Deireadh sheachdain ann a Warsaw

SEO sinne. Meadhan a’ gheamhraidh. An t-earrach fada bhuainn. Se, an Gearran. Am mìos as miosa, as slaodaiche, as dòrainniche. ’S e gu bhith latha nas fhaide am-bliadhna.

Ach na leig leis a’ Ghearran buannachadh. Nam biodh e idir comasach dhut, an rud a dhèanainn-sa se deireadh sheachdain fhada a ghabhail air falbh. Gu àite far am faigh thu faochadh, ach frogan cuideachd. Tha an dearbh cheann-siubhail faisg gu leòr air làimh – Warsaw, prìomh bhaile na Pòlainn.

Chan eil Warsaw ach mu dhà uair a thìde gu leth bho Alba air turas adhair. Fada gu leòr gus faireachdainn gu bheil thu air turas ceart a ghabhail, goirid gu leòr gus nach bi turas ro ràsanach romhad. ’S leis nach eil a’ Phòlainn ach uair a thìde air thoiseach oirnn, cha bhi guth air sgìths. Sgìths air adhbharachadh le siubhal, co-dhiù.

Hide Ad
Hide Ad

A thaobh cosgais, chan fheumar fortan a chosg. Tha Warsaw air a frithealadh le cuid de na companaidhean-adhair buidseat. Tha faraidhean adhair mu £36 an urra ri fhaotainn, ’s chan eil cosgaisean bunaiteach àrd idir nuair a ruigeas tu. Caran coltach ris a’ Bhruiseal, bidh na taighean-òsta trang tron t-seachdain agus rudeigin falamh air an deireadh sheachdain. Leis a-sin chan eil e doirbh àite-fuirich snog a lorg ann an teas-meadhan chùisean air son mu £30 an oidhche.

Nuair nach eil agad ach beagan làithean ann an àite sam bith, se deagh bheachd a th’ ann tòiseachadh le fear de na tursan coidse a chì thu sna prìomh bhailtean Eòrpach uile. Tha iad feumail gus eòlas a chur air blas a’ bhaile gu luath ’s gu furasta, ach cuideachd gus beagan eachdraidh a chluinntinn agus faicinn càit a bheil na prìomh àitean do luchd-turais. Mairidh na tiocaidean fad an là mar as trice, ’s mar sin faodaidh tu tilleadh gu na h-àitean anns an robh an ùidh as motha agad.

Dhòmhsa, b’e sin Lùchairt a’ Chultair ’s an t-Saidheans. Thug Stalin an togalach mòr tiomail seo mar thiodhlac do mhuinntir na Pòlainn sna lethcheudan, agus se fhathast an togalach as àirde san dùthaich. Tha e ’na dheagh eisimpleir den stoidhle chumhachdail ailtearachd a bh’ aig na Comannaich, ’s chan eil cus dh’a sheòrsa ri fhaicinn ach anns an Ruis fhèin. An samhla as cumhachdaile ’nam bheachd-sa ge-tà, a tha ’na shamhla air cor na dùthcha, se na diofar rudan a gheibhear ’na bhroinn a-nise. ’Nam measg tha taighean seinnse a reiceas deoch làidir bho dhùthchannan eile agus clubaichean oidhche a chluicheas ceòl Ameireaganach. Na can guth ri Stalin, ach tha cùisean air atharrachadh.

Bhiodh tu an dùil nach eil cùisean air atharrachadh idir anns an t-seann bhaile. Ach an rud as annasaiche mun sgìre seo, se nach e baile cho sean sin a th’ ann idir. Cha mhothaicheadh duine dhan diofar, chanainn, ach chaidh ath-thogail as dèidh dhan chuid as motha dheth a bhith air a sgrios aig àm an darna cogaidh.

Na leig le siud do chur dheth. Leis cho dìleas ’s a bha an t-ath-thogail do sheann choltas a’ bhaile, chaidh an sgìre ainmeachadh le UNESCO mar dheagh eisimpleir de dhualchas na Pòlainn. Agus thà cothroman ann seann toglaichean fhaicinn. Cha rachainn seachad air an eaglais bhrèagha bharocach Carmelite a chaidh a thogail san t-seachdamh linn deug. Seo far na chluich Chopin ’na òige. Tha i air a sgeadachadh gu snog snasail ’na broinn.

