Far a bheil diofar cudromach eadar ‘croitearan’ agus ‘coimhearsnachd’

Cha bhiodh e ceàrr a ràdh ann an iomadach dòigh gur ann air sgàth chroitearan agus croitearachd a sheas mòran choimhearsnachdan air feadh nan eilean agus na Gaidhealtachd sa cheud bliadhna a dh’fhalbh. Ghlèidh an strì a rinn iad còirichean dhaoin’ air an fhearann, far an robh iad air a bhith ri àiteach ’s àrach fo chùmhnant màil fad ghineal­aichean, ’s ri linn sin dh’fhuirich daoine math dh’fhaoidte far nach robh còir aca leis cho mì-thorach ’s a bha cuid dhen fhearann sin, agus thog iad teaghlaichean.

Mar sin, b’ ann air leth freagarrach a bha e gur iad croitearan a’ chiad “choimhearsnachd” a ghabh sealbh air an fhearann aca fhèin ’s gur iadsan a thòisich iomairt an fhearainn choimhearsnachd mar as aithne dhuinn an-diugh e. B’ iad sin croitearan Asaint, a thàinig còmhla fo bhratach Urr­as Chroitearan Asaint ann an 1993 gus Oighreachd Ceann a-Tuath Asaint le 21,000 acair a cheann­ach. Gu h-eu-coltach ri cha mhòr a h-uile coimhearsnachd eile a cheannaich am fearann aca fhèin bhon uair sin, cha robh ann ach na croitearan fhèin a bha an sàs.

Ach a rèir Ailein MhicRath, cathraiche an Urrais, cha bhiodh e ceart idir a ràdh gur ann a chum maith dìreach nan croit­ear­an fhèin a tha na tha iad a’ dèanamh: “Chan eil an t-Urras a’ dèanamh eadar-dhealachadh sam bith eadar croitearan agus a’ choimhearsnachd air fad. Tha sinn a’ feuchainn ri rudan a thoirt air adhart a nì buannachd dhan a h-uile duine sa choimh­ear­snachd. Agus tha mi smaoin­eachadh gu bheil e cudromach gun tuig daoine sin, oir tha luchd-poilitigs ann ris nach eil an seòrsa uachdaranas coimhear­s­nachd againn a’ còrdadh ro mhath agus iad am beachd gu bheil Urras Chroitearan Asaint dìreach a’ smaoineachadh air math nan croitearan ’nan obair ’s nach eil iad a’ cur diù sa choimh­earsnachd. Tha iad gu tur ceàrr.”

Hide Ad
Hide Ad

Agus dè a’ bhuaidh a tha an
t-Urras air a thoirt air cùisean san 19 bliadhna a dh’fhalbh? “Tha mi a’ smaoineachadh gun do rinn sinn glè mhath. Chan eil sinn an urra ri duine sam bith eile agus chan eil sinn feumach air taic-airgid phoblach. Tha mi smaoin­eachadh gu bheil sin gu math cudromach, ged nach aontaich­eadh a h-uile duine leam. Ma tha leasachadh seasmhach gu bhith ann, feumaidh tu a thoirt air adh­art mean air mhean. Chan e cosg tòrr airgid an-còmhnaidh an fhreagairt.

“Tha sinn a’ dèanamh adhartas cunbhalach, agus tha mi gu math dòchasach mun a-sin. Fhuair sinn tòrr chòraichean nach robh againn nuair a cheannaich sinn an oighreachd, ’s tha an t-Urras air a chur romhpa sealltainn do dhaoine òga gu bheil adhbhar ann dhaibh fuireach. Tha fios aig a h-uile duine againn gu bheil coimhearsnachdan dùthchail a’ sìoladh ás, agus rud sam bith as urrainn dhuinn a dhèanamh gus stad a chur air sin, se rud math a th’ ann. Ach chan eil e an-còmh­naidh furasta a thomhas dè na tha air atharrachadh. Oir nach tuirt Chairman Mao nuair a chaidh fhaighneachd dha mun diofar a rinn Ar-a-Mach nam Frangach, tha e ro thràth a ràdh!”

A rèir Mhgr MhicRath, tha an t-Urras air grunn sgeamaichean a chur air adhart airson craobh­an dùthchasach a chur, agus tha iad, tro dhiofar phròiseactan, air grunn obraichean pàirt-thìde a chruthachadh. Cuideachd tha iad air piseach a thoirt air sealg fèidh agus iasgach mar chur-seachad­an do luchd-turais. “Chòrdadh
e rium barrachd coilltearachd fhaic­inn a bheireadh connadh dhuinn. An-dràsta tha a’ choilltearachd a tha sinn ris ag amas air craobhan a chur air adhbh­aran glèidhteachais. Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dhuinn craobhan comeirsealta a chur, ach le prìs a’ chonnaidh bhiodh e glic craobhan a chur a bheir­eadh connadh dhuinn, an àite
a bhith ga cheannach a-staigh bhon taobh a-muigh.”

Tha an t-Urras cuideachd an dòchas pròiseactan cumhachd ath-nuadh­achail a chur air adh­art, ach cha deach leotha sa chiad oidhirp aca gus crann-gaoithe a chur suas – fear beag nach robh a’ dol a dhèanamh ach £3,500 sa bhliadhna dhan Urras. “Se bristeadh dùil mòr a bh’ ann dhuinn nuair nach toireadh Comhairle na Gaidhealtachd cead dealbhachaidh dhuinn air son sin. Tha an riaghaltas a’ dèanamh an uir­ead de dh’othail mu sgeamaich­ean ath-nuadhachail coimhearsnachd agus am feum a nì iad,
’s cha robh ann ach crann beag. Dh’adhbharaich e connspaid san sgìre agus bha daoine a thàinig
a-steach dhan àite ’na aghaidh. Se call a th’ ann gu bheil compan­aidhean mòra a’ dèanamh mill­eanan á sgeamaichean cumhachd, ach tha coimhearsnachdan ro thrang ag argamaid gus feum a dhèanamh dheth.”

Tha an t-Urras agus na croit­earan cuideachd air talamh a reic air son taighean, ’s am measg nan taighean sin bha ceithir a chaidh a thogail air son an reic aig prìs reusanta do mhuinntir an àite. Fhuair luchd-togail agus com­pan­aidhean ionadail obair bho bhith a’ togail feadhainn dhiubh.

A dh’aindeoin gach adhartais chan eil e furasta gran­taich­ean fhaighinn o bhuidh­nean maoin­eachaidh. “Chan fhaod sinn cur a-staigh son airgead a’ chrann­chuir nàiseanta a chionns nach e urras coimhearsnachd a th’ ann­ainn. Chan eil an riaghaltas a’ coimhead oirnne mar uachd­ar­an coimhearsnachd a rèir nan slatan-tomhais aca fhèin, beachd a tha gu math annasach, oir
tha croitearan ’nam bunait dha coimh­earsnachdan air a’ Ghaidh­ealtachd. Mura b’e na croitearan ann an iomadh ceàrnaidh, cha bhiodh coimhearsnachdan ann.”

’S mura b’e croitearan Asaint, is dòcha nach biodh fearann coimhearsnachd ann nas motha.