Cà’il seann chaisteal nan Leòdach?

THA taobh sear Eilean Leódhais a-nist air “làimhseachadh Lawson” fhaigh­inn. Chan eil mi ciall­achadh eachdraidh mhionaid­each nan croitean ach a chaochladh. Se Bill Lawson, Lewis in History and Legend: The East Coast (Birlinn, £10.99) an ceathramh leabhar san t-sreath “History and Legend” aige: rinn e na Hearadh, taobh siar Leódhais agus Uibhist a-Tuath mar-thà. Agus bho rinn e leabhar na Hearadh, chaidh Bill air uilinn, mar dhuine a dhùin a shùilean, a thòisich a’ film a’ rol­adh ’na cheann, le cuimhne air daoine, air àiteachan, air dealbh­an, air teacsaichean, agus abracadabra! Tha gach nì air a thrusadh ’na leabhar.

Thug Bill a liuthad òraid ’na liuthad talla coimhearsnachd ’s gu bheil freagairt gach ceist aige mun téid a faighneachd. Aig bàrr an liosta FAQs a réir choltais: “Càite bheil seann chaisteal nan Leòdach?”

Fo chidhe Steòrnabhaigh. Tha Bill a’ toirt ro-ràdha dha, le seann dealbh camara dheth, a’ coimh­ead truagh. An uair sin tha e gar toirt leis air sgrìob thaitneach tron dùthaich, bho Tholasta gu iomallan SY, a-mach air an Rubha, tro Sgìre nan Loch agus air ais gu cridhe a’ cheannabhaile.

Hide Ad
Hide Ad

Cha bhi duine gan innse col­tach ri Bill. Bidh e a’ cleachdadh ain­mean-àite Gàidhlig ann an sruth de Bheurla, leithid “Bac Comann Eachdraidh” agus “Nis­each sheilings”. Tha e geur air rannan Gàidhlig a thoirt dhuinn ach cha chleachd e sràc. Anns a h-uile dòigh se còrr agus treòr­aiche-turasachd a th’ aige oir tha móran de na dealbhan sean, tha iad uile dubh ’s geal, agus bidh e a’ leantainn muinntir an àite a-null thar chuain – ann an deal­bh­an cho math ri faclan.

Mar sin tha an leabhar ’na
mheasgan beòthail, làn dibhearsain, annas eile a’ feitheamh air gach duilleig, leabhar-scrapaich­ean gu ìre ach le pearsantachd gheanail an ùghdair a’ cumail rian.

Uibhist a-Deas a-nist? Beinne Bhadhla? Barraigh?