Gaelic: A’ faicinn nan rionnagan ann an Ceap Breatainn

MAS toil leat coimhead air na
rionnagan se Leabhar a’ Speura le Trueman MacMhathain á Ceap Breatainn an leabhar dhutsa (Sìol Cultural Enterpris­es, $13.95, www.gaelicbooks.com). Se source book a chanadh tu ris, saoilidh mi.

An toiseach tha mapaichean de speur na h-oidhch’ ann, 26 dhiubh, uil’ ann an Gàidhlig. An uair sin liostaichean – ainmean nan rionnagan ’s nam planaid­ean, a’ mhórchuid ann an Laid­eann, Gàidhlig, Gaeilge ’s Beurla. Nach inntinneach, mar eisim­pleir, na lorg MacMhathain de dh’ainmean Gàidhlig air Mars: “Màrt”, “An Cosnaighe”, “An Corg”, “Mars” fhéin. As deagh­aidh sin tha e toirt dhuinn cruinneachadh a rinn e de sheanfhaclan, de dh’abairtean, de dhuain, de dh’òrain, de dh’ùrnaighean, de ghiseagan, de sgeulachdan ’s de dh’iomraidhean Gàidhlig air na rionnagan. Agus mu dheir­eadh tha dhà na thrì duilleagan de dh’fhaclaireachd Beurla-gu-Gàidhlig ann.

Tha pàirt de na h-ainmean sean, ’s tha pàirt dhiubh ùr. Tha MacMhathain ag innse dhuinn gu faiceallach càit’ an d’fhuair e gach criomag eòlais, ’s ciamar tha gach nì ceangailte ri saidheans.

Hide Ad
Hide Ad

Ged a tha MacMhathain ri mholadh gu mór son a shaoth­rach, cha bhiodh e ceart Leabhar a’ Speura a leigeil seachad gun fac­al rabhaidh, oir chaidh e iomrall an-siud ’s an-seo. Mar eisim­pleir tha e ’g ràdh gu bheil “reul-an-iuchair” grammatically incorrect, ach chan eil – se an t-iuchar a’ chrìoch eadar samhradh agus foghar. Agus on roghnaich MacMhathain an leabhar a sgrìobh­adh anns a’ Ghàidhlig (a’ mhórchuid dheth, co-dhiù), bu chòir dhan fhaclaireachd a bhith Gàidhlig-gu-Beurla, oir mar a tha i chan eil i ’na cuideachadh mór gus an leabhar a leughadh.

Related topics: