Companaich ùra ri ar cànan ’s ar litreachas

THA The Edinburgh Companion to the Gaelic Language, deasaichte le Moray Watson agus Mich­elle NicLeòid (EUP, £20), ’na leabhar iùil don Ghàidhlig bho shealladh Sgrùdaidhean Ceilt­each.

Tha sin a’ ciallachadh gur ann sa Bheurla a tha e sgrìobhte air fad, cleachdadh stèidhichte anns na h-oilthighean Albannach. Sin a dh’aindeoin oidhirp iom­adh laoich, leithid Roy Wentworth nach maireann, gus Gàidhlig a chur gu cleachd ann a bhith a’ deasbad mun Ghàidhlig.

Ach tha mòran fiosrachaidh sna 14 caibidealan seo, gach fear le sàr-eòlach aithnichte sa chuspair fhèin, a bhios barrachd na innt­inneach do dhuine sam bith le ùidh sa chànan.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Colm Ó Baoill ag innse eachdraidh agus tùsan na Gàidhlig. Ged a tha sinn cleachdte ri bhith a’ creidsinn gur ann á
Èirinn a thàinig i an toiseach, le luchd àiteachaidh Dhail Riada, tha Ó Baoill a’ tarraing air fianais bho airceòlas gur ann an rathad eile a shiubhail i thairis air Sruth na Maoile. Seadh, gur ann ás Alba a chaidh a’ Ghàidhlig a-null a dh’Èirinn!

Ach ge b’e co ás a tha i bho thùs, tha i ann fhathast ged nach eil i ach lag. Cha d’fhuair Coinn­each MacFhionghain fàilte ro bhlàth aig cuid de sgoilearan Ceilteach dar a thàinig e le chuid ghrafaichean a shealltainn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cunntadh am figearan cruaidh, ach an-diugh cha ghabh an obair ionmholta aige a sheachnadh ma tha sinn da-rìreabh air son crìonadh na Gàidhlig a thuig­sinn. An seo tha e a’ mìneachadh cudromachd na cànain ann am beatha àbhaisteach, gu h-àraid san teaghlach.

Sann air son seargadh cànain a chur ceart a tha dealbhadh càn­ain (neo planadh cànain) ann. Tha tuairisgeul air leth ealanta agus soilleir aig Rob Dunbar air bunait agus amasan a’ chuspair seo ann an coitheacsa na Gàidhlig. Bu chòir lethbhreac den alt aige a bhith air a chur air beul­aibh gach comhairliche ’s ball pàr­lamaid anns an dùthaich cho math ri gach buidheann Gàidhlig.

Bhiodh cho math dhaibh an eachdraidh aig Raghnall Mac­illeDhuibh air litreachadh na Gàidhlig a leughadh cuideachd. Tha e annasach mar a bhios cuid fhathast a’ gearain gum bu chòir don Ghàidhlig sgrìobhte a bhith nas coltaiche ris a’ Bheurla, a dh’aindeoin cho eadar-dheal­aich­te ’s a tha an dà chànan. Se bòidhchead an fhacail sgrìobhte a tha a’ treòrachadh Mhicille­Dhuibh gus sgeulachd àlainn a dheanamh de chuspair toinnte.

Ma tha fichead nota agaibh is fhiach a chosg air an leabhar seo, a bheir iomadh uair de dheagh leughadh dhuibh ’s a bhios ’na thùs earbsach do rannsachadh.

SC

A-RITHIST ’s a-rithist ann an An Introduction to Gaelic Fiction le Moray Watson (EUP, £16.99) tha an t-ùghdar a’ ruigsinn an aon bhreitheanais ’s a ràinig mise ann an léirmheasan sa phàipear seo. An dara cuid tha seo ’na rud math (tha aonta ann, feum­aidh gun do dh’amais sinn air an fhìrinn), neo ’na dhroch rud (tha litreachas beò air deasbad, feumaidh gu bheil mi fhìn agus Watson ro choltach ri chéile).

Tha an t-aonta seo nochdaidh ann an ceistean “beaga” (ar beachd air leabhraichean agus sgrìobhad­air­ean air leth) agus air ceistean “móra”, leithid cho fada an eis­im­eil còmhraidh ’s a tha nobh­ailean Gàidhlig, cho beag ’s a bhios a’ tachairt ann am móran dhiubh (“with a few notable exceptions, Gaelic novels since the 1970s tended to avoid action”), ’s gur e litreachas “ìseal” seach “àrd” as motha a tha a dhìth: mar a tha Wat­son ga chur an céill, “books people will buy because they are enjoyable and escapist”, agus chan e idir “high-brow, ‘literary’ literature”.

Hide Ad
Hide Ad

Chan eil mi a’ cumail a-mach idir gun do nochd gach smuain a th’ aig Watson sna colbhan caola seo roimhe. Bidh e a’ faighinn gu cridhe gach cùise ’s ga chur an céill gu snasail. “Dramatic irony [is] one of Mac a’ Ghobh­ainn’s best-developed devices . . . Ephemerality – especially of beauty – is a common theme in Mac a’ Ghobhainn’s poetry, but much less so in his fiction . . . The style of presentation of the Ùr-Sgeul books is modern, glossy, attractive, energetic, vibrant, and streetwise . . . Norma NicLeòid . . . has perhaps the best ear for natural-sounding dialogue of any current fiction writer in Gaelic . . .” Et cetera.

