Cuirm mar chèilidh taighe, cuirm ann an talla mhòr

Bha Gaelic Song Circle aig Club Ealain Ghlaschu gu math tlachdmhor. ’S iad Noraidh MacÌomhair, Alasdair MacIlleBhàin agus Gillebrìde MacIlleMhaoil a bha a’ gabhail pàirt. O’n a bha an luchd-èisteachd uile ’nan suidhe aig bùird ann an talla car beag, bha e caran coltach ri cèilidh taighe, gu h-àraid o’n a bha na seinneadairean cho faisg. Bha an talla fìor mhath dha na guthan aca. Sheinn agus chluichd Noraidh deagh mheasgachadh de dh’òrain anns an dòigh phearsanta aige fhèin, a bhios a’ còrdadh ri mòran. ’Nam measg bha Càrlabhagh, An Eala Bhàn, Mo Chailin Dìleas Donn agus A Rìbhinn, a bheil Cuimhn’ Agad. Dh’innis e sgeul no dhà a bha glè èibhinn, cuideachd.

Se deagh thoiseach-tòiseachaidh dhan chuirm a bh’ ann.

An dèidh sin chualas Alasdair MacIlleBhàin á Muile. Tha guth fìor mhath aige, ’s bha an ceòl-taic o Ross MacUilleim agus Ailean Nairn fìor iomchaidh dhan t-seinn. Thagh e òrain ás a’ Mhorbhairne ’s á Muile agus sheinn e a dhà a rinn e fhèin. Tha sàr thàlant aige, agus ’s iongantach mura cluinnear mòran dheth anns na bliadhnaichean ri teachd.

Hide Ad
Hide Ad

Thagh Gillebrìde òrain on CD ùr aige Air Fòrladh, le taic o luchd-ciùil ealanta a bha còmhla ris ga chlàradh – Mhairi Hall, Eòghainn Mac a’ Phearsain agus Dìordaire Mhoireasdan. Bha an ìre a cheart cho math ris an CD nuair chualas na h-òrain air an àrd-làr.

Nochd fear eile le ceangal làidir ri Uibhist a-Deas anns a’ talla mhòr aig GRCH feasgar Di-Màirt – am pìobaire ainmeil Fred Moireasdan, a bha a’ cluichd ceòl on CD aige Outlands, a tha a’ dèanamh cheangal ri ceòl Bluegrass. Chan eil teagamh ann nach e Fred aon den luchd-ciùil as cruthachaile a bhios a’ cluichd ceòl dualchais an Alba aig an dearbh àm, a bharrachd air a bhith air leth comasach air cluichd air iomadh seòrsa pìoba ’s fìdeig. Bha e follaiseach nach robh an luchd-èisteachd ag iarraidh a leigeil far an àrd-làir.

Bha an leth eile ri tighinn ge-tà, ’s an sin chualas triùir a b’ àbhaist a bhith sa chòmhlan Planxty – Dónal Lunny, Andy Irvine agus Liam O’ Flynn, leis am fìdhlear Paddy Glackin cuide riutha. Bha a’ chluichd ’s an t-seinn dìreach sònraichte, ’s bha tuigse mhìorbhaileach eadar an luchd-ciùil. Se cuirm air leth math a bh’ ann o thoiseach gu deireadh.