Gaelic: Uibhist a-Deas: prothaid an àite call

SE AON de na gearanan as motha a th’ aig daoine a tha an aghaidh iomairt an fhearainn gum feum­ar airgead poblach a chosg gu math tric gus am fearann a cheannach ’s gum bi na coimh­earsnachdan sin fhathast feum­ach air tòrr taic bhon sporan phoblach mus tig piseach sam bith air cùisean, ma thig piseach idir.

Mar sin, bho thòisich iom­airt an fhearainn tha coimhearsnachdan air a bhith strì feuch an seall iad do dhaoine gun urrainn dhaibh soirbheachadh gun a bhith an urra ri taic bho àiteachan eile.

Tha seo nas cudromaiche buileach san latha a th’ ann agus airgead cho gann a h-uile taobh a sheallas tu. Mar sin, nuair fhuair muinntir Uibhist a-Deas, Èirisg­eigh agus Beinne Bhadhla sealbh air oighreachd le 93,000 acair fo bhratach Stòras Uibhist, b’ e aon de na ciad amasan a bh’ aca leasachaidhean a chur air adhart a dhèanadh airgead dhaibh, airgead a dhèanadh feum dhan choimhearsnachd.

Hide Ad
Hide Ad

B’ e a dhà de na rudan as motha a bha a’ toirt teachd-a-steach dhaibh nuair a ghabh iad gnothaichean os làimh aig deir­eadh 2006: sealg agus iasgach slait agus an loidse aig Gròigearr­aidh; agus màl bho ghnìomhachasan a bha stèidhichte air talamh ’s ann an uisgeachan na h-oighreachd. Aig deireadh 2009 bha Stòras Uibhist air cùisean a thionndadh chun na h-ìre ’s gun robh an oighreachd a’ dèanamh prothaid an àite call.

Ach mar tha cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac a’ Mhaoil­ein, a’ mìneachadh, chan e dìr­each airgead a tha cunntadh, ach mar fhuair muinntir nan eilean smachd air a’ cheann-uidhe aca fhèin: “Mura b’ e ’s gun do
thachair seo, chan eil fhios a’m dè bhiodh air tachairt. Air sàill­ibh cha robh an còrr àite air fhàg­ail, agus cha robh coltas gun robh sìon a’ dol a thighinn an rathad againn. ’S na bu mhiosa na sin, bhathar a’ smaoineachadh aig an àm gun robh muinn­tir an Airm a’ dol a shlaodadh a-mach a thaobh raon nan rocaid. Bha a h-uile sìon a bh’ ann a’ coimhead gu math dorcha ’s dubh. Bha an t-iasgach againn ach cha robh e a’ dol air aghaidh mòran. Cha robh daoine òga a’ ceannach bàtaichean, cha robh daoine òga a’ tighinn a-staigh dhan ghnìomhachas.”

Nuair a cheannaich a’ choimh­ear­snachd an oighreachd, “Chun­naic iad air son a’ chiad turas
gun robh cothrom aca talamh fhaigh­inn agus math dh’fhaoidte taighean a thogail agus fuireach san àite. Agus math dh’fhaoidte gun robh daoine a bha a’ stud­aigeadh a’ falbh agus thuirt iad riutha fhèin nach robh iad a’ dol a dh’fhalbh. Tha mi a’ smaoin­eachadh gun do thachair sin agus gun tug e misneachd dhan choimhearsnachd, ged nach robh sìon a’ dol a thachairt air son bliadhna na dhà. Bha daoine a’ faireachdainn gun robh rathad air aghaidh.”

Tha dà leasachadh mhòr a-nis air fàire – trì croinn gaoithe coimh­earsnachd a thogail agus obair leasachaidh mhòr a dhèanamh air cala Loch Baghasdail. A’ bruidhinn air na croinn gaoithe thuirt Mgr Mac a’ Mhaoilein: “An ceann bliadhna nuair a gheibh sinn beagan ionmhas a-staigh, bidh rathad againn an uair sin rudan a chur air aghaidh. Bidh math dh’fhaoidte trì cairteal millean againn gach bliadhna a chosgas sinn air pròiseactan a tha sinn air son a chur air aghaidh. Sann sna dhà no thrì bliadhnaichean a tha romhainn a chì sinn am feum ’s dè thig ás.”

Gu dearbha chan eil Stòras Uibhist gann de bheachdan a thaobh dè dh’fhaodas iad an
t-airgead a chosg air, oir chum iad coinneamhan poblach dhan choimhearsnachd agus thill iad le 135 beachdan air son pròiseactan. Chan e a-mhàin gun tèid aig Stòras Uibhist air na h-iasadan a thug iad a-mach, air son nan crann gaoithe a thogail, a phàigh­eadh dheth, ach thairis air
na bliadhnaichean a bhios na croinn gaoithe a’ dol, thathar an dòchas gum faigh a’ choimhearsnachd £20 millean uile gu lèir ri chosg air pròiseactan.

A thaobh an obair gus Loch Baghasdail a leasachadh thuirt Mgr Mac a’ Mhaoilein: “Leis a’ chiad phìos bidh rathad agus
cabhsair, agus tha cidhe a’ dol a-staigh, rud ris an can iad infrastructure, sann air cùlaibh sin a thig am math as fheàrr a chì
daoine, agus leis na gnìomhachasan a thig air aghaidh. Nì e feum dha na h-iasgairean agus, mar a tha a h-uile port air an taobh
an-iar a-nis, bidh pontoons ann ’s bidh gheataichean a’ tighinn
a-staigh. Bidh trì fichead àite ann dhaibh.

“Chan e a-mhàin gu bheil iad a’ toirt a-staigh daoine air son an oidhche, tha obair co-cheangailte ris a-sin, air sàillibh an fheadh­ainn a bhios a’ tighinn a-mach an taobh seo bidh na gheataichean nas motha ’s bidh iad gam fàg­ail an seo. Bidh obair ann a’ coimh­ead ás an dèidh ’s gan càradh ’s a h-uile sìon mar sin.

Hide Ad
Hide Ad

“Agus gheibh sinn liners a’ tighinn a-staigh, bidh cothrom aca a thighinn a-staigh a Loch
Baghasdail. Agus na daoine sin, bidh iad a’ dol air feadh Uibhist, chan ann a-mhàin Loch Baghasdail. Tha thu cuideachd a’ dol a chruthachadh suas ri 20 acair de thalamh far an gabh na gnìomhachasan eile a chur air aghaidh.

“A bharrachd air sin, tha gas agus ola an-iar air na h-Eileanan an-Iar agus bidh am port seo cho domhainn ri port sam bith air taobh an-iar Alba. Mar sin, tha cothrom a-rithist an sin anns na
bliadhnaichean a tha romhainn.”

Coltach ri iomadach coimh­earsnachd eile a ghabh sealbh air fearann, tha muinntir Uibhist air sealltainn ma gheibh iad coth­rom gun dèan iad làn fheum dheth. Fhuair iad taic gun teagamh sam bith, ach tha iad air dà phròiseact a chur air adhart mar-thà ás an tig toraidhean luach milleanan thar mhilleanan sna bliadhnaichean ri teachd. Agus nas cudromaiche buileach, is dòcha, tha iad air sealltainn dhaib’ fhèin dè tha iad comasach air a dhèanamh.