Cànan, Litreachas agus Eachdraidh a' Leudachadh Saoghal na Gàidhlig

'S e co-labhairt eadar-nàiseanta air an rannsachadh as ùire agus as cudromaiche air cuspairean a tha a' buntainn ris a' Ghàidhlig a th' ann an Rannsachadh na Gàidhlig. Bidh i a' gabhail àite gach dàrna bliadhna ann an oilthigh eadar-dhealaichte anns a bheil roinnean Gàidhlig no Ceiltis agus chaidh a cumail aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, aig deireadh an Ògmhios. 'S e seo an dàrna turas a ghabh i àite aig an t-Sabhal, a' chiad uair ann an 2006.
Co n òinseach rinn an t-amhran?: Forgotten poets of the Evangelical movement le Anne Macleod Hill, Oilthigh Dhùn Èidean. Picture: ContributedCo n òinseach rinn an t-amhran?: Forgotten poets of the Evangelical movement le Anne Macleod Hill, Oilthigh Dhùn Èidean. Picture: Contributed
Co n òinseach rinn an t-amhran?: Forgotten poets of the Evangelical movement le Anne Macleod Hill, Oilthigh Dhùn Èidean. Picture: Contributed

Thòisich Rannsachadh na Gàidhlig ann an 2000, nuair a chuir an Roinn Cheiltis aig Oilthigh Obar Dheathain co-labhairt air chois, mar chomharra air an linn ùir. Bha e fa-near dhan Roinn cothrom a thoirt do sgoilearan, sean is òg, an smuaintean ùra mun Ghàidhlig agus mu litreachas agus cànan na Gàidhlig, agus eachdraidh na Gàidhealtachd, a chur air beulaibh dhaoine. Chòrd a’ cho-labhairt cho math ri daoine agus gun do rùnaich Bòrd na Ceiltis, àrd-bhuidheann ùghdarrasach a bhios a’ riochdachadh nan Roinnean Ceiltis is Gàidhlig ann an oilthighean na h-Alba, co-labhairt dhen t-seòrsa seo a chumail gach dàrna bliadhna, a chuireadh cuairt air na h-ionadan anns an robh a’ Ghàidhlig air a teagasg agus far an robh rannsachadh ga chur air adhart. ‘S ann mar seo a thòisich na co-labhairtean eile a th’ air a bhith air an cumail ann an Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier ann an Antigonis agus Oilthigh Obar Dheathain.

Thàinig còrr is ceud neach chun na co-labhairt aig an t-Sabhal bho air feadh Bhreatainn agus Èireann agus bho thall thairis. Bha triùir à Alba Nuadh am measg na thug seachad òraidean. Ghabh cuid eile pàirt bho astar. Mar eisimpleir chaidh an òraid aig an sgoilear ainmeil, Nancy Dorian, a tha stèidhichte anns na Stàitean Aonaichte, a lìbhrigeadh air Skype.

Hide Ad
Hide Ad

Uile-gu-lèir, chaidh seachd prìomh òraidean a lìbhrigeadh. Thàinig iad sin bho Ailean Dòmhnallach - ‘Buaidh an t-Saoghail Eile ann an Ceòl is Òrain’; an Dr Màrtainn MacGriogair - ‘Some Thoughts on the Clearances’; Nancy Dorian - ‘Speaking Gaelic: Cò tha di-beathte?’; an Dr Michelle NicLeòid - ‘Fèin-aithne agus Fèin-dealbhadh ann an Dràma Gàidhlig’; Raghnall MacilleDhuibh - ‘Baileadan Inbhir Aora’; an Dr Anja Gunderloch - ‘Political Subtexts in the Poetry of Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir’ - agus an t-Oll. Roibeard Ó Maolalaigh - ‘Caochlaideachd Chumanta sa Ghàidhlig: Fuasglaidhean ùra’.

Thuirt an t-Oll. Meg Bateman bho SMO, a bha an sàs ann a bhith a’ cur RnG na bliadhna sa air dòigh, “Chuir a’ cho-labhairt an cèill dhomh cho farsaing is domhainn is a tha cuspair na Gàidhlig. Tha e doirbh a ràdh cò an òraid a bu drùidhtiche – ’s dòcha an tè aig Nancy Dorian (a sgrìobh Language Death: Life Cycle of a Scottish Gaelic Dialect) is i a’ bruidhinn air Skype à Maine, a bha gar comhairleachadh fàilte a chur air gach seòrsa Gàidhlig; no an tè aig Rob Ó Maolalaigh a rinn cànanachas eachdraidheil mar whodunit is e a’ coimhead air an innleachd ùr DASG (Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig) gus ceumannan àrsaidh a rùsgadh ann am faclan a bhios sinn a’ cleachdadh gach latha.”

A bharrachd air na prìomh òraidean, bha gach latha loma-làn de sheiseanan phàipearan leth uair a thìde, 63 dhiubh uile-gu-lèir, a bha a’ tairgsinn farsaingeachd de chuspairean bho ‘Roghainnean Phàrantan am Foghlam’ gu ‘Sgrìobhadh sa Ghàidhlig san Latha an-Diugh’; ‘Feòlmhorachd na Filidheachd’ gu ‘Seanchas Global Gaelic Jukebox’.

Chaidh cuideachd ceithir leabhraichean ùra a chur air bhog - Ainmeil thar Cheudan: Presentations to the 2011 Sorley MacLean Conference, deas. le Ronald W. Renton agus Ian MacDonald; Cànan & Cultar/Language & Culture: Rannsachadh na Gàidhlig 8, deas. le Wilson McLeod, Anja Gunderloch agus Rob Dunbar; A’ Ghàidhlig agus Beachdan nan Sgoilearan: cothroman leasachaidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, Sìleas L. NicLeòid agus Crotal Ruadh, leabhar bàrdachd le Sandaidh NicDhòmhnaill Jones, Acair Earr.

Bha cothrom ann feasgar Diardaoin sgrìob a ghabhail le roghainn de thursan tlachdmhor a’ gabhail a-steach turas mara air sgoth gu Cnòideart, Taigh Mòr Chanaigh, Sgìre an t-Sratha tro arc-eòlas agus Caisteal is Gàrradh Armadail.

A thuilleadh air còmhradh is cnuasachadh ann am pailteas, fhuair na bha an làthair deagh mheasgachadh de cheòl tron t-seachdain cuideachd bho leithid Art MhicCormaig, Fiona NicCoinnich is a càirdean, Ceòl Òigridh Shlèite (air a dhèanamh suas de Rodachan MacFhionghain, Cara-Marie NicCalmain agus Emily NicDhòmhnaill a tha uile ann am Bun-sgoil Shlèite) agus Eilidh NicPhàidein is a càirdean a chuir crìoch air gnothaichean Oidhche Haoine le cèilidh san Talla Mhòr.