Ach sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh thòisich daoine a’ faighneachd diofar sheòrsaichean cheistean, ceistean a bhoineas ri coimhearsnachdan agus ris na daoine fhèin ’s mar a tha iad a’ smaoineachadh orra fhèin. Chan e dìreach co aige a tha a’ Ghàidhlig, ach cuin a tha iad ga bruidhinn agus car son. Tha iad dhen bheachd gum feum piseach a thighinn air cor na Gàidhlig le iomairtean a tha freumhaichte anns a’ choimhearsnachd.
Se aon de na daoine sin Dr Tim Armstrong, neach-rannsachaidh a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig ’s a tha ag obair dhan phròiseact rannsachaidh Soillse. Sann á Seattle a tha Tim bho thùs, agus tha e air a bhith an sàs ann an rannsachadh air poileasaidhean agus ath-bheothachadh chànan air son grunn bhliadhnaichean, an dà chuid ’na oileanach PhD ’s ’na neach-rannsachaidh. Thuirt e: “Chan urrainn dhut cànan ath-bheothachadh no a leasachadh gun a bhith tuigsinn co ris a tha cor a’ chànain coltach an da-rìribh a-muigh an sin am measg dhaoine.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad“Tha e gu math cumanta gum bi daoine air am mealladh, a thaobh cor a’ chànain, nuair a tha cànan a’ crìonadh. Chan e dìreach a thaobh na Gàidhlig. Chì sinn am pàtran seo air feadh an t-saoghail. Tha daoine buailteach a bhith smaoineachadh gu bheil cor a’ chànain nas fheàrr na thà e. Chan urrainn dhut an cànan agad a ghlèidheadh ’s ath-neartachadh gun a bhith onarach mu chor a’ chànain sin.
“Chan eil mi ag ràdh nach eil e cudromach gu bheil taic ann bhon Riaghaltas agus Bòrd na Gàidhlig is buidhnean eile, ach aig deireadh an là feumaidh an t-iarrtas tighinn bhon choimhearsnachd ’s bho na daoine fhèin. Se taic a bhios Bòrd na Gàidhlig a’ toirt dha na h-iomairtean sin, ach feumaidh na h-iomairtean sin tighinn bhon t-sluagh mar gum biodh. B’e am beachd a bh’ aig an eòlaiche Joshua Fishman mu ath-bheothachadh na Gàidhlig well nigh complete reliance … on higher order props.”
Tha Tim dhen bheachd gu bheil obair a dhìth gus buaidh a thoirt air dòighean-smaoineachaidh agus beachdan dhaoine. “Se iomairt ideòlach is poilitigeach a dh’fheumas a bhith againn ma tha coimhearsnachdan gu bhith air am misneachadh gu bhith a’ dèanamh barrachd. Gu fortanach faodaidh sinn coimhead air eisimpleirean ann an raointean eile de leasachadh choimhearsnachdan, far a bheil coimhearsnachdan air am brosnachadh gu bhith dèanamh barrachd.
“Feumaidh sinn coimhead air an obair mar obair mhiseanaraidh, no cuideigin bho aonadh a tha brosnachadh obair an aonaidh aca. Feumaidh sinn togail air an iomairt a’ tòiseachadh leis na freumhan sa choimhearsnachd, fiùs a’ gnogadh air dorsan.
“Mar phàirt den rannsachadh a rinn an t-òraidiche Gillian Rothach bho SMO, chaidh i fhèin ’s an sgioba aice chun a h-uile doras ann an Siabost a bhruidhinn ri daoine mun Ghàidhlig. Bha eagal aig cuid a dhaoine gum biodh daoine air an dì-mhisneachadh agus iad a’ faicinn dè cho cugallach ’s a bha staid na Gàidhlig ann an Siabost. Ach chanainn gun do thachair an caochladh, tha iad a’ faicinn ann an dubh is geal nach eil a’ Ghàidhlig cho làidir ’s a bha iad a’ smaoineachadh, ’s gum feum iad rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. Tha e gu math dòchasach a’ faicinn na tha dol air adhart sa choimhearsnachd a-nis.”
Tha an obair anns a bheil Tim an sàs stèidhichte san àbhaist air còmhradh seach cunntadh. Bidh e a’ sireadh bheachdan bho dhaoine gus am faigh e toraidhean rannsachaidh. Ann an aon phròiseact bha e a’ cumail agallamhan le luchd-ionnsachaidh “dualchasach”, no daoine aig an robh dlùth-cheangal ris a’ chànan ’nan òige ’s a bha ga h-ionnsachadh ’nan inbheach. Bha e follaiseach bho na thuirt iad gun robh dà bhunait ann a thàirrneadh iad air ais chun na Gàidhlig.Thuirt Tim, “A’ chiad rud a bh’ ann: suidheachaidhean far am b’ urra dhaibh Gàidhlig a chleachdadh ’s far am feumadh iad Gàidhlig a chleachdadh.
“Bha na suidheachaidhean gu ìre mhòir mar thoradh air iomairtean ath-bheothachaidh, mar sgoiltean, gnìomhachasan Gàidhlig, agus cuideachd suidheachaidhean pearsanta san teaghlach aca fhèin is mar sin air adhart. An dàrna rud, a’ soillearachadh a’ cheangail eadar an cànan air aon làimh is fèin-aithne air choreigin air an làimh eile. Feumaidh sinn an ceangal eadar fèin-aithne nan Gaidheal is a’ Ghàidhlig fhèin a dhaingneachadh.”
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdLeis a-sin tha e a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn coimhead air Gaidheal mar chuideigin aig a bheil Gàidhlig, agus chan eil e gu diofar co ás a tha thu, no co leis thu: “Cha chreid mi gun tèid mion-chànan a ghlèidheadh gun a bhith gabhail ri poilitigs na fèin-aithne, ach ma tha na poilitigs sin bonntaichte air sinnsireachd neo dùthchas, tha sibh a’ cruthachadh ath-bheothachadh dùinte, beag, a tha ann an cuid a shuidheachaidhean garbh faisg air gràin-chinnidh. An can sinn ri clann-sgoile Àisianach mar eisimpleir, a tha dèanamh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a tha dol dhan Mhòd agus na Fèisean, nach e Gaidhil cheart a th’ annta a chionns nach buin iad dhan Ghaidhealtachd?”
Tha iomadach ceist agus dùbhlan inntinneach mar seo a’ nochdadh san obair aig Tim. Ceistean mar: Co sinn, na Gaidhil? Car son a tha a’ Ghàidhlig cudromach dhuinn? Ciamar a tha i ’na pàirt dhinn? Dè nì sinne mar choimhearsnachd? Adhbharan cnuasachd dhuinn uile, mar Ghaidhil.