma thèid aig màthraichean air laoigh, uain neo minn a bhreith, bidh mì-chumadh orra.

Nochd e ann an 2011, agus bhon àm sin tha e air tighinn am follais san Òlaind, sa Bheilg, san Fhraing agus ann an Sasainn. Chaidh a dhearbhadh air 22 Faoilleach am-bliadhna gun robh e air caoraich air ceithir tuathanais ann an Norfolk agus ann an Suffolk.

Hide Ad
Hide Ad

Tha e coltach gur ann le gnè den mheanbhchuileig a tha e a’ sgapadh, agus gun tig na beathaichean beaga nimheil seo thairis air a’ Chuan Shasannach a rèir mar a bhios a’ ghaoth a’ sèideadh.

Bu chòir do gach neach a tha an sàs ann an togail sprèidh a bhith faiceallach, ’s ma chithear beathaichean a tha trom, luasganach agus an-fhoiseil, fios a chur air a’ bheat anns a’ bhad.

Bidh croitearan sna h-eileanan a’ gearain air cho fada ’s a tha iad bho thìr-mòr, ach is dòcha gum bi iad taingeil gu bheil an Cuan Sgìth eadar iad agus SPV.

Tormod E Dòmhnallach