Far a bheil na rionnagan ’nam ‘mackerelstars’

THA Rody Gorman air làn chruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig a thoirt a-mach (Beartan Briste, Clò Oilthigh Cheap Breatainn, ri fhaotainn o Chomhairle nan Leabhraichean, £9.99) sa bheil na h-eadar-theangachaidhean Beurla air gach duilleig mu choinneamh luchdaichte le diofar chiallan. Mar eisimpleir, tha dàn beag snog ann, ‘Sìneadh’:

Eadar dùsal agus dùsgadh

Agus a’ chamhanaich

A’ nochdadh,

Ag èirigh

’S a’ tighinn thugam,

An uair sin a’ sìneadh

Mar a bha ’s a-riamh

Ris an druim ri mo chliathaich –

Solas! Fuaim!

Gnìomh!

Se ‘sheenahandstretchbeginning’ as tiotal dhan eadar-theangachadh: “eitherbothbetween dozing and waking and the duskdawn nakedappearing, getting up and coming to me, / then handstretchbeginning out as ever by the ridgyback by my slopeside – moonphaseknowledgelight! accentechosound! officeaction!”

Mar sin, ma cheannaicheas tu Beartan Briste (’s tha mi moladh gun ceannaich) thig fa do chomhair dà shaoghal aig a bheil buntanas mì-chomhartail ri càch-a-chéile: bàrdachd Ghàidhlig a tha math, ach a tha ro choltach ri gach cruinneachadh eile a chuir Gorman a-mach, ’s a dh’fheumas, mar sin, ath-ùrachadh de sheòrs’ air choreigin; agus an t-ath-ùrachadh sin ann an riochd neo-shùilichte, seata de thòimhseachain a chòrdas gu mór ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Hide Ad
Hide Ad

Tha a’ bhàrdachd fhéin Gormanach gu cùl. Tha 77 dàin anns an leabhar ’s chan eil ach fear na dhà dhiubh nas fhaide na fichead sreath. Dàintean beaga existentialach a bhuineas ri aon mhòmaid, aon smuain, aon tachartas. Tha Gorman air a bhith dèanamh seo cho fada a-nis ’s nach eil e ’na iongnadh gu bheil e math air. Mar eisimpleir tha ‘Bàrdachd’ a’ cur an céill mar bhios aigne bàird a’ snaidheadh nàire ann an cloich ged a b’ fheàrr leis adhbhar na tàmailt fhàgail an dìochuimhn. Cleas Shomhairle. ’S tha rudeigin air leth drùidhteach mun dealbh seo ann an ‘A’ Chiad Rud’ de dh’euslainteach aillse ga toirt air falbh le “neach-altraim / Bho chuideachd Mhic a’ Mhaoilein”.

Siud i fhèin a’ togail rithe

Sìos a’ bhruthach,

A’ falbh seachad

Air gach tuath ’s i dol an lughad

Is an lughad fad na tìde.

Tha ‘Ach Dà Dhòmhnaill’ cuideachd mu dheidhinn bàs agus tìm a’ dol seachad, ach tha rud aige nach fhaighear tric ann an dàn le Gorman: mothachadh air eachdraidh ’s poileataigs (an trod mu dheidhinn gong do mhuinntir nan Arctic convoys). Is toil leam cho mór e ’s gun toir mi seachad e an-seo gu h-iomlan.

Thigeadh na gillean às a’ Chlachan

Agus Ach Dà Dhòmhnaill

Ri linn a’ Chogaidh mu dheireadh

Is rachadh iad leis na Camshronaich

No le fir Earra-Ghàidheal ’s Chataibh.

Roinn aca, chuireadh iad seachad

Na linntean mòra

Ri port no air chruaidh

Mun siùbhladh iad Cuan Lochlainn gu Archangel

Agus Murmansk, gu am bàs.

Bhiodh an t-àite cho uaigneach is gun tòisicheadh iad

Air bruidhinn riutha fhèin air thùs.

An uair sin bhruidhneadh na caoraich riutha

’S an uair sin bhruidhneadh na caoraich riutha fhèin.

Saoilidh mise gu bheil math agus cron sna “h-eadar-theangachaidhean”. Bidh luchd ionnsachaidh a’ coimhead air Dwelly ’s a’ falbh sa bheachd gu bheil sia diofar chiallan aig gach facal Gàidhlig. Chan eil mise a’ smaointinn gu bheil a’ Ghàidhlig eadar-dhealaichte ri cànan sam bith eile a thaobh sin: se mar a tha leabhar Dwelly air a chur air dòigh (sreath chiallan air a leantainn le sreath eisimpleirean) as coireach. Tha prìomh chiall (fìor chorra uair, dà phrìomh chiall) aig gach facal, ’s tha gach ciall eile a’ crochadh ris mar mheatafor no eile. Tha “crann” agus “cròic” ’nan deagh eisimpleirean: tha gach nì a tha air chumadh cròice ’na chròic, eadar ’s gur e cabar féidh, feamainn air sgeir, gruag fuilt, còrn reòiteig.

Ach tha tòrr bàrdachd an eisimeil chiallan dùbailte, nach eil? Thà, ach tha i an eisimeil rudan eile cuideachd, mar cuspair, gràmar agus ciall chumanta. Tha e follaiseach tric gu bheil Gorman ri fealla-dhà. Co ás a thàinig office ann an officeaction? Tha e deanamh mackerelstars de “rionnagan” ged tha fios aige glé mhath gur e “rionnach” a th’ ann am mackerel. Tha e ’g ràdh sorrybye ri “soraidh” trì uairean ged nach eil “soraidh” a’ ciallachadh sorry idir.

Is toil leam greydoorlock air “glas an dorais” ach o’n bha e ris, dé mu na seann chiallan aig “glas” – green agus stream? Agus nuair thigear gu humcrying, bho “ghaoirsinn” (tiotal dàin), tha e a’ bualadh oirnn gu bheil Gorman a’ cleachdadh Gàidhlig agus Dwelly gu dàin Bheurla a chruthachadh a sheasas air an casan fhéin. Bhithinn-sa leagte ri sin nan robh làn mhisneach agam á Gàidhlig Gorman, ach tha mi teagmhach nuair bheir mi an aire gur e off she goes with her down the slope a th’ aige air “Siud i fhèin a’ togail rithe”. Bidh bàta “a’ togail rithe” nuair bhios i dol gu muir. Leatha fhéin.

Mar sin, tha Beartan Briste (se Burstbroken Judgementshroudloomdeeds am fo-thiotal) ’na dhà leabhar ann an aon. Agus ri gach leth chanainn-sa: math dha-rìribh, ach fóghnaidh beagan dheth!