Gaelic: Boinne ann am beul na gaoithe

FHUAIR òstair, 26, a bha air ùr thighinn á Sasainn, binn chrochaite 32 seachdain prìosain sa Chuimrigh leis gun do mhaoidh e air custamairean le isneach-adhair an déidh dh’a mhnaoi an cur ás an taigh-òsta son deoch iarraidh sa Chuimris.

• Bho dh’fhoillsich iris éisgeil dealbhan a’ magadh air an fhàidh Mohammed, tha an Fhraing air ambasaidean agus sgoiltean ann am 20 dùthaich a dhùnadh air son greis. Dh’iarr an Riaghaltas air daoine cùisean lagha a thogail seach aimhreit ma bha iad feargach.

• Chruinnich 1.5 millean neach ann am Barcelona gus saorsa a shireadh do Chatalonia. Dh’iarr an ceannard, Artur Mas, féin-riaghladh ionmhasail air prìomh mhinistear na Spàinne, ach chaidh a dhiùltadh.

Hide Ad
Hide Ad

•Tha airceòlaichean a’ deanamh sgrùdadh air beulaibh ceannachairtealan a’ Phoilis ann an Allt a’ Bhonnaich far a bheil tursachan a tha, a réir beul-aithris, ’nan comharra air a’ bhuaidh a thug Sir Tòmas Randolph agus 500 marcaiche Albannach air eachraidh Shasannach sa bhlàr ainmeil.