Dè a’ chànan as fheàrr ri h-ionnsachadh?

Nam faighnichte dhut dè a’ chànan a b’ fheàrr ri h-ionnsachadh, dè fhreagradh tu? B’e sin a’ cheist a chuir Intelligent Life, leas-iris an Economist, ann am pol air loidhne bho chionn ghoirid.

Rè na h-ùine a bha am pol a’ dol, nochd mu 11,000 freagairt don cheist, agus an toiseach cha robh a’ Ghàidhlig ann mar roghainn. B’ fheudar do dhaoine a taidhpeadh a-steach iad fhèin. Chuir cuid a-steach “Gaelic”, feadhainn eile “Scottish Gaelic” agus “Gàidhlig”, agus mar sin fhuair a’ Ghàidhlig 8 ás a’ cheud de na bhòtaichean uile gu lèir.

Nuair a thug muinntir na h-iris an aire don àireamh dhaoine a bha measail air a’ Ghàidhlig, chaidh a cur ann mar roghainn còmhla ris na cànanan mòra.

Hide Ad
Hide Ad

Chan eil teagamh nach do sgaoil fios mun phol fad is farsaing. Bha “Acadamaidh Gàidhlig an Atlantaig” ann an Canada a’ misneachadh buill na liosta dealain aca bhòtadh ás leth na Gàidhlig. An tug sin buaidh air cuid de na beachdan a bha ri’m faicinn? Bha cuid de bheachdan ann a bha caran, uill, Ameireaganach –agus a chuireadh tiomadh air gach cridhe Gaidhealach! – leithid “Is i a’ Ghàidhlig cànan a’ ghàrraidh”, “Gàidhlig, cainnt mo shinnsearan”, “Gàidhlig na h-Alba, tha i fonnmhor, àlainn”.

Chunnacas beachdan na bu so-bheantainne cuideachd, mar “Gàidhlig; cainnt mo phàrantan, na cànan aosta, shaoibhir”, “a’ Ghàidhlig, air sgàth ’s gum b’ ise cainnt nan daoine a bu chudromaiche a thog an dùthaich seo” (a’ ciallachadh Canada, is dòcha). Thuirt aon duine: “Gàidhlig na h-Alba, no mion-chànan sam bith eile, oir tha i a’ leudachadh fàire d’ fhèin-fhiosrachaidh, is bochd ma chailleas sinn an t-eòlas coitcheann sin.”

A dh’aindeoin seo uile ge-tà, chan eil duilleag blog an deasaiche buileach a’ tuigsinn gur e an aon chànan a th’ ann an “Gaelic”, “Scottish Gaelic” agus “Gàidhlig”, ’s mar sin tha i ag iomradh air a’ phol nach d’fhuair “Gaelic” ach 4 ás a’ cheud. Ach ma chuireas sinn na trì ainmean uile san àireamh, ruigidh i an 6mh àite anns a’ phol, os cionn teangannan mòra oifigeil mar Eadailtis, Gearmailtis, Eabhrais, Ruisis agus Àrabais. Cha robh Sìonais ach 2 ás a’ cheud air thoiseach oirre.

Air a’ cheann thall, b’e iomairt luchd-labhairt na h-Esperanto a bhuannaich le 26 ás a’ cheud de na bhòtaichean os cionn Portagalais Bhrasilianach (16 ás a’ cheud), Spainntis agus Fraingis (14 ás a’ cheud), Sìonais agus na Gàidhlig.

Is iongantach mur eil diofar adhbharan aig daoine air cànan ionnsachadh, ach abair iongnadh gun d’ fhuair a’ Ghàidhlig uiread de bhòtaichean ’s a fhuair i.

Related topics: