Càirdeas, comann agus gaol

Sann le Màiri Anna NicDhòmhnaill a tha an sgeulachd-ghoirid bhliadhnail againn

THA Ceit cho mosach ri – well, chan eil, bha mi dol a ràdh “cho mosach ris an t-Sàtan”, ach chan eil buileach: bheireadh i dhut cupa tì nan tadhladh tu staigh (ach tha iad ag ràdh gu bheil i cleachdadh an aona tì-bag trì tursan nuair nach eil aice ach i fhéin – cha b’ urrainn dhi sin a dhèanamh agus Èirdsidh a-staigh far na rigs, ’s toil le Èirdsidh deagh chupa tì, cho làidir ri each, no co-dhiù an aon dath ris a’ Chross Hereford th’ aca shìos sa Ghlaic – agus chuireadh i briosgaidean teoclait air truinnsear dhut cuideachd, nach fhaca mi iad le mo dhà shùil fhèin – chan e gun do bhlais mi orra, chunnaic mi mullach a’ selection box ga sgioblachadh dhan phreasa ’s mhionnaichinn gun iad siud na dearbh fheadhainn a fhuair i ann an rafail a’ Show an-uiridh.

Dé, ceannach tiogaid rafail, feumaidh nach eil i cho mosach sin? Bheil thu glan ás do bheachd? Flòrag a piuthar a cheannaich dhi iad, Flo bhochd ’s a sùil a’ laighe air na bath salts, feadhainn dhaor, bha iad àlainn – cha leigeadh i leas, cha tàinig aon nì a rathad-se, ach fhuair an t-éile an tuba mór bhriosgaid, ’s chaidh a stobhaigeadh dhan bhaga ’s cha robh an còrr mu dheidhinn.

. . . ?

Hide Ad
Hide Ad

Nach e sin tha mi feuchainn ri chur ’nad cheann? Cha bhiodh dùil agamsa ri préasant bho Cheit ged a bhithinn air leabaidh a’ bhàis, ’s gu dearbh cha bhitheadh an uair sin, chanadh i rithe fhéin gum beag feum a bh’ agam air dad ri leughadh no CD ri éisteachd ann am flaitheanas agus na h-ainglean a’ dalladh air a’ Hallelujah Chorus o mhoch gu dubh. Cóig bliadhn’ deug thar fhichead air an aon sràid ann am Partaig, agus sinn anns na dubh-oghaichean cho cinnteach ’s a tha mi beò – fhios agad mar a phòs an t-éile dà thuras aig àm a’ Chrimea, smaoineachadh gu robh am fear eile air a chur fon ùir le droch làimhseachadh Florence Nightingale . . . ?

O dé ’n diofar, innsidh mi dhut a-rithist e, ach co-dhiù, chan fhaca an rud bu shuaraiche bhuaipe siud riamh, Nollaig ann no ás, Bliadhn’ Ùr, ceann-bliadhna no baisteadh leanaibh, mura b’è nuair a rugadh Ailean, thàinig i le ultach de sheann bhadain ’s de sheacaidean beaga riabhach a bh’ aig Ann’ acasan sia bliadhna roimhne sin, mar gum bithinn-sa dol a chuir pinc air a’ bhalach, chan e gu robh cus pinc air fhàgail unnta, bha iad air an goil gu bàs aice agus iad cho cruaidh ri seann anairt a bha fad samhraidh ri todhar – ise, dh’fhaodadh i bhith air rud brèagha a choreigin a thoirt á Mothercare, ’s an t-airgead pailt mu làmhan, pailt ga chunntas ’s ga ghlasadh seachad, sin dìreach e, chan ann ga leigeil ma sgaoil a ghliongadaich sna bùithtean.

. . . ?

Nach eil mi ag innse dhut? Madainn an-diugh ’s mi foighneachd dhomh fhèin am beantraiginn aodach a chuir air an ròpa, no am biodh dad agam air a shon ach gum biodh mo ghùintean- oidhch’ aca ann an Sgalpaigh feasgar – bruidheann air droch shìde! Ach có shiab a’ ghaoth chun an dorais ach thusa Cheit. Bogsa mór ga fhàsgadh ri a brollach – na can thusa aon fhacal – pàipeir gleansach dearg, tiogaid le fiadh air mar nach biodh gu leór dhiubh air a’ chnoc, agus ann an dubh ’s an geal, no co-dhiù biro gorm: “Gu Dolag le Tòrr Goal” – sè, goal, cha b’è litreachadh a’ Special Subject aice riamh, ist chan eil gnothaich aige sin ris, ged a bhiodh i air gual a dhèanamh dheth, ach sè ’m bocsa!

Deagh chuideam ann cuideachd, cha robh fhios ’m dé chanainn. “Aithneachadh beag” ars ise – beag, còrr agus troigh air gach taobh dheth – “aithneachadh beag, ’s math a bhith cuimhneachadh air na càirdean aig an àm sa, neise chan fhan mi idir, chan eil mi ach a’ seasamh air an làr” – càit’ eile an ainm an àigh, air a’ bhòrd? – “o cha ghabh a ghràidh, tha ’n càr agam . . .” agus mach leatha. Agus “Na fosgail gu 25/12” air an tiogaid . . .

Dé? Bheil thu glic? ’S mì dh’fhosgail, anns a’ mhionaid uarach, agus cha chreideadh tu, an dearbh rud a bha a dhìth orm, blender àlainn agus nì e a h-uile càil dhut, eadar bualadh agus slisneadh agus gearradh – bha mise cho faoin, cuimhn’ agad nuair a bhuinnig mi fear aig a’ W. I. an-uiridh agus mi cho cinnteach nach dèanainn dad gu bràth leis – nach tu fhéin a thug leat e gu bùth charthannais Phort Rìgh, feumaidh tu oisean a lorg dha na rudan sin pìos on taigh mus fhaic duin’ iad ’s gun gabh iad san t-sròin e gun tug thu seachad iad, cha robh dòigh air thalamh sa b’ urrainn dhomh a chur dhan Bhring and Buy air an Tairbeart . . . Ach Port Rìgh, bha sin sàbhailte gu leór; chan eil latha bhon uair sin nach do ghabh mi aithreachas, eadar e fhéin ag eubhach son ugh air a bhualadh no Ailean a’ bleadraich mu smoothies agus mise ann a-shiud leis an t-seann inneal ’s an gàirdean gu tuiteam dhiom.

Coma leat dheth sin, sè a’ cheist, càit’ an lorg mise rud a bheir mi dhìse agus an Nollaig gu bhith air ar muin a-màireach fhéin gun nì as d-fhiach air fhàgail sna bùithtean, ach gu dearbha fhéine cha bhi e aice siud ri ràdh gun do chosg i fhéin deich nota fichead . . .

. . . !

Thug thu lioft dhi a Ghlaschu? Tha fhiosam, dé mu dheidhinn – nach bi sibh a’ stad ann am Port Rìgh son greim beag an còmhnaidh . . .

. . .

Hide Ad
Hide Ad

Càite ’n deach i? Agus tilleadh le bogsa mór? Chan fhac’ thu . . . bheil thu ag ràdh rium . . . an tràill, ma thug i cóig fhéin air!

• Thug Màiri Anna NicDhòmhnaill bliadhnaichean air tir-mór an sàs ann an compiutaran agus craoladh. Tha i an-diugh a’ fuireach ann am Beàrnaraigh na Hearadh agus an sàs ann an cànain, sgrìobhadh agus fighe. Sgrìobh i trì leabhraichean cloinne ’s aon leabhar inbheach – “Cleas Sgàthain”, 2008.