Cum rud seachd bliadhna . . .

AN uair a dh’iarradh m’ athair oirnn, ’s sinn ’nar cnapaich, a’ bhàthach no an stàball a sgioblachadh, nam faiceadh mo mhàthair, ’s i a’ coimhead a-mach air an uinneig, sinn a’ sadail rud- eigin don t-sitig, dh’èigheadh i, “Na caithibh sin air falbh idir. Tha an seanfhacal ag ràdh, “Cum rud seachd bliadhna agus gheibhear feum dha.”

Nam briseadh inneal bhatar a’ feuchainn ri chàradh agus mura gabhadh e càradh bhatar ga chumail co-dhiù, agus re ùine is dòcha gun cuirte pìosan dheth gu feum. An-diugh chan eil an òigridh ro dheònach càradh a dheanamh. Is fhearr leotha inneal ùr a cheannach.

A thaobh innealan beaga a tha air an obrachadh le dealan, mar iarnaigearan, reidios, meanbh thonnan còcaireachd, coireachan agus fònaichean làimhe, ma thèid dad ceàrr, chan eil mar as trice mòran spàirn air a dhèanamh gus an cur ceart. Canaidh an fheadhainn a bha gan càradh nach fhiach iad a bhith riutha agus gu bheil e nas saoire innealan ùra a cheannach.

Hide Ad
Hide Ad

Sna h-ionadan ath-chleachdaidh a tha nis ri’m faighinn anns gach baile, tha mìltean de dh’innealan mòra mar cucairean, telebhiseanan agus uidheaman nigheadaireachd a’ càrnadh suas gus an tèid gach nì eiligtronaigeach nach eil sàbhailte a thoirt asta.

Air a’ chroit b’ àbhaist dhaibh seann uidheaman mòra mar tractaran, bhanaichean, càraichean agus cruinn treabhaidh fhàgail ’nan closaichean far an tug iad thairis. Ach thòisich othail air an fheadhainn aig a bheil moit anns an àrainneachd, agus a bha cumail a-mach gun robh an cleachdadh seo a’ cur droch mhaise air an dùthaich. An sin thòisich na comhairlean ionadail air an togail agus air an toirt gu ionadan cleachdaidh far am bi iad air am pronnadh agus far nach dèan iad feum gu sìorraidh.

Thèid a’ chuibhle mun cuairt agus se a tha feadhainn ag ràdh a-nis, dìreach mar a thuirt mo mhàthair, ach gum bu chòir rud a ghleidheadh agus ann an ùine gum faighear feum dha. Tha iadsan a tha air a bhith ri obair na croite fad bhliadhnachan ag ràdh gun robh na seann innealan a bha ’nan stoban air a’ mhachaire agus uaireannan air bearradh a’ chladaich a’ cumail fasgadh ri eòin bheaga ’s ri biastagan agus a’ toirt cothrom fàs do lusan agus do phlanndraisean. Chuireadh iad bacadh air gainneamh a’ mhachaire siabadh air falbh.

Chan e sin a-mhàin ach gu cinnteach thigeadh nàbaidh a dh’iarraidh pìos ás an t-seann fhear gus leasachadh a dheanamh air an fhear a bha fhathast ag obair ach a bha feumach air a chàradh.

tormod e dÒmhnallach