Cuideachd san t-seann bhaile, ’s air iomadh oisean air fheadh, chì thu blasadan bìdh ri reic a-muigh air na sràidean – biadh math Pòlainneach a bheir blàths agus comhartachd dhut air latha reòthte geamhraidh. Dh’fheuchainn zapiekanka nan robh thu air son deanamh mar a nì muinntir an àite – cnap mòr arain air a dheagh lìonadh le measgachadh de ghlasraichean ’s de dh’fheòil, càise leaght’ air ’s e air a bhàthadh le ceitseap agus/neo mayo. Se a bha math. No dè mu dheidhinn kielbasa, ìsbeanan mòra air am frithealadh le mustard agus buntàta blasta air an ròstadh.

As dèidh latha fada a’ coiseachd nan sràidean, ’s nan robh spionnadh sam bith air fhàgail agad, mholainn-sa beatha na h-oidhche fheuchainn. Tha diofar sgìrean ann a thabhainneas diofar sheòrsaichean dhith, ach rachainn do na sràidean cumhang mun cuairt air Sràid Foxal, gu math faisg air meadhan a’ bhaile, far a bheil tòrr taighean-seinnse beaga sgoinneil, ’s iad uile rudeigin air falach.

Hide Ad
Hide Ad

Chaidh sinne gu Klub Powiekszenie anns an sgìre seo – àite adhartach a thaobh ciùil agus coltais, far am faicear cuid de na cait chool chàirdeil a’ danns ri ceòl eileagtro, agus seo uile fo thaisbeanaidhean-ealain air am beò-dhealbhadh le sòlais dhathail. Abair gun robh oidhche shònraichte againn an sin.

Feumaidh gu bheil mi air ìmpidh gu leòr a chur ort, agus leisgeulan reusanta a thoirt dhut gu bhith falbh a Warsaw.

Ach greas ort, chan eil leisgeul a’ Ghearrain ach goirid.

Nuair thug mi iomradh an-seo air ceithir leabhraichean ùra mu Shomhairle MacGill-Eain (19.11.11) thuirt mi rium fhìn: Siud e ma-thà. Cha bhi an tuilleadh ann.

Ach bhà!

Tha Scotnotes ’nan treòraichean stuidearachd ri ùghdaran ’s teacsaichean Albannach, sgrìobht’ an cainnt shìmplidh do chloinn àrdsgoile agus do dh’oileanaich fhoghlaim-nas-fhaide. Se The Poetry of Sorley MacLean le Emma Dymock (Association for Scottish Literary Studies, £5.50) a’ chiad Scotnote a tha a’ déiligeadh ri litreachas na Gàidhlig.

Tha seachd caibideilean ann: gaol (‘Dàin do Eimhir’), creideamh ’s ceartas sòisealta (‘Ban-Ghaidheal’, ‘Calbharaigh’), poileataigs (‘An Cuilithionn’), cogadh (dàin a’ Chogaidh), nàdar ’s na fuadaichean (‘Hallaig’), gaisgich (‘Àrd-Mhusaeum na h-Éireann’ etc) agus dualchas (‘Cumha Chaluim Iain MhicGill-Eain’). Mar sin tha cuid dhiubh a’ coimhead air móran ’s cuid air beagan. Leud agus doimhneachd.

Tha “Conclusion and Further Reading” aig gach caibideil. Uaireannan se dàn no dhà eile a th’ anns an tuilleadh leughaidh, uaireannan leabhar no aiste. Mar eisimpleir, air creideamh tha sinn air ar stiùireadh gu dà aiste le Iain MacAonghuis ann an Dùthchas nan Gàidheal.

Tha amharas agam gum bi an leabhar beag seo tarraingeach do mhóran air taobh a-muigh nan sgoiltean ’s nan colaistean. Na bi creachadh baga-sgoile do phàiste. Ceannaich dhut fhéin e.

Tha mi an dòchas nach bi fada mus faic sinn Scotnote mu ghaisgeach eile ar bàrdachd san 20mh linn, Ruaraidh MacThómais.

raghnall macilledhuibh