Gaelic: Gun ach blàths dhan chànain an Taigh an Ròid

Tha a’ Ghàidhlig a’ faighinn taic bho gach taobh ann an Taigh an Ròid, ach saoil a bheil na buill da-rìribh a’ tuigsinn dé ris tha iad ag aontachadh?

Tha e coltach gu bheil, bhon deasbad a bha aca air 3 Dàmhair air Plana Nàiseanta na Gàidhlig, ged a tha beagan romansachais ’nan ceann fhathast.

Mhol Ministear na Gàidhlig, Dr Alasdair Allan (PNA), gluasad a’ gabhail ris a’ Phlana, a tha e
a’ faicinn ’na “ro-innleachd air son fàs”, agus ri prìomhachasan Bhòrd na Gàidhlig. Ghabh e gu deòn­ach ri leasachadh bho na Tòr­aidh­ean gum bu chòir an Riagh­altas innleachd a chur air dòigh gus measadh a dhèanamh air cho soirbheachail ’s a tha am Bòrd ann an coileanadh nan amasan aca fhéin. Chomharraich buill cho siùbh­lach ’s a tha a’ Ghàidhlig aige, agus mhol iad na h-oidhirpean a rinn Dàibhidh MacThòmais (PNA) agus Iain Ó Finnaí (PNA) a’ cur na cànain gu cleachd san t-seòmar dheasbaid.

Hide Ad
Hide Ad

Dh’aithnich Annabel Goldie (PTA) cudromachd na cloinne ann an ath-leasachadh na cànain agus rinn i iomradh cuideachd air an trichead mìle a thuigeas Gàidhlig gun a bhith comasach ga bruidhinn agus air an iomadh seana Ghaidheal fileanta a
bhiodh deònach pàirt a ghabhail ann an iomairtean teagaisg.

Chuir Aonghas Dòmhnallach (PNA) ri sin le rabhadh gu bheil feumalachdan ionnsachaidh aig móran le Gàidhlig nach eil buil­each cho comasach anns a’ chàn­ain ’s a dh’iarradh iad a bhith.

Dhìon Lewis Dòmhnallach (PLA) na dlùth-cheanglan eadar CalMac ’s a’ chànan a bu chòir a bhith aithnichte an ath-nuadh­adh cùmhnantan an Riagh­al­tais, puing a ghabh am Ministear ris.

Thuirt Hanzala Malik (PLA) gum biodh e “glé phròiseil agus toilichte” Gàidhlig a chluinntinn air sràidean Ghlaschu cho math ri Urdu ’s Punjabi ach bha e air son tuigse nas fheàrr fhaighinn air co ás a thigeadh am maoin­eachadh deatamach.

Dh’innis Ùisdean Henry (PLA) agus Màiri Ní Sgannláin (PTA) mar a chaill an sinnsirean Gaeil­ge na h-Éireann nuair a dh’fhàg iad Tìr Chonaill.

Cumaidh an Riaghaltas ri near­t­achadh foghlam agus craoladh, a’ toirt air ùghdarrasan ionadail gun a bhith a’ cladh­ach na Gàidhlig fon Bheurla, ’s a’ bros­nachadh coimhearsnachdan leis an rabhadh: “Cleachd i no caill i.”

Tha dòchas anns a’ bhlàths a sheall na buill ris a’ chànain an coimeas ri fuachd no fuath oifig­eil an àm a chaidh. Sealladh ùr air Alba san àm ri teachd, ’na dùthaich ioma-cultarach, ioma-cànanach – tha an roghainn romhainn.

Seonaidh Caimbeul

Related topics: