Figearan cosnaidh math – an-dràsta co-dhiù

Tha figearan a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain sa a’ sealltainn gun deach an àireamh gun chosnadh an Alba an àird a-rithist – bha 16,000 a thuilleadh san Dùbhlachd na bha san Dàmhair. Ach tha cuid den bheachd fhathast gun soirbhich le econamaidh na Gaidhealtachd ’s nan Eilean ma chumas sinn ar misneachd.

Thuirt Rùnaire an Ionmhais aig Riaghaltas na h-Alba, Iain Swinney: “Chan eil Riaghaltas Westminster air maoineachadh calpa gu leòr a thoirt seachad, ’s mar sin chan eil sinn a’ faicinn fàs no misneachd mar bu chòir ann an econamaidh na RA. Tha sinne cleachdadh gach innleachd a th’ againn feuch an tig barrachd airgid a-steach dhan econamaidh ’s an tèid obraichean a chruthachadh ’s a ghleidheadh. Tha seo uile aig àm nuair a tha gearraidhean mòra ann bho Westminster.”

A rèir Iomairt na Gaidhealtachd ’s nan Eilean (IGE) ge-tà, san sgìr’ aca tha an àireamh gun chosnadh a tha a’ faighinn sochairean air tuiteam (1.2 ás a’ cheud) thar na bliadhna a dh’fhalbh (Dùbh. 2010 gu Dùbh. 2011). Aig an aon àm chaidh an àireamh suas 2.2 ás a’ cheud ann an Alba agus 10.1 ás a’ cheud san RA. Thuirt Tonaidh MacAoidh, econamaiche aig MacKay Consultants an Inbhir Nis: “San fharsaingeachd tha an àireamh sa cheud gun chosnadh air a’ Ghaidhealtachd nas ìsle na ann an Alba, chan eil e gu diofar ciamar a nì thu tomhas orra. Se as coireach gu bheil sinne a’ dèanamh nas fheàrr na an còrr dhen dùthaich, nach eil na gearraidhean poblach air buaidh cheart a thoirt air cùisean fhathast, ’s gu bheil a’ Ghaidhealtachd gu mòr an eisimeil na roinn phoblaich.

Hide Ad
Hide Ad

“An-dràsta tha buidhnean mar Chomhairle na Gaidhealtachd, Comisean nan Croitearan ’s Iomairt na Gaidhealtachd fhathast a’ toirt obair dhan aon àireamh de dhaoine ’s a bha iad mun àm sa an-uiridh. Chì sinn na gearraidhean a’ tòiseachadh anns an ath bhliadhna ionmhais. Cuideachd, thathar air a bhith cosg shuimeannan leth-char mòr air cumhachd ath-nuadhachail agus air gnìomhachas na h-ola agus gas.”

A rèir Alastair MhicNeacail, Ceannard Planaidh ’s Chompàirteachasan aig IGE: “Tha roinn na turasachd air soirbheachadh thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha roinn a’ bhidhe ’s na dibhe air a bhith dèanamh math, agus tha àrach bhradan ’s maoraich air fàs. Tha sinn cuideachd air soirbheachadh fhaicinn an cumhachd ath-nuadhchail. Tha mi fhathast misneachail mu econamaidh na Gaidhealtachd ’s nan Eilean, agus tha tòrr chothroman sna roinnean a tha dol am meud – roinnean far a bheil sinne air thoiseach air càch.”

Bha Stiùbhart Nicol, àrd-oifigear Seòmar Malairt Inbhir Nis, dhen bheachd gur e àm gu math duilich a bh’ ann do ghnìomhachasan air feadh na Gaidhealtachd fhathast, ach gun robh cothroman ann. “Tha e a’ toirt misneachd dhomh mar tha gnìomhachasan air a’ Ghaidhealtachd air a bhith innleachdail riamh ’s iad a’ lorg fuasgladh air na dùbhlain a gheibh thu ’na leithid de sgìre.

“Tha companaidhean ann an-dràsta mar Eon agus SSE a tha a’ cosg milleanan thar mhilleanan air feadh na Gaidhealtachd ’s nan Eilean an lùib pròiseactan cumhachd. Thathar an dòchas cuideachd gun tòisich Comhairle na Gaidhealtachd air ceangal-rathad ùr air son Inbhir Nis a chosgas £20-25m. Tha cothrom an-sin do chompanaidhean ionadail.”

A dh’aindeoin nan adhbharan misneachd, bha aon àireamh a chuir dragh air a h-uile duine – na bha de dhaoine ann an sgìre IGE a bha air a bhith a’ faighinn sochairean cosnaidh còrr agus sia mìosan (no a tha “ùine fhada” gun chosnadh). Tha an tè sin air a dhol an àird 33.1 ás a’ cheud eadar Dùbh. 2010 agus Dùbh. 2011 gu 2,595 – nas àirde na an ìre àrdachaidh ann an Alba, ach nas ìsle na an ìre Bhreatannach san aon ùine. Thuirt MacNeacail: “San Dùbhlachd 2009 bha an àireamh gun chosnadh air son ùine fhada san sgìre againn 2,075, àrdachadh mòr bhon Dùbhlachd 2008.

“Chaidh e suas an uair sin 78 ás a’ cheud, suas bho mu 1,200 san Dùbhlachd 2008. Ach san aon ùine ann an Alba chaidh e suas 97 ás a’ cheud, agus san RA chaidh e suas 107 ás a’ cheud. Mar sin ged a bha e dona air a’ Ghaidhealtachd cha robh sinn cho dona ris a’ chòrr dhen dùthaich.”

Thuirt e gum bithte a’ sùileachadh gum biodh an àireamh seo a’ dol suas nuair tha crìonadh san econamaidh, ’s gur e aon de na h-adhbharan gun robh companaidhean a’ gleidheadh an luchd-obrach sgileil aca ’s iad an dòchas gun tog an econamaidh oirre a-rithist – mar sin nach eil uiread a chothroman obrach aig na companaidhean sin.

Hide Ad
Hide Ad

Tha a’ Ghaidhealtachd ’s na h-Eileanan a’ dèanamh beagan nas fheàrr na an còrr dhen dùthaich. Ach tha coltas ann gum faodadh gearraidhean san roinn phoblach barrachd buaidh a thoirt air an sgìre na air sgìre sam bith eile an Alba. Mar sin dh’fhaodadh nì a tha ’na neart a bhith ’na laigse an ceann dhà no thrì bliadhna.