Gaelic: An gartan a’ tilleadh

FHUAIR sinn deich latha de shìde glan grianach tioram, gun uisge, aig deireadh a’ Chèitein, ach an sin dh’atharraich na siantan. Thòisich i air sileadh agus cha do thiormaich an talamh bhon uair sin.

Chan ann ris a h-uile creutair a chòrdas sin, ach gu dearbha is toigh leis a’ ghartan e. Fàsaidh e lìonmhor le sìde bog tais, agus laighidh e air gach creutair anns a bheil fuil.

Tha cuimhne agam, nuair a bha mi anns a’ bhunsgoil, air Fly an cù chaorach againn a bhith an-fhoiseil agus ga sgrìobadh ’s ga tachas fhèin. Air dhomh sealltainn rithe chunnaic mi gun robh builgean làn fala air cùl a cinn. Bha gartan mòr air fhiaclan a chuir fodha ’na feòil.

Hide Ad
Hide Ad

Deothlaidh an gartan fuil á cuislean creutair sam bith, ach cha dean sin fhèin mòran trioblaid air slàinte. Se a tha a’ deanamh cron gu bheil, gu tric, fiaclan a’ ghartain a’ giùlan an tinneas ris an can iad Lyme Disease. Nì e cron air fèithean agus caillidh neach a lùths. Chan eil feabhas air ach leigeil leis gus an ruith e a-mach.

Thuirt an t-eòlaiche Dr Seumas Logan, “Bu chòir deanamh cinnteach nach fàgar na fiaclan ’s am beul anns an fheòil ma shlaodar gartan ás. Gu tric togaidh iad plàigh.”

Tormod E DÒmhnallach