Tha mi ag eas-aontachadh ris air corra rud beag ge-tà: mar eis­impleir, nuair chanas e gu bheil An Oidhche mus do Sheòl Sinn làn “archaic language”, gu bheil Keino “slow and ponderous”, agus gu bheil ‘Stìopaill is Rudan Eile’ aig Màiri NicGumaraid ’na sgeulachd ghoirid. (Leamsa tha e ’na aiste, ’na shàr eisimpleir den genre sin.) Aig an aon àm tha e dùnadh a shùil ri iomadh obair mhath ficsean (mar Sneachd air Druim Uachdair, agus Cò Rinn E?) a chionns gu bheil iad air an amas, co-dhiù ’na cheann fhéin, air luchd ionnsachaidh no òig­ridh. Seo loidhnichean anns a’ ghainimh nach eil mise faicinn.

An-dràsta ’s a-rithist, cuid­eachd, tha diofar eadar mi fhìn agus Watson a thaobh ar spéis do leabhraichean sònraichte. Mar eisimpleir, chuirinn-sa Cail­in Sgiathanach (1923), A’ Leth Eile (1971), Clann Iseabail (1993) agus Shrapnel (2006) nas àirde na chuireadh esan. Bheireadh esan duais na nobhail Ghàidhlig as fheàrr riamh do Dheireadh an Fhoghair (1979), bheirinn-sa do Shrapnel i. Ach is beag an diof­ar, oir se Tormod a’ Bhocsair a sgrìobh iad le chéile!

Mar leabhar-teacsa riatanach, cha d’fhuair An Introduction
to Gaelic Fiction am faiceall a
dhleas e. Chan eil aon dòigh furasta air faighinn chun an iomraidh air na nobhailean a dh’ainmich mi. Chan eil iad anns na Contents neo an Index. Fiùs nuair a ràinig mi an t-àite, cha robh bliadhna an fhoillseachaidh ann gach trup – bha agam ri dhol gu “Comp­anach MhicThóm­ais” air a son.

Mar sin, gus luach saothair Wat­son a chur an céill, b’ fheàrr dhomh cur sìos an-seo dìreach dé tha san leabhar aige. Tha sia caibidealan ann. Tha cunntas air an nobhail ghoirid aig Iain MacCormaic, Gun D’ Thug I Spéis do ’n Àrmunn (1908) anns a’ chiad thé, ‘The Origin of Gaelic Fiction’. Anns an dara té, ‘The Early Novels’, tha iomradh sgoinneil air Dùn-àluinn (1912), An t-Ogha Mór (1913) agus Cailin Sgiathan­ach am falach fo chinn mhì-chuideachail, ‘A first novel’, ‘A second novel’, ‘A third novel’.

Bheir mi seachad làn liosta nam fo-earrannan anns an treas caibidil, ‘Periodical Fiction – 1952 to the Present Day’, oir tha iad cudromach: ‘Gairm in the 1950s’, ‘Gairm in the 1960s’, ‘Gairm in the 1970s’, ‘Gairm in the 1980s’, ‘The final years of Gairm’, ‘Iain Mac a’ Ghobhainn’, ‘Iain Moir­each’, ‘Iain MacLeòid’, ‘Dòmhnall Iain MacIomhair’, ‘Rob Shirley’, ‘Rarlon Seixias (Dòmhnall Mac­Dhòmhnaill)’, ‘Eilidh Watt’, ‘Cail­ein T. MacCoinnich’, ‘Aongh­as Pàdraig Caimbeul’, ‘Màiri Nic­Gum­araid’, ‘Aonghas MacBhàtair’.

’S iad na fo-earrannan sa chaib­idil ‘The Second Wave of Novels’ ainmean nan nobhailean a dh’fhoillsicheadh bho 1971 gu 1996 – An t-Aonaran gu Cùmh­nantan agus Keino. ’Nam measg tha An Sgàineadh (1993) aig Tormod Calum Dòmhnallach, nach eil mi fhìn a’ meas ’na nobhail idir ach ’na eachdraidh-beatha – ribe eile do sgrìobhadairean air “ficsean” Gàidhlig.

Hide Ad
Hide Ad

Anns a’ chaibidil ‘Collected Stories’ tha cóig earrannan: ‘Iain Mac a’ Ghobhainn’, ‘Iain Moir­each’, ‘Pòl MacAonghais’, ‘Cailein T. MacCoinnich’, ‘Eilidh Watt’. Mu dheireadh, tha ‘Contempor­ary Fiction’ a’ déiligeadh ri “Ùr-Sgeul” fo cheann an dusain ùghdar a nochd anns an t-sreath gu 2009 – Màrtainn Mac an t-Saoir gu Alison Lang.

Tha Watson eòlach air briathrachas litreachais an là an-diugh, leithid “backstory”, ach tha e a’ sgrìobhadh Beurla shìmplidh a thuigeas duine sam bith. Fìor chorr uair tha i a’ faighinn làmh an uachdar air, leithid nuair a chanas e “Watt’s books A’ Bhratach Dheàl­rach (1972) and Gun Fhois (1987) substitute the science-fiction for the supernatural” – se a chaochladh as ciall dha, saoil­idh mi. Tha e math air ficsean Gàidhlig a cheangal ri soiseòlas na Gaidhealtachd. Gu tric nuair tha beachd nas fheàrr aig critig eile tha Watson ga ainmeachadh. Tha e deònach breitheanas làidir a thoirt, ach chan ann gun adhbhar, leithid: “Tilleadh
Dhachaigh is the best of Caimbeul’s novels to date, perhaps because it is closest in form to the short story, which I would argue is his strongest medium as a writer.” Ach thoir an aire: tha e nas deònaiche na léirmheasair sam bith crìoch stòiridh a leigeil ris!

Feumaidh An Introduction to Gaelic Fiction a dhol air an sgeilp agad ri taobh An Introduction to Gaelic Poetry aig MacThómais (leabhar a tha a dhà uiread ris). Tha beàrn mór ann an eachdraidh ar litreachais air a lìonadh.

RMD